Airson clann san Sgoil-àraich agus P1
- Bruidhinn ris an leanabh agad mu iad a bhith a’ tighinn chun nan co-dhùnaidhean aca fhèin agus a bhith nàdarrach mun deidhinn fhèin. Co-roinn cuid de dh’eisimpleirean mu àm an uair a bha thu a’ faireachdainn fo bhruthadh a bhith gad ghiùlain fhèin ann an dòigh shònraichte agus mar a bha thu a’ faireachdainn.
- Iarr air an leanabh agad dealbhan a tharraing de na nithean as toigh leotha a bhith a’ dèanamh. Bruidhinn air mar a dh’fhaodadh e a bhith a’ còrdadh rin caraidean a bhith a’ dèanamh nithean diofraichte. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh gum biodh e a’ còrdadh ri aon neach a bhith a’ falbh air baidhsagail agus neach eile a bhith a’ coiseachd.
- Mìnich gu bheil e cudromach a bhith nàdarrach mud dheidhinn fhèin agus mar as urrainn do nithean diofaraichte a bhith nan deagh nì.
Airson clann ann am P2/P3/P4
- Faighnich dhan leanabh agad mu na nithean deimhinneach a bhios iad a’ faicinn an uair a bhios iad air-loidhne. A bheil nithean àicheil ann a chunnaic iad no a chuala iad mu dheidhinn?
- Bruidhinn mun dòigh a dh’fhaodadh an leanabh agad a bhith fo bhuaidh telebhisein no nithean a chì iad air-loidhne. Mar eisimpleir, sanasachd dhèideagan, biadh agus deochan. Dèan liosta de chuid de nithean a tha an leanabh agad a’ miannachadh no air iarraidh mar thoradh air a bhith gam faicinn air-loidhne.
- Bruidhinn ris an leanabh agad mu nì sam bith a chì iad air-loidhne a tha air a phostadh len caraidean. A bheil càil ann uair sam bith ris nach eil iad ag aontachadh? Dè a dhèanadh iad nan dèanadh no nan canadh caraid rudeigin air-loidhne nach robh a’ còrdadh ris an leanabh agad no ris nach robh iad ag aontachadh?
Airson clann ann am P5/P6/P7
- Faighnich dhan leanabh agad mu na caraidean aca agus carson as toigh leotha a bhith a’ cur tìde seachad còmhla riutha. Am bi an caraidean uair sam bith a’ dèanamh nithean a bhios a’ cur dragh orra? Ma bhios, ciamar a bhios seo a’ toirt orra a bhith a’ faireachdainn agus ciamar a bhios iad a’ faighinn freagairt dhan seo?
- Am bi an caraidean uair sam bith a’ dèanamh nithean a tha amaideach no cunnartach? Bruidhnibh mu na nithean a dh’fhaodadh tachairt nan dèanadh iad a leithid sin de nithean.
- Am bi an caraidean uair sam bith a’ misneachadh an leanabh agad gu bhith a’ dèanamh nithean a tha iad dhen bheachd nach bu chòir dhaibh a bhith a’ dèanamh? Ciamar a bhiodh iad a’ faireachdainn nam biodh iad air am bruthadh gu com-pàirt a ghabhail ann?
- Bruidhinn ris an leanabh agad mu bhith a’ cleachdadh teicneòlas air-loidhne. Am bi an caraidean uair sam bith ag ràdh rudan no a’ roinn fiosrachadh nach bu chòir dhaibh? Dè a dhèanadh an leanabh agad san t-suidheachadh seo? Dè a bu chòir dhaibh a dhèanamh nam biodh iad air am bruthadh gus rudeigin a phostadh no a ràdh air-loidhne?
Airson daoine òga aig ìrean ÀS1/ ÀS2/ ÀS3
Tha mòran nithean deimhinneach ann mu bhith beò ann an saoghal a tha sìor fhàs didseatach.
- Sgrìobh liosta de dh’eisimpleirean deimhinneach mu bhith a’ cleachdadh teicneòlas didseatach.
- Iarr air daoine eile (dh’fhaodadh iad a bhith san teaghlach agad fhèin) mun dòigh sam bi iad a’ cleachdadh teicneòlas didseatach nam beatha, agus an diofar deimhinneach a tha e a’ dèanamh. Mar eisimpleir, faodaidh iad tiogaidean-siubhail a cheannach no tachartasan a bhucadh air-loidhne.
- Ach faodaidh taobh eile a bhith air teicneòlas didseatach cuideachd. Sgrìobh liosta de na nithean àicheil a dh’fhaodadh a thighinn bho bhith a’ cleachdadh teicneòlas didseatach.
- Ma tha thu air rudeigin fhaicinn no a dhèanamh air-loidhne a tha a’ dèanamh dragh dhut, na cùm sin agad fhèin. Smaoinich air inbheach anns a bheil earbsa agad ris am b’ urrainn dhut bruidhinn no air am b’ urrainn dhut cuideachadh iarraidh.
- Dè as urrainn dhut a dhèanamh mu stuth air-loidhne air a bheil thu a’ tighinn tarsainn a tha mì-iomchaidh, gad chur troimhe-chèile no a tha mì-laghail?
- Beachdaich air cuid de thaobhan de bhith a’ cleachdadh teicneòlas didseatach a tha a’ nochdadh riosgan no a tha a’ cur uallach ort. Faigh a-mach tuilleadh mu dhòighean air dèiligeadh ris na cùisean sin le bhith a’ coimhead airson comhairle air-loidhne.