Last Updated: Wednesday, January 06, 2021

Fèisean nan Gàidheal (Gaelic)

What is this?

Chuir Fèisean nan Gàidheal sreath ghnìomhan air dòigh gus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh am measg òigridh fhad ’s a bha iad aig an dachaigh tron ghlasadh-sluaigh.

Who is this for?

Dha na h-uile neach aig a bheil ùidh ann am foghlam na h-Alba.

Na rinn sinn:

Fon bhratach “#cleachdi aig an taigh”, chuir sinn air dòigh raon de ghnìomhachdan gus cleachdadh na Gàidhlig am measg òigridh a neartachadh fhad ’s a bhathar ag ionnsachadh san dachaigh rè a’ ghlasaidh-shluaigh. Bha sin a’ gabhail a-steach:

  • òrain, geamannan agus gnìomhachdan eile tro mheadhan na Gàidhlig airson clann a tha aig an ìre ionnsachaidh làn-bhogadh
  • bùithtean-obrach dràma tro mheadhan na Gàidhlig
  • leasain Ghàidhlig airson luchd-ionnsachaidh agus clann ann am FtG
  • seiseanan Beairteis air gnàthasan-cainnt gus briathrachas na h-òigridh a shaoibhreachadh
  • cafaidh air-loidhne gach seachdain le aoighean gus deugairean a bhrosnachadh an cuid Gàidhlig a chleachdadh
  • seiseanan seinn sa Ghàidhlig airson a h-uile aois
  • prògram de leasain ionnsramaid-ciùil tro mheadhan na Gàidhlig
  • taisbeanaidhean air cultar Gàidhlig
  • seiseanan ‘Caraidean Còmhraidh’ le buidhnean beaga gus dèanamh cinnteach gun robh òigridh a’ cleachdadh Gàidhlig.

Chaidh an goireas air-loidhne againn Oide a thairgsinn saor an-asgaidh agus dh’fhoillsich sinn Ceòl nam Fèis mar leabhar-d.

Chaidh eileamaidean de Sgoil-shamhraidh Dràma Gàidhlig agus de dh’Fhèis Alba air adhart air-loidhne, agus taisbeanadh ga chur air dòigh aig deireadh an dà thachartais. Lean Fuaran air, agus chuir sinn òrain ris an tasglann Ghàidhlig againn gach seachdain airson Bliadhna Chladaichean is Uisgeachan. Gu ruige deireadh an Ògmhios, chunnacas na bhidiothan air-loidhne againn le 19,000+ agus bha 4,000+ air pàirt a ghabhail ann an gnìomhachdan.

Rè saor-làithean an t-samhraidh, bha sinn ag obair ann an co-bhann ri Fèisean ionadail gus dèanamh cinnteach gun robh aon Fhèis air-loidhne gach seachdain. Bha seo a’ cuideachadh clann gus am misneachd is fileantas sa Ghàidhlig a chumail suas agus a’ cur taic ri eadar-ghluasadan.

Cò bha sinn a’ gabhail a-steach:

Air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Alba Cruthachail agus HIE, air an cur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal ann an co-bhann ri Fèisean ionadail, bhathar gan tairgse don h-uile sgoil far a bheilear a’ teagasg Gàidhlig mar chiad chànan a bharrachd agus don h-uile sgoil is roinn a bhios a’ toirt seachad foghlam tron Ghàidhlig. Chaidh grunn oidean fhastadh ag obair air an urra fhèin.

An diofar a rinn e:

A’ tuigsinn gum faodadh droch bhuaidh gun sgur a bhith air sgoiltean, bhathar a’ co-dhùnadh gum faodadh clann ann an suidheachaidhean FtG a bhith fo anacothrom mì-chuibheasach ma bha iad a’ fuireach ann an taigh far nach robh Gàidhlig air a bruidhinn. Le bhith a’ tairgse raon farsaing de ghnìomhachdan stèidhte air Gàidhlig, b’ e am prìomh leas bhon phrògram gun robhar a’ tairgse don luchd-pàirteachaidh gum b’ urrainn dhaibh leantainn orra a’ cleachdadh Gàidhlig fhad ’s a bha iad far na sgoile. Tha leantainneachd riatanach ann an tar-chur cànain, far a bheil cànan an fhoghlaim na dhàrna no na threas cànan airson na mòr-chuid de sgoilearan. A bharrachd air an eileamaid chudromaich sin, bha an obair a rinn sinn a’ neartachadh lìbhrigeadh a’ churraicealaim, gu h-àraid a thaobh Gàidhlig agus nan ealan chruthachail, aig àm nuair a bha sgoilearan aig an dachaigh.

Mar shochair eile, bha am prògram a’ toirt fastadh do dh’oidean ag obair air an urra fhèin aig àm nuair a bha mòran dhiubh air an obair chunbhalach aca a chall.

Mar bhuidheann, dh’ionnsaich sinn tòrr mu dheidhinn lìbhrigeadh air-loidhne, dè tha ag obair gu math agus dè tha nas dùbhlanaiche. Bidh seo a’ toirt buaidh air an lìbhrigeadh againn sam àm ri teachd.

Na nì sinn diofraichte san àm ri teachd:

Chan eil teagamh ann gu bheil an èiginn Covid-19 air adhbharachadh gum feum a h-uile buidheann ath-smuainteachadh air mar a bhios iad a’ lìbhrigeadh an cuid phrògraman-obrach. Ged nach robh an suidheachadh a dh’adhbharaich seo idir foirfe, cha do rinn e mòran cron a bhith ag ath-sgrùdadh mar a dh’fhaodamaid innealan air-loidhne a chleachdadh na b’ fhèarr gus obair a lìbhrigeadh.

Ged a bhios sinn ag argamaid gur e teagasg aghaidh-ri-aghaidh an dòigh as fhèarr airson oideachas cànain is ciùil a thar-chur, agus gum bi sin daonnan fìor, mar ghnìomh a lìonas beàrn chaidh lìbhrigeadh air-loidhne a ghabhail ris gu math agus dh’obraich e gu math san fharsaingeachd. Bha feadhainn de na h-oidean a’ faireachdainn nach robh uimhir ann a bha a’ tarraing aire na cloinne air falbh nuair a bha iad air-loidhne, an coimeas ri bhith ag ionnsachadh mar phàirt de bhuidheann còmhla, agus nach robh an t-oideas air-loidhne a’ toirt droch bhuaidh air an adhartas a bha iad a’ dèanamh ann an ionnsachadh ciùil.