Last Updated: Tuesday, July 12, 2022

Aimsir agus malairt gnothachais - àrd-sgoil

What is this?

Tha cuireadh air a thoirt do dhaoine òga sgrùdadh a dhèanamh air carson a dh’fhaodadh fiosrachadh mu aimsir a bhith cudromach do ghnothachas.  Bu chòir dhan ghnìomh seo a bhith air a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.

Airson daoine òga aig ÀS1/ÀS2/ÀS3

Pàrant/neach-cùraim: bruidhinn mun bheachd gu bheil an aimsir cudromach do ghnothachas. Is tusa as eòlaiche orra, gus obrachadh a-mach na dh’fheumas iad de thaic agus de bhrodadh.  Mar eisimpleir, dh’fhaodadh tu bruidhinn mu “an t-sèine solair”, agus an fheum a tha ann do ghnothachas ro-phlanadh a dhèanamh ma tha feum air tuilleadh bheachdan.   

Tha eòlas mun aimsir cudromach do ghnothachasan.  Tha cleachdaidhean ceannachd dhaoine ag atharrachadh a rèir na h-aimsire agus ro-aithris na h-aimsire. 

Mar eisimpleir, bidh daoine a’ ceannach lèintean-t airson aimsir an t-samhraidh, còtaichean agus seacaidean airson aimsir a’ gheamhraidh. Bidh sinn a’ ceannach biadh diofraichte an uair a bhios an aimsir teth bhon bhiadh a bhios sinn a’ ceannach an uair a tha an aimsir fuar. 

  • Smaoinich air na dòighean air fad a tha an aimsir a’ toirt buaidh air nòsan ceannachd dhaoine. Cuin a bu chòir dhan mhòr-bhùth ionadail agad ullachadh a dhèanamh airson solar a bharrachd de ghual-fhiodha fhaighinn airson barbeque?   Reòiteag? Miotagan, còtaichean-froise agus seacaidean-blàtha? 
  • Smaoinich mu thuathanaich, a tha cho cudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ faighinn solar bìdh – cruithneachd airson aran, biadh-bainne, measan agus lusan.  Dè a’ bhuaidh a bhios aig an aimsir orra?   Mar eisimpleir, is dòcha gun fheàrr leis a’ mhòr-chuid de dhaoine greisean fada de dh’aimsir tioram grianach. Carson nach eil an t-seòrsa aimsir sin an-còmhnaidh na naidheachd mhath do thuathanaich?   
  • Sgrìobh sìos a liuthad diofar solar air an smaoinich thu, air am biodh buaidh aig aimsir nan diofar sheusanan.
  • A-nis smaoinich air ciamar a chuireadh tu do bheachdan ann an òrdugh.  Dh’fhaodadh tu clàr-ama a dhèanamh de bhliadhna, ag ainmeachadh nam mìosan bhon Fhaoilleach chun na Dùbhlachd.  Gabh nota den aimsir a dh’fhaodadh tu a bhith a’ sùileachadh airson gach seusan. Gabh a-steach suidheachaidhean doirbh air an adhbharachadh le teas mòr no tuiltean air an adhbharachadh le uisge trom. Sgrìobh notaichean sa Ghàidhlig mu mar a tha thu a’ smaoineachadh a bheir na droch shuidheachaidhean aimsir sin buaidh air gnothachasan diofraichte, ann an dòighean àicheil no dearbhte.
  • Airson gach mìos no seusan, sgrìobh na seòrsachan nithean a tha thu a’ smaoineachadh a bu chòir dha na bùithtean a bhith ag òrdachadh, gus a bhith deiseil airson iarrtas an luchd-ceannachd.  Tòisich le bhith a' taghadh aon seòrsa bùth, mar eisimpleir, mòr-bhùth bìdh.  Gluais air adhart gu diofar sheòrsaichean bhùithtean eile mar bhùithtean aodaich no gàirnealaireachd no DIY.  Mar dhùbhlan a bharrachd, beachdaich air cuin a bhiodh e coltach gum biodh bùithtean a’ tabhann an stuth aig prìsean lasaichte.
  • A-nis airson dùbhlan a bharrachd is dòcha gum biodh tu airson seo a dhèanamh. Beachdaich, is tu ag obair aig astar, air ciamar a b’ urrainn dhut bùithtean ionadail a chomhairleachadh mu na stuthan a bu toigh le daoine òga dhen aois agad fhèin a bhith aca airson a reic anns na bùithtean. Beachdaich air gach seusan agus air diofar aimsir.  Ullaich post-dealain a chuairticheadh tu air na bùithtean, ag innse dhaibh mun t-seòrsa comhairle as urrainn dhut a thabhann.   Dèan e cho tarraingeach ’s as urrainn dhut!  Mol prìs airson do chomhairle – no can gu bheil thu deònach barganachadh.