Do chlann aig ìrean Sgoil-àraich agus P1
- Cruinnich measgachadh de dhiofar shoithichean leithid botail phlastaig agus copanan plastaig a tha falamh. Faodaidh tu an suidheachadh cluiche seo a chur air bhonn a-muigh le mias no lòn plubraich no a-staigh san amar-nighe, fras-nighe no aig an t-sinc. Faodaidh tu builgeanan a chur a-steach don chluich ma tha thu ag iarraidh.
- Cluichibh lìonadh agus falamhachadh shoithichean agus rannsachadh an uisge. Faodaidh tu cànan matamataigeach a bhrosnachadh no a mhodaileadh leithid làn, falamh, trom no aotrom. ‘Tha mo chopan loma-làn a-nis, tha mi a’ dol a dhòrtadh an uisge air fad a-mach gus am bi e falamh.’
- Airson dùbhlan faodaidh sibh cluich agus coimeasan a dhèanamh - ‘Dè tha làn? Dè am fear as truime? An urrainn dhut am fear seo a dhèanamh nas aotruime?’