Last Updated: Wednesday, February 10, 2021

Cluiche mac-meanmnach - early level

What is this?

Sa ghnìomhachd seo, bidh a’ chlann ag ionnsachadh mu dheidhinn nan diofar adhbharan a tha againn airson sgrìobhadh. Bithear gam brosnachach gus sgilean tràth-sgrìobhaidh a leasachadh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig a’ toirt mion-fhiosrachadh air mar a chleachdar modhan stèidhte air cluiche mar phàirt de mhodhan ‘làn-bhogadh’.

Faodaidh tu a’ ghnìomhachd seo a chleachdadh agus a fhreagarrachadh airson clann san t-suidheachadh agad, no fhad ’s a tha iad ag ionnsachadh aig an taigh. Nuair a tha thu ga cleachdadh, smaoinich air an raon de luchd-ionnsachaidh, an ro-eòlas a tha aca mar-thà agus na suidheachaidhean fa leth aca a thaobh leasachadh fileantachd. Tha a’ ghnìomhachd seo stèidhte air eòlasan agus builean na tràth-ìre.

Bidh an gnìomh ionnsachaidh seo a’ cuideachadh phàrantan/luchd-cùraim agus pàistean gus pàirt a ghabhail ann an gnìomhachdan taobh a-muigh na sgoile a bhios a’ toirt taic do fhileantachd sa Ghàidhlig. Far nach urrainn do phàrantan/luchd-cùraim Gàidhlig a bhruidhinn, thathar a’ brosnachadh gum bi companach cànain aig a’ phàiste.

Eòlasan agus Builean CfE: Tràth-ìre

  • Ann an suidheachaidhean fìor is mac-meanmnach, tha mi a’ cur an cèill eòlasan agus faireachdainnean, beachdan agus fiosrachadh gu soilleir. LIT 0-09a
  • Tha mi a’ feuchainn a-mach fhuaimean, litrichean agus fhacail, a’ faighinn a-mach mar a tha iad ag obair còmhla, agus is urrainn dhomh na dh’ionnsaicheas mi a chur gu feum airson mo chuideachadh nuair a tha mi a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh. GAI 0-12a / LIT 0-13a / LIT 0-21a
  • Mar a bhios mi a’ cluich agus ag ionnsachadh, is toigh leam a bhith a’ rannsachadh stuthan inntinneach airson sgrìobhadh, agus diofar dhòighean air m’ eòlasan, m’ fhaireachdainn, mo smuaintean agus m’ fhiosrachadh a chlàradh. LIT 0-21b
  • Ann an suidheachaidhean fìor no mac-meanmnach, tha mi a’ cur an cèill eòlasan is faireachdainn, smuaintean is fiosrachadh ann an dòigh a tha a’ sealltainn mo theachdaireachd. LIT 0-26

Adhbhar a’ ghnìomha

Bidh a’ ghnìomhachd seo a’ toirt taic do chlann a bhith a’ fàs mothachail air na diofar adhbharan airson sgrìobhadh agus bidh i gan cuideachadh a bhith a’ leasachadh an cuid sgilean a thaobh dèanamh chomharraidhean agus tràth-sgrìobhadh.

Bu chòir dhut an gnìomh seo a leasachadh a rèir feumalachdan na cloinne agad agus beachdachadh air sgilean is ro-eòlas sam bith a tha aca mar-thà.

Gnìomh ionnsachaidh

  • Dèan còmhradh ris a’ chloinn air am beachdan air mar a dh’fhaodar àrainn-chluiche mhac-mheanmnach a chruthachadh. Ma dh’fhaodte gun gabh an àrainn ‘cluich-riochd’ san t-suidheachadh agad atharrachadh airson seo, no ma dh’fhaodte gun gabh rudeigin a leasachadh aig an taigh. Faodaidh a’ chlann a bhith a’ moladh beachd a tha stèidhte air ùidh a tha aca an-dràsta no air àite air an do rinn iad tadhal o chionn ghoirid.
  • Brosnaich a’ chlann a bhith a’ cuimhneachadh air turas a rinn iad do sheirbheis no àite cudromach sa choimhearsnachd aca. Smaoinich air mar a dh’fhaodadh a’ chlann adhartas a dhèanamh nan cainnt; ma dh’fhaodte gun smaoinich thu air seirbheis àraid a bhiodh feumail gus am fileantachd a leudachadh. Mar eisimpleir, an dèanadh iad barrachd adhartais nan robh an àrainn-chluiche mar leabhar-lann, no mar thalla a’ bhaile, no mar oifis a’ phuist no mar ospadal? Thoir eisimpleirean dhaibh de chainnt fhreagarrach airson na gnìomhachd seo nuair a tha iad a’ freagairt cheistean agus a’ gabhail pàirt.
  • Gus toirt air a’ chloinn smaointinn, faighnich ceistean leithid:
    • Dè a’ chuimhne a tha agadsa air na chunnaic thu?
    • Ciamar a bha fhios agad air na bha a’ tachairt san àite seo?
    • Dè tha thusa a’ smaointinn a bhiodh feumail airson na h-àrainn-cluiche agad?
  • Brosnaich a’ chlann gus plana de na beachdan aca a dhèanamh agus clàraich seo ann an leabhar air an làr no air pìos pàipeir, mar eisimpleir.
  • Brosnaich a’ chlann a bhith a’ cuimhneachadh air soidhnichean agus brathan a chì iad sa choimhearsnachd aca. Bruidhinn riutha mu dheidhinn adhbhar nan soidhnichean is brathan seo, a bhios a’ toirt fiosrachadh do dhaoine. Dh’fhaodadh seo gabhail a-steach: a’ dèanamh bileagadh; a’ cruthachadh stiùireadh sìmplidh, a dh’fhaodadh a bhith ann an cruth deilbh; no a’ dèanamh bileag.
  • Còmhla ri chèile, cuir air bhonn an àrainn-chluiche mhac-mheanmnach, agus thoir taic dhaibh a’ tarraing dhealbhan, a’ dèanamh chomharraidhean, no a’ sgrìobhadh an fhiosrachaidh aca airson taisbeanadh do chàch.

Slatan-tomhais Nàiseanta

  • Roinn eòlasan, faireachdainnean, beachdan agus smuaintean le càch, a’ labhairt gu soilleir agus gu tuigseach, a’ cleachdadh fhacail, abairtean agus seantansan sìmplidh.
  • Cleachdadh raon de bhriathrachas is abairtean Gàidhlig ris a bheilear a’ cur tro dhiofar cho-theacsan.
  • Ag ath-innse sgeulachd ann an òrdugh tuigseach, a’ cleachdadh fhacail is abairtean Gàidhlig a thuilleadh air mìm agus cluich-riochd mar chuideachadh le leasachadh cànan luchd-ionnsachaidh.
  • Cumadh na mòr-chuid de litrichean beaga agus mòra gu ceart agus so-leughte.
  • Cleachdadh peansail le smachd agus misneachd a tha a’ sìor fhàs.
  • Labhairt agus feuchainn ri sgrìobhadh mu dheidhinn raon de dh’eòlasan is fhaireachdainnean a’ cleachdadh ro-innleachdan leithid dealbhan òrdughail, litrichean magnaiteach, teicneòlas le cuideachadh gutha agus sgrìobhadh.

Modh-obrach a dh’fhaodar a chleachdadh gus ionnsachadh a mheasadh

Cuir ceistean gus tuigse a dhearbhadh. Iarr air a’ chloinn fiosrachadh a thoirt seachad sa Ghàidhlig.

Gabhaidh na ceistean smuaineachail a leanas a chleachdadh gus beachdachadh air adhartas na cloinne agus air ath cheumannan:

  • Dè cho math ’s as urrainn don chloinn ath-chuimhneachadh air na tha air tachairt dhaibh? An urrainn dhaibh am beachdan a cho-phàirteachadh tro fhaclan agus tro tharraing dhealbhan, dèanamh chomharraidhean agus sgrìobhadh?
  • Dè an ìre as urrainn don chloinn a bhith a’ tuigsinn an adhbhair airson sgrìobhadh gus fiosrachadh a cho-phàirteachadh?
  • Dè cho math ’s a tha a’ chlann a’ leasachadh an cuid sgilean sgrìobhaidh?

Tha an stiùireadh as ùire mu mheasadh ri fhaotainn sa cheangal seo.

---------------------------------------

Pretend play

Curriculum for Excellence (CfE) experiences and outcomes: Early level

  • Within real and imaginary situations, I share experiences and feelings, ideas and information in a way that communicates my message. LIT 0-09a
  • I explore sounds, letters and words, discovering how they work together, and I can use what I learn to help me as I read or write. GAI 0-12a / LIT 0-13a / LIT 0-21a
  • As I play and learn, I enjoy exploring interesting materials for writing and different ways of recording my experiences and feelings, ideas and information. LIT 0-21b
  • Within real and imaginary situations, I share experiences and feelings, ideas and information in a way that communicates my message. LIT 0-26

Purpose of the activity

This experience will support children to become aware of the different reasons for writing and develop their skills in mark-making and early writing.

You should develop the activity based on the needs of your children and consider any prior skills and knowledge they have.

Learning activity

  • Discuss with children ideas for creating a pretend play area. This could be to change the current role-play area in your setting or to develop an idea at home. Children may have an idea based on a current interest or a place they have recently visited.
  • Encourage children to recall a time when they visited a service or an important place to them in their community. Think of children’s progress in their language. It may be that a particular service arises from that which would be useful in extending children’s fluency. For example, would a play area in a library, village hall, post office or hospital support progression? Model Gaelic language to support children as they answer questions and take part in the activity.
  • To prompt children’s thinking, ask questions such as:
    • What can you remember seeing?
    • How did you know what happened in this place?
    • What do you think you will need for your play area?
  • Encourage the children to make a plan of their ideas and record this in a floor book or on a piece of paper, for example.
  • Encourage children to recall signs and notices that they see in their community. Talk to children about the purpose of signs and notices for giving information to others. This could include labelling, creating simple instructions, which may be pictorial, or making a leaflet.
  • Together, set up the pretend play area and support children to draw, mark-make or write their information to display for others.

National Benchmarks

  • Shares experiences, feelings, ideas and thoughts with others, talking clearly and logically, using words, phrases and simple sentences.
  • Uses a range of Gaelic vocabulary and phrases which are added to through different contexts.
  • Retells a story in a logical sequence using Gaelic words and phrases as well as mime and role-play to aid learners’ developing language.
  • Forms most lowercase and upper case letters correctly and legibly.
  • Uses a pencil with increasing control and confidence.
  • Talks about and attempts to write about a range of experiences and feelings using such strategies as ordering pictures, magnetic letters, voice-assisted technology and writing.

Possible approach to assessing learning

Use questioning to check for understanding. Ask children to give detail in Gaelic.

The following reflective questions could also be used to consider children’s progress and next steps:

  • How well can children recall their experiences and share their ideas verbally and through drawings, mark-making and writing?
  • To what extent do children understand the purpose of writing to share information?
  • How well are children developing their skills in writing?

When planning your approach to assessing learning, please take account of the latest guidance on assessment approaches.