Last Updated: Tuesday, July 21, 2020

Gnàth-chùrsaichean teaghlaich – tràth-bhliadhnaichean agus Prìomh 1

What is this?

Cuidichidh an gnìomh seo an leanabh agad gu bhith ag ionnsachadh mu na diofar ghnàth-chùrsaichean a tha ann am beatha teaghlaich agus a bhith gan cur ann an òrdugh.

Do chlann aig ìrean Sgoil-àraich agus P1

Bruidhinn ris an leanabh agad mu an gnàth-chùrsa làitheil agus na nithean eadar-dhealaichte a bhios sinn a’ dèanamh aig diofar amannan tron latha. Faodaidh iad dealbhan a tharraing de na beachdan a tha aca. Dh’fhaodadh gur e seo cuid de na nithean air am bi iad a’ beachdachadh:

  • a’ glanadh ar fiaclan
  • a’ dol a-mach airson cuairt
  • a’ nighe nan soithichean
  • ag ithe lòn
  • a’ cur oirnn ar n-aodach.

Iarr air an leanabh agad na dealbhan a chur san òrdugh cheart, bho mhadainn gu oidhche.

Ma tha e comasach dhan leanabh agad sin a dhèanamh, iarr orra innse dhut dè an uair aig a bheil iad a’ smaoineachadh a bhios na nithean sin a’ gabhail àite. Mar eisimpleir, ag ithe an lòin aig meadhan-latha, a’ cur an aodach orra aig 9 uairean sa mhadainn msaa.