Last Updated: Tuesday, July 21, 2020

Ar coimhearsnachd - tràth bhliadhnaichean, bun-sgoil agus àrd-sgoil

What is this?

Tro chuairt làitheil no tro bhith a’ coimhead a-mach air uinneag, fàsaidh clann agus daoine òga nas mothachail air an sgìre ionadail aca.

Bu chòir do chlann agus daoine òga bruidhinn mun cuimse air an coimhearsnachd le bhith a’ còmhradh rim pàrantan/luchd-cùraim.  Air neo, dh’fhaodadh an còmhradh a bhith le cuideigin a dh’fhònas tu no ris am bruidhinn thu a’ cleachdadh do choimpiutair.     

Do chlann aig ìrean Sgoil-àraich agus P1

Seo gnìomhan a dh’fhaodadh tu a dhèanamh an uair a bhiodh tu air chuairt san sgìre ionadail agad, no an uair a tha thu a’ coimhead a-mach air an uinneig. A’ cleachdadh do chiad-fàthan, dè a tha thu a’ faicinn, a’ cluinntinn agus dè am fàileadh a tha thu a’ faireachdainn?

Seo beagan nithean a dh’fhaodadh do chuideachadh an uair a bhios tu a’ cleachdadh na Gàidhlig. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh ann an seo:

  • Bruidhnibh mu riaghailtean airson a bhith a’ cumail sàbhailte a-muigh. Iarr air an leanabh agad a bhith a’ bruidhinn mu na riaghailtean a tha aca san sgoil-àraich no san sgoil, mar eisimpleir, a’ bruidhinn Gàidhlig, ag èisteachd ri inbhich, a’ cumail grèim air làmhan a chèile agus riaghailtean airson a bhith a’ dol tarsainn air an rathad. Air a’ chuairt, bruidhinn ris an leanabh agad mu shàbhailteachd rathaid. Iarr orra coimhead a-mach airson àiteachan a chuidicheadh tu a dhol tarsainn air an rathad gu sàbhailte.
  • Bruidhinn mun chòd chrois uaine. Mas urrainn dhut an ceangal seo a chleachdadh, dh’fhaodadh gum biodh e feumail dhut a leughadh còmhla ris an leanabh agad mus fhàg thu an taigh: https://roadsafety.scot/learning/early/go-safe-with-ziggy/little-books-for-home/
  • Bruidhinn mu na seòrsaichean thogalaichean a chì sibh, mar eisimpleir, taighean, àiteachan adhraidh, bùithtean agus oifisean. Bruidhinn mu dhòighean sam bith a dh’fhaodadh ceangal a bhith aig na toglaichean a tha thu a’ faicinn ris a’ Ghàidhlig. Thoir iomradh air cumadh, meud agus dath nan togalaichean.
  • Coimhead airson nithean a bhios gar cuideachadh nar beatha làitheil, mar eisimpleir bogsaichean-puist, solais-sràide, àrainnean choisichean.
  • Coimhead a-mach airson daoine a bhios gar cuideachadh nar sgìre ionadail, mar eisimpleir luchd-cùraim, luchd-smàlaidh, oifigear poilis, luchd-cruinneachaidh sgudail, dràibhearan lìbhrigidh.
  • Coimhead a-mach airson soidhnichean sam bith a tha sa Ghàidhlig agus leugh iad a-mach.
  • Thoir sùil air an trafaig. Cia mheud baidhsagail, càr, bus, agus trèana a thèid seachad ann an ùine shònraichte? Cunnt iad sin sa Ghàidhlig agus rannsaich còmhla ris an leanabh agad dè an seòrsa còmhdhail a bu mhotha a chunnaic sibh an uair a bha sibh a-muigh a’ coiseachd?
  • Thoir sùil air na nithean beò a chluinneas tu no a chì thu an uair a bhios sibh a-muigh a’ coiseachd, no an uair a bhios tu nad shuidhe ri taobh na h-uinneige. Mar eisimpleir, coin, cait, eòin, meanbh-fhrìdean. Faighnich ceistean no thoir cunntas air cumadh nithean beò.

Do chlann aig ìrean P2/P3/P4

An uair a tha sibh a-muigh air cuairt, gabh ealla ris nas urrainn dhut de fheartan eadar-dhealaichte san sgìre ionadail agad. Sa Ghàidhlig, gabh notaichean no iarr air inbheach notaichean a ghabhail an uair a bhios sibh a’ coiseachd. Roinn an leabhar sgrìobhaidh agad na dhà earrainn agus feuch an urrainn dhut na nithean a chì thu a chur dhan dà bhuidhinn a leanas:

Togte

Nàdarrach

 

 

 

 

 

 

 

 

Àrainneachd thogte – mar eisimpleir, toglaichean mar sgoiltean, eaglaisean agus bùithtean. Structaran mar phàircean-cluiche, suidheachain, pàircean spòrs agus ìomhaighean.

Àrainneachd nàdarra - mar eisimpleir, coilltean agus achaidhean, no ceàrnaidhean nàdarra air an cruthachadh le daoine, leithid pàircean, taisbeanaidhean shìthein, raointean uaine, lòin, aibhnichean, slighean nàdair.

Coimhead air an liosta agad. Cia mheud feart thogte dhan do mhothaich thu? An e feartan togte no feartan nàdarra as motha a tha san sgìre ionadail agadsa no measgachadh co-ionann den dà sheòrsa?

Coimhead air na feartan air fad air an liosta agad a tha togte le daoine. Carson a tha thu a’ smaoineachadh a chaidh iad sin a thogail? Ciamar a tha iad a’ cuideachadh na coimhearsnachd?

Coimhead air na feartan air fad air an liosta agad a tha nàdarra. Carson a tha thu a’ smaoineachadh a tha iad sin math airson na coimhearsnachd agad? Dè na nithean a tha iad sin a’ leigeil leis na daoine a tha a’ fuireach sa choimhearsnachd agad a dhèanamh?

Coimhead air na feartan air fad air an liosta agad. A bheil ceangal aig gin sam bith dhiubh sin ris a’ Ghàidhlig? Mar eisimpleir, a bheil na bùithtean a’ reic bathar Gàidhlig?

Sa Ghàidhlig, sgrìobh dhà no trì sheantansan mu na nithean as fheàrr leat sa choimhearsnachd agad agus carson. Sgrìobh seantans eile mu na nithean a bu mhath leat fhaicinn air an leasachadh gus do choimhearsnachd a dhèanamh nas fheàrr.

Coimhead airson soidhnichean a tha sa Ghàidhlig agus leugh a-mach na tha sgrìobhte orra.

Do chlann aig ìrean P5/P6/ P7

Dèan sgrùdadh air an sgìre ionadail agad gus lorg fhaighinn air na h-àiteachan eadar-dhealaichte far a bheil daoine a’ fuireach, ag obair, a’ gabhail fois agus far am b’ urrainn dhut a’ Ghàidhlig a bhruidhinn. A bheil àiteachan inntinneach sam bith air am faodadh tu tadhal faisg ortsa? Dh’fhaodadh tu seo a dhèanamh còmhla ri inbheach an uair a bhiodh sibh a’ gabhail cuairt a-muigh? Sa Ghàidhlig, smaoinich air dòigh a b’ urrainn dhut a chleachdadh gus notaichean a ghabhail den fhiosrachadh a gheibh thu. Is dòcha gun dèanadh tu clàr no liostaichean.

  • Taisbean am fiosrachadh a tha thu air a chruinneachadh a’ cleachdadh nan ceithir cinn a leanas a’ fuireach, ag obair a’ gabhail fois agus a’ bruidhinn Gàidhlig. Dh’fhaodadh tu clàr no diagram a dhèanamh, postair a chruthachadh no taisbeanadh a dhèanamh a’ cleachdadh teicneòlas.
  • Beachdaich air an àite as fheàrr leat san sgìre agad fhèin. Dèan dealbh dhen àite seo agus sgrìobh sìos carson a tha e cho sònraichte dhutsa.
  • Bruidhinn ri do theaghlach, caraidean agus nàbaidhean air a bheil thu eòlach. Faigh a-mach dè an t-àite as fheàrr leothasan san sgìre ionadail agus carson is e sin an t-àite as fheàrr leotha. Gabh notaichean an uair a bhios tu a’ bruidhinn riutha.
  • A’ cleachdadh nan notaichean agad, dèan coimeas eadar an fhiosrachadh a tha thu air a chruinneachadh. An do mhothaich thu do nithean a bha coltach ri chèile no nithean a bha eadar-dhealaichte? Ma bha dithis no còrr air an aon àite a thaghadh mar an t-àite a b’ fheàrr leotha, am b’ e na h-aon adhbharan a thug iad seachad?

Do dhaoine òga aig ìrean ÀS1/ÀS2/ÀS3

Tha an gnìomh seo a’ misneachadh dhaoine òga a bhith a’ beachdachadh air an coimhearsnachd ionadail agus a bhith a’ tighinn gu co-dhùnadh mu dè cho math ’s a tha e a’ coinneachadh ris na feumalachdan aca agus mar a dh’fhaodadh e a bhith air a leasachadh. Bheir e taic dhaibh cuideachd ann a bhith a’ smaoineachadh mu fheumalachdan dhaoine òga eile.

Gu h-ìosal chithear cuid de na nithean a bu chòir do dhaoine òga a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.

  • Dèan liosta de na togalaichean coimhearsnachd agus na seirbheisean a tha rim faotainn san sgìre agad.
  • Faic a bheil ceangal ris a’ Ghàidhlig aig togalach coimhearsnachd no seirbheis sam bith. Mar eisimpleir, is dòcha gum bi buidheann Gàidhlig a’ cleachdadh an togalaich.
  • A bheil seirbheisean no goireasan sam bith eile ann a bu toigh leat fhaicinn? Ullaich ceisteachan goirid a chuidicheadh tu ann a bhith a’ faighinn a-mach dè am beachd a tha aig daoine òga eile.
  • Beachdaich air cò ris a bhiodh ionad coimhearsnachd no co-ionad ùr coltach – dh’fhaodadh gur e togalach a bhiodh ann, àite air a’ bhlàr a-muigh no ionad mas-fhìor.
  • Deilbh ionad coimhearsnachd no co-ionad ùr-nodha agus thoir adhbharan airson nam beachdan agad. Dèan cinnteach gu bheil thu air smaoineachadh mu fheumalachdan dhaoine eile san dealbh a rinn thu.
  • Thoir geàrr-iomradh air an dòigh anns an cuidich an t-ionad coimhearsnachd no an co-ionad ùr-nodha, muinntir an àite ann a bhith a’ leasachadh am fileantas sa Ghàidhlig.