Àrd-sgoil Gheàrrloch - A’ leasachadh fileantas agus litearrachd sa Ghàidhlig ann an daoine òga

Published 25/05/2022.  Last updated 11/04/2023
sourcePractice exemplars categoryGaelic categoryCurriculum for Excellence (CfE)

Visit the English version of this page at Gairloch High School – Developing fluency and literacy in young people in Gaelic

Ceistean leasachaidh

Dè cho math ’s a tha luchd-obrach agus luchd-ionnsachaidh san sgoil a’ tuigsinn dè cho cudromach ’s a tha dòighean-obrach air an deagh bheachdachadh airson eòlas agus cleachdadh cànain nan daoine òga a leasachadh tro bhogadh sa Ghàidhlig?

Ciamar a tha ar dealbhachadh curraicealaim agus clàran-ama làithreach a’ toirt taic do bhogadh agus cothroman air a shon taobh a-muigh tairgse bhunaiteach cuspair na Gàidhlig?

Dè an ìre gu bheil clann agus daoine òga air am brosnachadh Gàidhlig a bhruidhinn agus a chleachdadh airson raon de adhbharan tron churraicealam agus gus cur ris an fheallsanachd airson na Gàidhlig anns an sgoil?

Ciamar a nì ar sgoil cinnteach gu bheil bogadh na Gàidhlig air a lìbhrigeadh mar phàirt den churraicealam cho-thàthach 3-18 airson a h-uile neach-ionnsachaidh tro Mheadhan na Gàidhlig agus gu bheil taic air a thoirt gus daoine òga a chaidh tro mheadhan na Gàidhlig a ghlèidheadh ann am bogadh gus am fàg iad an sgoil?

Dè chaidh a dhèanamh?

Rinn Àrd-sgoil Gheàrrloch ath-sgrùdadh air curraicealam na Gàidhlig aice gus com-pàirteachadh agus brosnachadh a mheudachadh airson daoine òga an dà chuid ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLG).

Gus an curraicealam a leasachadh, rinn an sgoil barrachd ceangail ri com-pàirtichean mar FilmG, Deasbadan Nàiseanta na Gàidhlig, Spòrs Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig (CnaG), agus a’ bhuidheann ionadail Leasachadh Sgioba-obrach Òg, LSÒ an Iar. Rinn luchd-obrach cuideachd barrachd cleachdaidh air susbaint ceangailte ris na meadhanan Gàidhlig an dà chuid ann an cùrsaichean FMG agus FLG.

Leasaich luchd-obrach Roinn na Gàidhlig goireasan didseatach airson ionnsachadh a lìbhrigeadh air-loidhne, a’ ciallachadh gum faoidte ionnsachadh agus obair aig an taigh nuair a bha seo riatanach. Chuir na goireasan seo taic cuideachd ri ullachadh airson measadh agus cruinneachadh an fhios air ais bho dhaoine òga air coileanadh agus tlachd anns a’ churraicealaim.

Chuimsich daoine òga an dà chuid ann am FMG agus FLG air cleachdadh na Gàidhlig aca a leasachadh ann an sreath de cho-theacsaichean sòisealta. Ann am FLG chaidh seo a choileanadh le còmhradh gach seachdain còmhla ri comhaoise, a’ dol thairis air agus a’ sgrùdadh briathrachas bunasach. Bha na goireasan airson seo a’ toirt cothrom airson ionnsachadh fèin-stiùiridh agus diofaraichte tro chòmhradh, le sreath de dhòighean-taice, a’ gabhail a-steach bhrodaidhean Beurla, bhrodaidhean prìomh fhaclan na Gàidhlig, agus bhrodaidhean prìomh fhaclan slàn na Gàidhlig. Tha eisimpleirean de seo air am faighinn anns a’ phàipear-taice cheangailte (PDF, 873 KB). Bha an dòigh-obrach seo a’ toirt taic do leasachadh briathrachais, sgilean agus gràmar, a’ leantainn air adhart gu fileantas agus barrachd misneachd.

Bha daoine òga ann am FMG a’ dol an sàs gach seachdain leis na meadhanan Gàidhlig, a’ leasachadh sgilean litearrachd ann an dòigh adhartach, mar eisimpleir le bhith a’ sgrìobhadh gheàrr-chunntasan às dèidh a bhith ag èisteachd ri susbaint bho thùsan TBh, Rèidio agus air-loidhne. Bha iad an uair sin a’ co-roinn na h-obrach aca ann an àitichean didseatach air-loidhne còmhla ri comhaoisean, agus bha am measadh chomhaoisean seo a’ brosnachadh barrachd co-obrachaidh.

Carson a chaidh seo a dhèanamh?

Bha luchd-teagaisg na Gàidhlig airson gum faiceadh iad meudachadh ann an àireamh nan daoine òg ag ionnsachadh na Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh).

Bha luchd-obrach an dòchas gum biodh daoine òga nas mothachail air na cinn-uidhe dheimhinneach anns a’ Ghàidhlig a tha fosgailte dhaibh. Dh’aithnich sgrùdadh gum feumadh an sgoil barrachd taice a chur ri seo tro cheanglaichean a dhèanamh le Leasachadh Sgilean na h-Alba, sgoiltean agus com-pàirteachasan eile.

Chomharraich sgrùdadh gum bu chòir planadh ro-innleachdail Àrd-sgoil Gheàrrloch aithneachadh cho cudromach ‘s a tha a’ Ghàidhlig do choimhearsnachd na sgoile agus gu bheil dà mheadhan ionnsachaidh aig an sgoil. Mhol an sgrùdadh gum biodh Foghlam na Gàidhlig na phàirt den bhun-obair aca leithid sealladh, luachan, amasan agus feallsanachd a’ churraicealaim.

Buaidh nan gnìomhan a chaidh a dhèanamh

Tha a’ mhòr-chuid de dhaoine òga anns an sgoil an sàs ann an ionnsachadh na Gàidhlig tro FMG no FLG.

Tha an sgoil air Gàidhlig a thoirt a-steach na dàrna cànan a bharrachd (L3) airson a h-uile neach òg ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla agus tha taghadh de chùrsaichean Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) anns na h-àrd ìrean air meudachadh.

Tha a h-uile neach òg ann am Foghlam Farsaing Coitcheann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ coileanadh ceathramh ìre a’ churraicealaim anns a’ Ghàidhlig.

Tha a h-uile duine òg a’ leantainn orra gus Gàidhlig ionnsachadh aig ceann shuas na sgoile mar Teisteanais Nàiseanta.

Tha na foirmichean fios air ais bho dhaoine òga a’ sealltainn mòran sàsachaidh le deagh bheachd aig a’ mhòr-chuid air ionnsachadh agus teagasg agus dealbhadh curraicealaim.

Tha daoine òga ag aithneachadh gum faod sgilean anns a’ Ghàidhlig leantainn gu cinn-uidhe dheimhinneach. Nuair a dh’fhàg iad an sgoil, chaidh cuid de dhaoine òga bhon dà chuid FMG agus FLG gu cinn-uidhe dheimhinneach anns a’ Ghàidhlig, a’ cleachdadh a’ chànain mar phàirt den bheatha làitheil aca, a’ gabhail a-steach san àite-obrach. Tha an sgoil air stòr phrofilin mu chuid de na sgoilearan seo a chruthachadh. Tha LSÒ an Iar a’ solarachadh òraidean dreuchd airson daoine òga còmhla ri fastaichean Gàidhlig.

Tha gabhail pàirt ann am FilmG air cothroman a thoirt do dhaoine òga gus sgilean cruthachail a leasachadh, ionnsachadh mu chinn-uidhe dheimhinneach anns na meadhanan agus gus soirbheachas cunbhalach a choileanadh ann an co-fharpais nam filmichean goirid.

Thug tachartasan Spòrs Gàidhlig ann an 2019 agus 2021 cothroman do dhaoine òga gus rannsachadh mar a thèid Gàidhlig a chleachdadh ann an àrainneachdan taobh a-muigh na sgoile. Ann an com-pàirteachas le Comunn na Gàidhlig (CnaG) tha gnìomhachasan air an tabhann don a h-uile duine òg a nì e comasach dhaibh Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean spòrsail, sòisealta taobh a-muigh an t-seòmair-teagaisg.

Tha daoine òga a’ dèanamh gu math aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an sreath de cho-fharpaisean. Bhuannaich daoine òga bho Àrd-sgoil Gheàrrloch co-fharpaisean nàiseanta sgrìobhaidh airson na ceithir bliadhnaichean mu dheireadh.

Bidh daoine òga, ag obair còmhla ri tidsear na Gàidhlig, a’ solarachadh susbaint Ghàidhlig airson litir-naidheachd na sgoile agus an stèisean rèidio coimhearsnachd ionadail, Two Lochs Radio.

Tha soidhnichean dà-chànanach air an cleachdadh tron sgoil air fad, a’ gabhail a-steach luachan ùra na sgoile.

Chaidh iomadh goireas a chaidh a leasachadh le tidsear na Gàidhlig a leasachadh tuilleadh ann an com-pàirteachas le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus chaidh am foillseachadh agus an sgaoileadh gu nàiseanta.

Fiosrachadh feumail

Duilleag nan Aithisgean | Aithisgean Sgrùdaidh – Foghlam Alba

PDF file: Gairloch High School Standards and Quality Report 2019/20 (618 KB)

PDF file: Gairloch High School Handbook (3.9 MB)

Iain agus na Drogaichean - Notaichean an Tidseir - Fileanta (storlann.co.uk)