Last Updated: Tuesday, July 21, 2020

Dùbhlan samhraidh – creagan air am peantadh

What is this?

A bheil thu a’ coimhead airson rudeigin ri dhèanamh tro shaor-làithean an t-samhraidh?

Am-bliadhna, dh’fhaodadh gum bi saor-làithean an t-samhraidh rud beag eadar-dhealaichte dhuinn uile. Is dòcha nach bi thu a’ dèanamh nan nithean as àbhaist dhut a bhith a’ planadh air a dhèanamh.
Ma tha sibh a’ coimhead airson gnìomh spòrsail a dh’fhaodas sibh a dhèanamh mar theaghlach tro mhìosan an t-samhraidh, dh’fhaodadh gum bi sibh airson seo fheuchainn.

Dè mu dheidhinn ur leanabh a mhisneachadh gu bhith cruthachail agus clachan atharrachadh gu bhith nan obair-ealain?  Dh’fhaodadh iad an cleachdadh mar phìosan ann an gèam no gus an seòmar-cadail a sgeadachadh.  Dh’fhaodadh iad sealg ulaidh a dhèanamh sa choimhearsnachd ionadail agaibh le bhith a’ fàgail sreath de chlachan air am peantadh gus an lorgadh daoine eile iad.  Dh’fhaodadh iad beagan Gàidhlig a chur air cuid dhiubh.