Last Updated: Tuesday, July 12, 2022

Aimsir theth agus fhuar– sgoil-àraich agus bun-sgoil

What is this?

Tha na gnìomhan seo air an deilbh gus clann a mhisneachadh a bhith ag ionnsachadh mu dhathan teth agus fuar agus mu ghnàth-shìdean.  Ionnsaichidh iad cuideachd mu na beathaichean a tha a’ fuireach ann an gnàth-shìdean teth no fuar.  Is urrainn dha na gnìomhan seo a bhith air an dèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. 

Bu chòir do chlann agus do dhaoine òga bruidhinn rim pàrantan/luchd-cùraim mu na gnìomhan sin, no ri cuideigin a bhios iad a’ fònadh no ris am bi iad a’ bruidhinn a’ cleachdadh coimpiutair. 

Airson clann san Sgoil-àraich agus P1

Is dòcha gum biodh e feumail sùil a thoirt air na stuthan air Go! Gaelic mun aimsir. https://go-gaelic.scot/topics/05-weather/

Iarr air an leanabh agad dealbh a dhèanamh a’ cleachdadh an dàrna cuid dathan ‘teth’ no dathan ‘fuar’.  (Teth – dearg, orains, buidhe) (Fuar – gorm, geal, uaine)

Nithean a nì sibh còmhla:

  • Bruidhinn ris an leanabh agad mu na dathan a tha iad air a thaghadh.  Carson as toigh leotha iad?  Bruidhinn ris an leanabh agad mu na dathan a tha a’ toirt orra a bhith a’ smaoineachadh air nithean teth agus mu na dathan a tha a’ toirt orra a bhith a’ smaoineachadh air nithean fuar.  Iarr orra an smuaintean a roinn.
  • Iarr air an leanabh agad a dhol a shireadh ulaidh airson ‘dath teth’ no ‘dath fuar’, timcheall an taighe no timcheall a’ ghàrraidh, an uair a bhios sibh a-muigh air chuairt.   

Airson clann ann am P2/P3/P4

Bruidhinn ris an leanabh agad mun aimsir ann an Alba agus mar a bhios i ag atharrachadh a rèir dè na ràithean den bhliadhna a tha ann.  Mar eisimpleir, tha e nas blàithe as t-samhradh, agus nas fhuaire agus nas fhliuiche sa gheamhradh.  Agus an uair sin mìnich, gu bheil ann an cuid de dhùthchannan, an aimsir an ìre mhath an t-aon nì tron mhòr-chuid den bhliadhna.  Mar eisimpleir, Afraga no An Antartaig.

  • Iarr air an leanabh agad liosta a dhèanamh de na dùthchannan far a bheil an aimsir mar as trice teth.
  • Iarr air an leanabh agad liosta a dhèanamh de na dùthchannan far a bheil an aimsir mar as trice fuar.
  • An uair sin iarr orra smaoineachadh air na diofar bheathaichean a tha beò ann an dùthchannan teth agus fuar.  Dèan liosta dhiubh sin airson gach gnàth-shìde.  
  • Bruidhinn riutha mun dòigh a dh’fhaodas a’ ghnàth-shìde buaidh a thoirt air an dòigh anns a bheil beathaichean beò.  Beachdaich air an còtaichean mar eisimpleir, far am bi iad a’ faighinn biadh agus far am bi iad a’ dèanamh an dachaigh. 
  • A-nis iarr air an leanabh agad dealbh a tharraing no a pheantadh de aon de na beathaichean a tha iad air a thaghadh anns an àite sa bheil iad a’ fuireach. 
  • Iarr orra dhà no trì seantansan a sgrìobhadh sa Ghàidhlig mun bheathach a thagh iad, ag ainmeachadh an dùthaich (no na dùthchannan) anns a bheil am beathach a’ fuireach. 

Airson clann ann am P5/P6/P7

Fios do Phàrantan

Ceàrnaidhean Tropaigeach a’ gabhail a-steach fàsaichean, dlùth- choilltean agus coilltean uisge.    

Ann an gnàth-shìdean teamparaid, tha an aimsir ag atharrachadh tron bhliadhna, mar ann an Alba.

Tha gnàth-shìdean pòlarach glè fhuar tron bhliadhna air fad.

Bruidhinn ris an leanabh agad, agus iarr orra faighinn a-mach mu na trì àrainnean mòra gnàth-shìde a tha san t-saoghal:  tropaigeach, teamparaid agus pòlarach. 

Bruidhinn ris an leanabh agad mu na diofar sheòrsaichean bheathaichean a tha beò sna h-àrainnean gnàth-shìde sin. Is dòcha gun sgrùdadh tu dealbhan, leabhraichean no gun dèanadh tu rannsachadh air-loidhne.  Bruidhinn mu bheachdan an leanaibh agad. 

  • Iarr air an leanabh agad postair a dheilbh a tha ag innse mu fheartan bheathaichean sònraichte a tha iad a’ meas inntinneach.  Bu chòir dhaibh innse mar a tha na beathaichean air gabhail ris an àrainn anns a bheil iad beò.

    Seo dà eisimpleir:

    Cinn-fhionna – Ciamar a bhios na cuirp aca gan cuideachadh gu bhith a’ snàmh?  Dè a bhios a’ cumail cinn-fhionna blàth ann an aimsir a tha uabhasach fuar? 
  • Càmhail – Ciamar a bhios càmhail a’ siubhal astaran fada ann an tìrean tioram às aonais uisge?  Ciamar a bhios iad a’ cumail gainmheach gun a bhith a’ dol dha na sùilean aca?  Ciamar a bhios iad a’ faighinn air coiseachd air gainmheach theth?