Last Updated: Tuesday, July 21, 2020

Dùbhlan samhraidh – plèana pàipeir

What is this?

A bheil thu a’ coimhead airson rudeigin ri dhèanamh tro shaor-làithean an t-samhraidh?

Am-bliadhna, dh’fhaodadh gum bi saor-làithean an t-samhraidh rud beag eadar-dhealaichte dhuinn uile. Is dòcha nach bi thu a’ dèanamh nan nithean as àbhaist dhut a bhith a’ planadh air a dhèanamh.
Ma tha sibh a’ coimhead airson gnìomh spòrsail a dh’fhaodas sibh a dhèanamh mar theaghlach tro mhìosan an t-samhraidh, dh’fhaodadh gum bi sibh airson seo fheuchainn.

Cò as urrainn am plèana pàipeir as èifeachdaiche a dhèanamh?  Dh’fhaodadh farpais a bhith agaibh gus faicinn cò a dhèanadh am plèana pàipeir as fhaide a sgèitheadh.

Cleachd an ceangal gu h-ìosal gus faicinn mar a nì thu plèana pàipeir.  Dh’fhaodadh gun deilbheadh an leanabh agaibh am fear aca fhèin.  Dh’fhaodadh sibhse a thighinn gu co-dhùnadh mun dòigh anns an tomhaiseadh sibh an t-astar a sgèitheadh am plèana le bhith a’ coiseachd an astair a shiùbhlas iad no le bhith a’ cleachdadh teip-tomhais. gus dearbhadh dè am plèana a bhuannaicheas. 

Coimhead ris a’ bhidio a-rithist.  An turas seo cuir aithris air a’ bhidio sa Ghàidhlig.