Last Updated: Tuesday, July 21, 2020

Àite matamataig sa bheatha làitheil – àrd-sgoil

What is this?

Cuidichidh an gnìomh ionnsachaidh seo daoine òga gu àite matamataig sa bheatha làitheil agus san àite-obrach, a rannsachadh.

Do dhaoine òga aig ìrean ÀS1/ÀS2/ÀS3

Pàirt 1

  • Smaoinich air an dreuchd a tha matamataig agus àireamhachd a’ coileanadh sna gnìomhan làitheil agad. Is e cuid de raointean air am faodadh tu beachdachadh agus a rannsachadh:
  • d’ eòlas air agus cleachdadh air uair, a’ gabhail a-steach obrachadh a-mach ùineachan uarach agus a’ cleachdadh uair gus planadh airson thachartasan
  • taobhan de dh’airgead a’ gabhail a-steach tuairmseachadh, caitheamh agus sàbhaladh
  • na sgilean àireamhachd a bhios tu a’ cleachdadh nuair a tha thu ag ullachadh biadh
  • an t-àite a tha aig àireamhachd agus/no matamataig san spòrs as fheàrr leat
  • ma tha thu an sàs ann an gèamadh, a bheil fios agad dè an t-àite a tha aig matamataig / àireamhachd ann an leasachadh gheamannan?
  • Deilbh postair no diagram damhain-allaidh gus an t-àite a tha aig matamataig agus àireamhachd nad bheatha, a thaisbeanadh. Feuch ris na sgilean a ghabhail a-steach, a tha thu a’ leasachadh anns na gnìomhan làitheil agad uile. Gheibhear cuid de chuimhneachain mu mhatamataig agus sgilean àireamhachd an seo:
    https://education.gov.scot/parentzone/Documents/Final_Gaelic_ImportanceNumMaths.pdf

Pàirt 2

  • Rannsaich na sgilean matamataigeach a tha riatanach airson raon de dhreuchdan, a’ gabhail a-steach sgilean ann an cuspairean Saidheans, Teicneòlas, Einnseanaireachd agus Matamataig (STEM). Tha fiosrachadh feumail mu STEM ri fhaotainn an seo:
    https://www.storlann.co.uk/stem/
  • Cuir ceistean air buill den teaghlach mu na h-obraichean a tha iad a’ dèanamh. Ciamar a tha matamataig agus àireamhachd air an cleachdadh sna h-obraichean sin? A bheil thu ag aithneachadh gin de na sgilean a tha buill den teaghlach a’ cleachdadh sna h-obraichean sin? Dèan coimeas eadar iad sin agus am postair no an diagram damhain-allaidh a chruthaich thu roimhe.