Last Updated: Tuesday, July 21, 2020

Iris fhaireachdainnean - sgoil-àraich, bun-sgoil agus àrd-sgoil

What is this?

Sa ghnìomh seo, bidh clann agus daoine òga a’ còmhradh agus a’ sgrìobhadh gus a bhith a’ cruthachadh ‘iris fhaireachdainnean’. Ma tha sin comasach, bu chòir do chlann agus do dhaoine òga a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig a h-uile latha gus am fileantachd a leasachadh.  Faic tuilleadh comhairle an seo.

Dh’fhaodadh gum biodh e feumail coimhead ris na stuthan air an duilleig seo an uair a bhios tu a’ coileanadh a’ ghnìomh seo.  https://gaelic.education/

Bu chòir do chlann agus do dhaoine òga bruidhinn rim pàrantan/luchd-cùraim mun ghnìomh seo, no ri cuideigin a bhios iad a’ fònadh no ris am bi iad a’ bruidhinn a’ cleachdadh coimpiutair.

Sgoil-àraich agus P1

  • Bruidhinn ris an leanabh agad mu mar a tha iad a’ faireachdainn an-diugh. Cuidich iad ann a bhith a’ comharrachadh an aignidhean. An uair a bhios iad a’ bruidhinn, gu socair cuir Gàidhlig air facal sam bith a chanas iad ann am Beurla. Cuidichidh seo iad le bhith a’ togail suas am briathrachas Gàidhlig agus an sgilean conaltraidh. Is dòcha gum biodh e feumail coimhead ris an duilleig seo air
    Go! Gaelic. https://go-gaelic.scot/topics/02-feelings/
  • Thoir taic dhan leanabh agad le bhith a’ cruthachadh dealbh a tha a’ comharrachadh mar a tha iad a’ faireachdainn. Is dòcha gun seall seo measgachadh de dh’aignidhean. Bruidhinn riutha mun dealbh a tha iad air a tharraing agus faighnich dhaibh carson a tharraing iad an dealbh sin. Faighnich ceistean a tha fosgailte gus conaltradh a bhrosnachadh. Mar eisimpleir, “An urrainn dhut tuilleadh innse dhomh mun phàirt seo den dealbh agad?”
  • Ma nochdas an leanabh gu bheil iad dìorrasach mun ghnìomh seo, dh’fhaodadh tu a dhèanamh a-rithist air latha eile. Misnich iad gu bhith a’ sgrùdadh dhòighean eile air a bhith a’ riochdachadh nam faireachdainnean aca mar a bhith a’ tarraing dhealbhan, a’ peantadh no a’ togail dhealbhan. Bruidhinn ris an leanabh agad mu mar a dh’fhaodadh na faireachdainnean aca atharrachadh bho aon dealbh chun an ath fhear.

P2/P3/P4

  • Bruidhinn ris an leanabh agad mu mar a tha iad a’ faireachdainn mu bhith ‘glaiste a-staigh’. Bruidhnibh mu na h-atharrachaidhean a tha air a thighinn air a’ ghlasadh a-staigh agus air an atharrachadh a dh’fhaodadh seo a thoirt air gnàth-chùrsaichean chloinne. Faighnich dhan chloinn cò air a bu toigh leotha tadhal, agus aig an aon àm a bhith a’ cumail ri Stiùiridhean Riaghaltas na h-Alba.
  • Mol dhan leanabh agad gum faodadh iad clann a chuideachadh san àm ri teachd le bhith a’ cruthachadh postair no bileag fiosrachaidh. Dh’fhaodadh e an cuideachadh ann a bhith ag ullachadh airson a leithid seo de thachartas nan tachradh a leithid a-rithist.
  • Bu chòir dhan phostair no dhan bhileig a bhith a’ gabhail a-steach thachartasan làn dibhearsain a dh’fhaodadh a bhith air an dèanamh san dachaigh. Misnich an leanabh agad gu bhith a’ bruidhinn mu na nithean a tha iad air a bhith a’ dèanamh agus liosta a dhèanamh agus/no dealbhan a tharraing. Dh’fhaodadh iad sin a bhith air an cleachdadh.
  • Mus tòisich thu, coimhead airson postairean, duilleagan no bileagan timcheall an taighe a dh’fhaodadh beachdan a thoirt dhut. Coimhead ris an dòigh sa bheil iad air an cur a-mach, an àireamh fhacail a tha annta, meud a’ chlò agus dealbhan a chaidh a chleachdadh.
  • Thoir ainm freagarrach dhan phostair no dhan bhileig.
  • Cleachd an liosta de ghnìomhan a tha an leanabh agad air a choileanadh agus cuidich iad ann am planadh agus a’ cur am beachdan ann an òrdugh. Faodaidh iad facail, abairtean agus dealbhan a chleachdadh. Bu chòir dhan fhiosrachadh a bhith soilleir.
  • Cleachd faclair leithid Learn Gaelic gus cuideachadh leis an litreachadh. Misnich an leanabh agad gu bhith a’ cleachdadh fhacail nach eil furasta.

P5/P6/P7

Tha a bhith a’ cumail loga no leabhar-latha gus a bhith a’ clàradh mar a tha sinn a’ faireachdainn air làithean àraidh, na chuideachadh ann a bhith a’ cumail air chuimhne amannan sònraichte nar beatha.

  • Smaoinich gu bheil thu a’ sgrìobhadh sreath de notaichean airson leabhar-latha a bhios clann agus daoine òga a’ leughadh san àm ri teachd. Is dòcha gum bi thu airson seo a dhèanamh air a’ choimpiutair.
  • Feumaidh tu dealbh cho soilleir ’s a ghabhas a thoirt air cò ris a tha e coltach a bhith ‘glaiste a-staigh’.
  • Cùm leabhar-latha airson a dhà no trì làithean, sgrìobh nithean mar – na nithean as urrainn dhut a dhèanamh agus na nithean nach urrainn dhut a dhèanamh. Innis mar a tha a’ mhòr-chuid de dhaoine a’ faireachdainn agus mar a tha thu fhèin a’ faireachdainn. Is dòcha gum biodh an stiùireadh as ùire bho Riaghaltas na h-Alba
  • Dh’fhaodadh tu bruidhinn ri buill den teaghlach agad fhèin no ri caraidean ris am bi thu a’ bruidhinn air an fhòn no air a’ choimpiutair. Smaoinich air ceistean mar:
    • A bheil na faireachdainnean agad ag atharrachadh bho latha gu latha?
    • Dè na nithean a tha a’ toirt ort/orra a bhith a’ faireachdainn nas fheàrr?
    • A bheil thu air cumail suas ri caraidean agus ri do theaghlach?
    • Faodaidh tu dealbhan a chur dhan leabhar-latha agad ma tha thu air a shon.
    • Cuimhnich gun sgrìobh thu an latha agus an deit air gach nì a sgrìobhas tu. Dh’fhaodadh gum biodh e feumail an latha a roinn suas ann an amannan eadar-dhealaichte.

ÀS1/ÀS2/ÀS3

Tro eachdraidh, tha daoine air an gnìomhan làitheil a chlàradh an uair a bha na h-amannan doirbh. Bha e na chuideachadh dhaibh a bhith a’ beachd-smuaineachadh air am beatha, na nithean a bha math agus na nithean a bha iad airson a dhèanamh an uair a bhiodh cùisean na b’ fheàrr.

Is e an gnìomh a tha agad-sa ri dhèanamh iris a chruthachadh a bhios e comasach do dhaoine fhaicinn san àm ri teachd.

Tagh cruth airson na h-iris agad. Is dòcha gum biodh tu airson a sgrìobhadh/an coimpiutair a chleachdadh, film a dhèanamh no sreath dhealbhan èibhinn. Dh’fhaodadh tu cuideachd dealbhan a chur ris. Bu chòir dhan iris agad leantainn airson seachdain co-dhiù. Faodaidh tu na thogras tu de nithean a sgrìobhadh a-steach innte.

Is dòcha gum biodh e feumail sùil a thoirt air an stiùireadh as ùire bho Riaghaltas na h-Alba.

Seo beagan nithean a chuidicheas tu an uair a bhios tu a’ sgrìobhadh na h-iris agad sa Ghàidhlig:

  • Dèan soilleir dè an dùthaich agus am baile/cathair-bhaile sa bheil thu a’ fuireach.
  • Thoir iomradh air na nithean a rinn thu a h-uile latha.
  • Innis mu thachartasan sam bith a ghabh àite.
  • Meòraich air d’ fhèin-fhiosrachaidhean agus/no d’ fhaireachdainnean.
  • Cleachd faclair mar Learn Gaelic airson do chuideachadh le litreachadh agus le bhith a’ cleachdadh raon de bhriathrachas.

Cleachd facail agus abairtean a chòrdas ris an leughadair.