Ciamar a tha an ILC againn

Dè cho math ’s a tha an t-Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd againn?

Tha ‘Dè cho math ’s a tha an t-Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd againn?’ (HGIOCLD?) an 4mh eagran, na phàirt de phasgan de fhrèamaichean-obrach càileachd a chaidh a leasachadh le Foghlam Alba. Tha na frèamaichean-obrach seo a’ cur an cèill na h-inbhean a bhios sinn a’ cleachdadh gus measadh agus aithris a dhèanamh air càileachd agus leasachadh ann am foghlam na h-Alba.

’S e seo dreachd-eagran mu dheireadh den fhrèam-obrach. Faodaidh seirbheisean, buidhnean, com-pàirteachasan agus luchd-cleachdaidh CLD a-nis a bhith ga chur gu feum gus taic a thoirt don fhèin-luachadh aca. Bidh HMIE ga chleachdadh cuideachd gus taic a thoirt do sgrùdadh ghnìomhachdan. Thèid eagran deimhinneach fhoillseachadh air-loidhne ann an 2022. Bidh an t-eagran deireannach a’ toirt fa-near na dh’ionnsaich sinn nuair a bhathar a’ cleachdadh an dreachd-eagrain seo. Dh’fhaodadh seo grunn atharrachaidhean adhbharachadh don teacsa. Bidh sinn a’ foillseachadh rannsachaidhean-cùise air mar a tha luchd-cleachdaidh air am frèam-obrach a chur gu feum; bidh seo a’ cuideachadh dhaoine eile a bhith misneachail ga chleachdadh.