Last Updated: Tuesday, July 21, 2020

Dìreach facail – sgoil àraich agus bun-sgoil

What is this?

Cluichibh geamannan còmhla gus clann a chuideachadh gu litrichean, fuaimean, litreachadh agus facail ùra ionnsachadh!  

’S e gnìomh a tha seo a dh’fhaodas sibh a dhèanamh barrachd na aon turas.

Do chlann san Sgoil-àraich agus P1

  • Dè an rann chloinne no an t-òran as fheàrr le do phàiste? Dè an fheadhainn as toigh leotha a bhith a’ seinn còmhla riut? Bruidhinn le do phàiste mu dheidhinn nan rann agus nan òran as fheàrr leotha.
  • Tagh dèideag, nì air choreigin san taigh, no tarraing dealbh a tha a’ dol leis an rann/òran. Mar eisimpleir, airson ‘Tha sinn a’ dol dhan sù’, lorg dèideag beathaich no tarraing dealbh dheth.
  • Gabh tursan leis a’ phàiste agad a’ dùnadh do shùilean, a’ ruighinn a-steach don bhaga agus an uair sin a’ seinn an rainn/òrain a tha thu air a thaghadh!
  • Nam bu mhath leat tuilleadh bheachdan mu roinn rannan le do phàiste, tha app aig Bookbug, leabharlann rannan agus seiseanan Bookbug air-loidhne. Faic:

    https://www.scottishbooktrust.com/topics/gaelic

    agus

    https://www.gaidhlig.scot/cleachdi-aig-an-taigh/.

Do chlann aig ìrean P2/P3/P4

  • Tha spòrs le facail a’ còrdadh ri clann.
  • Is e gèam tomhais a tha seo, do am feum thu pàipear agus peansail.
  • Tagh beagan fhacail ann an Gàidhlig a tha do phàiste air a bhith a’ cleachdadh ann an còmhraidhean no san leughadh aca. Dh’fhaodadh gur e facail a th’ ann a tha do phàiste air cur air chuimhne bho ghnìomhan eile de #ScotlandLearns.
  • Innis don phàiste agad cia mheud litir a tha san fhacal a thagh thu. Tarraing loidhne ghoirid do gach litir san fhacal.
  • Iarr air do phàiste na litrichean san fhacal a thomhais. Gheibh iad puing do gach litir a gheibh iad ceart. Ma nì iad tomhas ceàrr air litir, tha thusa a’ faighinn puing.
  • Faodaidh tu an gèam seo a dhèanamh le abairtean agus ceistean cuideachd.
  • Iarr air do phàiste riaghailtean eile a chur ris a’ ghèam. Mar eisimpleir, faodaidh tu crìochan a chur air an àireamh de litrichean a dh’fhaodas tu a thomhas, agus an uair sin faodaidh àm sònraichte a bhith agad airson am facal a thomhas. Brosnaich do phàiste gu bhith cruthachail ann an dèanamh riaghailtean ùra don ghèam seo.

Do chlann aig ìrean P5/P6/P7

  • Cuidichidh an gnìomh seo thu gu cuimhneachadh mar a chanas tu gu bheil thu/nach eil thu air rudeigin a dhèanamh. Airson seo, thathar a’ toirt dhut òrdugh.

Tagh dòigh air do fhreagairtean a thaisbeanadh.

Seo eisimpleir.

Dùin an doras:

Ceist - An do dhùin thu an doras?

Freagairt - Dhùin mi an doras.   Cha do dhùin mi an doras.

Feuch iad seo:

  1. Suidh sìos
  2. Seas
  3. Gabh glainne uisge
  4. Ith briosgaid
  5. Fuirich aig an taigh
  6. Nigh do làmhan
  7. Èist ri BBC Alba
  8. Fosgail an uinneag
  9. Cluich ball-coise
  10. Coimhead an telebhisean
  • Sgrìobh òrdughan eile.
  • Atharraich iad gus ceist fhaighneachd agus thoir seachad freagairt tha agus chan eil.
  • Dèan suas gèam no postair gus cuideachadh le cuimhneachadh air na riaghailtean sin.