Do dhaoine òga aig ìrean ÀS1/ÀS2/ÀS3
Tagh dà dhiofar teacsa mun chuspair atharrachadh gnàth-shìde. Coimhead, èist no leugh na teacsaichean fhad ’s a tha thu a’ gabhail notaichean mu dheidhinn na tha thu ag ionnsachadh mu atharrachadh gnàth-shìde. Meòraich air na diofar bheachdan a chuireadh air adhart agus thoir an aire do theachdaireachdan no contrarrachdan coitcheann sam bith eadar an dà theacsa.
Faodaidh an teacsa a bhith mar leabhar, pàipear-naidheachd no artaigil air loidhne, prògram telebhisean, podcast no cliop bhidio air loidhne. Dèan cinnteach gun tagh thu teacsaichean bho thùs earbsach, leithid am BBC no pàipear-naidheachd de chàileachd.
Is e sgil a th’ ann an gabhail notaichean a tha a’ cur taic ri ionnsachadh. Feumaidh tu an sgil seo a leasachadh gus am faigh thu am brìgh as àirde às na notaichean agad. Seo beagan mholaidhean mu dhòigh air a bhith soirbheachail air gabhail notaichean. Tha iad seo gu h-àraid feumail nuair a tha thu a’ gabhail notaichean bho thaisbeanadh labhairteach chuideigin eile no bho theacsa sgrìobhte.
- Co-dhùin dè a tha cudromach
Èist/coimhead a-mach airson prìomh abairtean mar ‘is e an nì as cudromaiche …’ san teacsa. Tha seo mar shoidhne mhòr a tha ag innse dhut gu bheil pìos fiosrachaidh riatanach a’ tighinn a tha gad threòrachadh gu do pheann a dhèanamh deiseil airson nota a ghabhail dheth.
- Bi nad neach-èisteachd/leughadair gnìomhach
Tha e furasta leigeil le d’ inntinn falbh agus cuspair an deasbaid no an taisbeanaidh a chall, mar sin feuch ri dlùth-aire a chumail agus èist gu math.
- Cleachd dathan
Airson barrachd soilleireachd, agus gus do dhòighean èisteachd/leughaidh a leasachadh, cleachd diofar dhathan ince nuair a tha thu a’ gabhail notaichean. Faodaidh tu cuideam a chur air diofar thaobhan den artaigil le bhith ag atharrachadh gu dath eile. Tha seo gu h-àraid feumail ma bhios feum agad air na notaichean a-rithist airson aithisg a sgrìobhadh no ath-obair do dheuchainnean.
- Na sgrìobh a h-uile facal
Is e prìomh adhbhar a bhith a’ gabhail notaichean, a bhith comasach air geàrr-iomradh a dhèanamh air fiosrachadh ann an cruth diofraichte agus nas giorra airson an cleachdadh às dèidh làimh. Mar sin, ma dh’fheuchas tu ris a h-uile facal de dh’òraid no de leabhar a sgrìobhadh, bidh tu air dheireadh ann an ùine ghoirid agus caillidh tu brìgh na thathar a’ taisbeanadh dhut.
A’ cleachdadh nan notaichean agad mar thaic do d’ obair, cruthaich taisbeanadh airson a roinn le teaghlach/luchd-cùraim agus/no caraidean. Dh’fhaodadh tu seo a thaisbeanadh ann an stoidhle òraid no clàraichte mar bhidio ghoirid. Dh’fhaodadh tu cairtean, notaichean co-roinnte no PowerPoint a chleachdadh mar dhòigh air do thuigse a thaobh buaidh atharrachadh gnàth-shìde a roinn, na h-adhbharan air a shon agus na fuasglaidhean a dh’fhaodadh a bhith comasach. Cuir cuideam air diofaran beachd sam bith mu atharrachadh gnàth-shìde do bheil thu a’ mothachadh eadar an dà theacsa.
Cha bu chòir don taisbeanadh a bhith nas fhaide na 10 mionaidean.