Last Updated: Wednesday, September 09, 2020

A’ comharrachadh mo chòraichean - second level

What is this?

Nì a’ chlann sgrùdadh air an dòigh anns a bheil Cunnradh nan Nàiseanan Aonaichte air Còraichean Chloinne (UNCRC) a’ toirt taic dhaibh ann a bhith ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Eòlasan agus Builean CfE: An dàrna ìre

  • Tha mi ag ionnsachadh a bhith a’ cleachdadh cànan agus stoidhle ann an dòigh a tha a’ cur an sàs agus/no a’ toirt buaidh air an leughadair agam. (GAI 2-27a)
  • Is urrainn dhomh ìmpidh a chur air daoine, argamaid a dhèanamh, cùisean a rannsachadh no beachd a thoirt seachad a’ cleachdadh fiosrachadh mionaideach agus/no fianais airson taic a chur ris. (LIT 2-29a)
  • Is urrainn dhomh cunntas a thoirt air prìomh fheartan deamocrasaidh agus bruidhinn mu chòraichean agus uallachaidhean shaoranaich ann an Alba. (SOC 2-17a)

Adhbhar a’ ghnìomha

Còmhradh a dhèanamh mu chòraichean chloinne agus feadhainn eile a mhisneachadh mu cho cudromach ’s a tha iad a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Gnìomh ionnsachaidh

Bruidhinn ri luchd-ionnsachaidh mun mhothachadh a tha aca air ‘còraichean chloinne’ UNCRC.

Dh’fhaodadh e a bhith feumail stòrasan a tha air làrach-lìn Coimiseanair Chloinne agus Dhaoine Òga Alba a chleachdadh, a’ gabhail a-steach a’ phostair shamhlaidhean.
https://cypcs.org.uk/wpcypcs/wp-content/uploads/2020/02/Luchdaich-a-nuas-am-postair.pdf

Dòigh aontachadh leis a’ chloinn air a bhith a’ gabhail cunntas de bhriathrachas ùr agus air ionnsachadh.

Bruidhinn ri clann mu na còraichean a tha ceangailte ris an ionnsachadh aca den Ghàidhlig agus tro mheadhan na Gàidhlig. Bu chòir dhut seo a dhèanamh gus an cuideachadh a bhith a’ dèanamh ath-cheangal ri adhbhar agus luach na Gàidhlig ann am foghlam, airson nan amannan ri teachd aca agus an nì luachmhor a tha iad a’ cur ri ath-bheothachadh a’ chànain. Is dòcha gur e cuid de na molaidhean:

Artaigil 8 Tha a’ chòir agad air dearbh-aithne – còir air ainm, nàisean agus ceangalan teaghlaich, a bu chòir a bhith a’ faighinn urram. Tha cànan agus cultar mar phàirt riatanach den dearbh-aithne againn.

Artaigil 12 Tha a’ chòir agad do bheachd a thoirt seachad, agus aig inbhich a bhith ag èisteachd agus a bhith a’ dèiligeadh ris gu dùrachdach an uair a bhios iad a’ tighinn gu co-dhùnaidhean.

Artaigil 15 Tha a’ chòir agad coinneachadh ri caraidean agus a bhith a’ dol an sàs ann an còmhlain agus buidhnean, cho fada ’s nach eil seo a’ cur bacadh air daoine eile a bhith a’ mealtainn an còraichean.

Artaigil 28 Tha a’ chòir agad air foghlam bun-sgoile, a bu chòir a bhith an-asgaidh. Bu chòir do sgoiltean urram a thoirt dhut agus an ìre as àirde de fhoghlam air a bheil thu comasach a bhrosnachadh.

Artaigil 29 Bu chòir dhan fhoghlam agad do chuideachadh ann a bhith a’ cleachdadh agus a’ leasachadh do thàlantan agus do chomasan. Bu chòir dha do chuideachadh gu bhith beò gu sìtheil, an àrainneachd a dhìon agus spèis a thoirt do dhaoine eile.

Artaigil 30 Tha a’ chòir agad do chultar, do chànan agus do chreideamh fhèin a chur an gnìomh – no gin sam bith dhuibh a roghnaicheas tu. Tha dìon sònraichte air cànanan dùthchasail a thaobh na còrach seo.

Thoir cuireadh don chloinn trì còraichean a thaghadh a tha iad a’ smaoineachadh a tha cudromach dhaibh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus cruthaich teacsa a tha a’ mìneachadh an roghainn.

Obair leudachaidh

Bu chòir don chloinn smaoineachadh air a bhith a’ sgrìobhadh am beachdan mu chòraichean cudromach mar artaigil airson làrach-lìn Coimiseanair Chloinne agus Dhaoine Òga Alba:
https://cypcs.org.uk/news-and-stories/

Slatan-tomhais Nàiseanta

  • A’ cruthachadh raon de theacsaichean goirid agus fada gu cunbhalach airson adhbharan diofraichte.
  • Ag oidhirpeachadh air a bhith a’ dol an sàs agus/no buaidh a thoirt air an leughadair tro thaghadh fhacail agus/no tro chleachdadh cànain.

An uair a bhithear a’ sgrìobhadh airson a bhith a’ misneachadh, a’ luachadh, a’ sgrùdadh chùisean no a’ toirt beachd seachad:

  • A’ taisbeanadh bheachdan agus fiosrachadh iomchaidh, a’ gabhail a-steach mion-fhiosrachadh taiceil, gus beachd a lìbhrigeadh.
  • Ag eagrachadh fiosrachadh ann an dòigh thuigseach.
  • A’ cleachdadh fhacail no abairtean ceangail mar a tha iomchaidh.
  • A’ gabhail a-steach ro-ràdh a tha a’ soilleireachadh a’ chuspair agus co-dhùnadh a tha a’ toirt an sgrìobhaidh gu ceann.
  • Oidhirpean air cànan a chleachdadh gus buaidh a thoirt air neo an leughadair a mhisneachadh mar eisimpleir, taghadh fhacail, pongachadh, ath-aithris, ceistean reatoraigeach agus/no cànan buaireasach.
  • A’ comharrachadh cheanglaichean eadar còraichean agus dleastanasan.

Modh-obrach a dh’fhaodar a chleachdadh gus ionnsachadh a mheasadh

Le bhith a’ faighinn eisimpleirean den chloinn a tha ag ionnsachadh aig an dachaigh, cuidichidh seo le bhith a’ tuigsinn dè cho math ’s a tha clann a’ cur an sgilean an sàs. Dh’fhaodadh lèirmheas a bhith air a dhèanamh air sgrìobhadh na cloinne gus adhartas a thomhais le bhith:

  • a’ cleachdadh cànan gus adhbhar a choileanadh.
  • a’ coinneachadh ris an adhbhar agus an luchd-amais air an robhar a’ beachdachadh.
  • a’ dèanamh argamaid mhisneachail.

---------------------------------------

Celebrating my rights

Curriculum for Excellence (CfE) experiences and outcomes: Second level

  • I am learning to use language and style in a way that engages and/or influences my reader. (GAI 2-27a)
  • I can persuade, argue, explore issues or express an opinion using relevant supporting detail and/or evidence. (LIT 2-29a)
  • I can describe the main features of a democracy and discuss the rights and responsibilities of citizens in Scotland. (SOC 2-17a)

Purpose of the activity

To discuss children’s rights and persuade others of their importance to Gaelic Medium Education.

Learning activity

Discuss with learners their awareness of UNCRC ‘children’s rights’.

It may be useful to use resources on the Children and Young People’s Commissioner Scotland’s website, including the symbols poster.
https://cypcs.org.uk/wpcypcs/wp-content/uploads/2020/02/Luchdaich-a-nuas-am-postair.pdf

Agree with children a way of noting and learning new vocabulary.

Discuss with children rights that are connected to their learning of Gaelic and through the medium of Gaelic. You should do this to help children reconnect with the purpose and value of Gaelic in education, for their futures and their valuable contribution to reviving the language. Some suggestions may be:

Article 8 You have the right to an identity - the right to a name, a nationality and family ties, which should be respected. Language and culture are essential parts of our identity.

Article 12 You have the right to give your opinion, and for adults to listen and take it seriously when making decisions.

Article 15 You have the right to meet with friends and to join groups and organisations, as long as this does not stop other people from enjoying their rights.

Article 28 You have the right to a primary education, which should be free. Schools should respect your dignity and encourage the highest level of education of which you are capable.

Article 29 Your education should help you use and develop your talents and abilities. It should also help you learn to live peacefully, protect the environment and respect other people.

Article 30 You have the right to practice your own culture, language and religion - or any you choose. Indigenous languages have special protection in this right.

Invite children to choose three rights they think are important to them in learning Gaelic and create a text that explains their choice.

Extension activity

Children could consider writing their views on important rights as an article for the children and Young People’s Commissioner Scotland website:
https://cypcs.org.uk/news-and-stories/

National Benchmarks

  • Creates a range of short and extended texts regularly for different purposes.
  • Attempts to engage and/or influence the reader through word choice and/or use of language.

When writing to persuade, evaluate, explore issues or express
an opinion:

  • Presents relevant ideas and information, including supporting detail, to convey viewpoint.
  • Organises information in a logical way.
  • Uses linking words or phrases as appropriate.
  • Includes an introduction that makes the topic clear and a conclusion that rounds off the writing.
  • Attempts to use language to influence or persuade the reader for example, word choice, punctuation, repetition, rhetorical questions and/or emotive language.
  • Identifies links between rights and responsibilities.

Possible approach to assessing learning

Receiving examples of children learning at home will help show an understanding of how well children are applying their skills. Children’s writing could be reviewed to gauge progress with:

  • using language to fulfil purpose?
  • meeting the intended purpose and audience?
  • making a persuasive argument?