Last Updated: Tuesday, July 21, 2020

Dùbhlan samhraidh – gèam pleata clàraidh

What is this?

Am-bliadhna, dh’fhaodadh gum bi saor-làithean an t-samhraidh rud beag eadar-dhealaichte dhuinn uile. Is dòcha nach bi thu a’ dèanamh nan nithean as àbhaist dhut a bhith a’ planadh air a dhèanamh. 

Ma tha sibh a’ coimhead airson gnìomh spòrsail a dh’fhaodas sibh a dhèanamh mar theaghlach tro mhìosan an t-samhraidh, dh’fhaodadh gum bi sibh airson seo fheuchainn.

Dèan cuairt shìmplidh na ghèam tlachdmhor dhan teaghlach air fad. An do ghabh sibh a-riamh sùim de phleataichean clàraidh chàraichean? Faodaidh sibh iad sin a chleachdadh gus taic a thoirt do mheasgachadh farsaing de gheamannan anns am b’ urrainn dhan chlann agaibh a’ Ghàidhlig a chleachdadh: 

  • Cluichibh an gèam ‘chì mi le mo shùil’ le bhith a’ coimhead a-mach airson litrichean no àireamhan sònraichte. Feuch cia mheud facal a’ tòiseachadh leis gach litir as urrainn dhuibh smaoineachadh air sa Ghàidhlig. 
  • Cruthaichibh facail leis na litrichean a tha air a’ phleata clàraidh. Ma tha litir air a’ phleata clàraidh nach eil san aibidil Ghàidhlig, taghaibh litir eile gus ur cuideachadh ann a bhith a’ cruthachadh facal sa Ghàidhlig.
  • Cleachdaibh na h-àireamhan gus suimeannan a chruthachadh (me a’ cur-ris/ag iomadachadh na h-àireimh bho aon phleata leis an àireimh air pleat eile).