Last Updated: Tuesday, July 21, 2020

Dùbhlan samhraidh - leabhran-iùil pàirce

What is this?

Am-bliadhna, dh’fhaodadh gum bi saor-làithean an t-samhraidh rud beag eadar-dhealaichte dhuinn uile. Is dòcha nach bi thu a’ dèanamh nan nithean as àbhaist dhut a bhith a’ planadh air a dhèanamh. 

Ma tha sibh a’ coimhead airson gnìomh spòrsail a dh’fhaodas sibh a dhèanamh mar theaghlach tro mhìosan an t-samhraidh, dh’fhaodadh gum bi sibh airson seo fheuchainn.

Lorg map den sgìre ionadail agaibh.  Cuir comharra air na pàircean ionadail air fad.  Dh’fhaodadh sibh bruidhinn ris an leanabh agaibh mu na prìomh fheartan a tha iad a’ coimhead air an son ann an deagh phàirc. 

Dh’fhaodadh iad seo a chleachdadh gus sgèile rangachaidh a dheilbh. Mar eisimpleir, ann am pàirc còig rionnagan tha …, ann am pàirc ceithir rionnagan tha …

Theirig cuairt gu gach pàirc agus cleachd an sgèile rangachaidh gus an luachadh. Dh’fhaodadh gum biodh iad airson dealbhan a thogail de gach pàirc.  Dè a’ phàirc as fheàrr leis an leanabh agaibh? 

Dh’fhaodadh iad an sgèile rangachaidh a chleachdadh gus leabhran-iùil ullachadh mu phàircean ionadail a chleachdadh clann eile. 

(Dh’fhaodadh an gnìomh seo a bhith air a dhèanamh freagarrach dhan sgìre ionadail agaibh.  Mar eisimpleir, dh’fhaodadh sibh tràighean a chleachdadh seach pàircean).