Do dhaoine òga aig ìrean ÀS1/ÀS2/ÀS3
Fhad ’s a bhios sibh a’ tilleadh don sgoil, tha e cuideachail a bhith a’ smaoineachadh air a’ bhliadhna sgoile a tha ri teachd agus na tha sibh airson a choileanadh. Mar eisimpleir, a’ toirt air adhart sgilean sònraichte airson ur fileantachd ann an Gàidhlig a leasachadh, cuspair no raon ionnsachaidh. Tha e cudromach a bhith a’ smaoineachadh air na ceumannan a dh’fheumas sibh a ghabhail gus togail air ur soirbheasan.
- Sa ghnìomh seo, tha thu a’ dol a dh’ullachadh agus a lìbhrigeadh taisbeanadh goirid a tha a’ cuimseachadh air còig targaidean a tha thu airson a choileanadh am-bliadhna. Mu choinneamh gach targaid, feumaidh tu gnìomhan a ghabhail a-steach gus do chuideachadh le do thargaidean a ruighinn. Bu chòir don taisbeanadh a bhith mu 7 mionaidean a dh’fhaid, agus a bhith air a lìbhrigeadh do bhall den teaghlach no budaidh Gàidhlig.
- Ann an suidheachadh thargaidean, tha e cudromach gu bheil iad GLIC. Bu chòir dhaibh a bhith SÒNRAICHTE, TOMHASAIL, RUIGSINNEACH, FÌOR-RIOCHDAIL agus TRÀTHAIL.
- Bu chòir don taisbeanadh agad do luchd-èisteachd a thoirt tro gach targaid fa leth agus iomradh a thoirt air:
- carson a tha thu airson an targaid a choileanadh
- mar a tha thu a’ dol ga dhèanamh – dè na gnìomhan a chuireas tu an cèill agus cuin
- ciamar a bhios fios agad nuair a tha thu air do thargaid a choileanadh, agus
- dè a’ bhuil dheireannach a bhios ann.
Tha e cudromach gum planaig thu an taisbeanadh agad ro-làimh agus gun ullaich thu airson ceistean a bharrachd aig an deireadh.
- Seo structar sìmplidh a dh’fhaodadh tu a leantainn airson an taisbeanaidh agad:
- ro-ràdh (1 mhionaid),
- dèan mìneachadh air gach targaid (5 mionaidean) agus
- crìochnaich do thaisbeanadh / iarr ceistean (1 mhionaid).
Dh’fhaodadh gum bi thu airson taisbeanadh didseatach ullachadh mar thaic dhut nuair a tha thu a’ lìbhrigeadh an taisbeanaidh agad.
- Aig deireadh an taisbeanaidh, faighnich don luchd-èisteachd an dèanadh iad nì sam bith ann an dòigh eadar-dhealaichte bhuatsa, agus a bheil iad a’ smaoineachadh gu bheil na targaidean agad GLIC no dùbhlanach gu leòr?
- Cùm clàr de na targaidean aontaichte agad agus roinn iad leis na tidsearan agad gus an urrainn dhaibh sùil a chumail air agus taic a thoirt don adhartas a tha thu a’ dèanamh.