Last Updated: Wednesday, January 06, 2021

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu/Glasgow Gaelic School (Gaelic)

What is this?

Rè a’ ghlasaidh-sluaigh, chruthaich Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu sreath de phod-chraolaidhean ann an Gàidhlig gus brosnachadh agus taic a thoirt do bhruidhinn agus èisteachd anns a’ Ghàidhlig, tron sgoil agus tro choimhearsnachd na sgoile air fad.

Who is this for?

Dha na h-uile neach aig a bheil ùidh ann am foghlam na h-Alba.

Rè àm a’ ghlasaidh-shluaigh, chruthaich sinn sreath de phod-chraolaidhean sa Ghàidhlig airson èisteachd is labhairt tro mheadhan na Gàidhlig a chur air adhart san sgoil air fad agus sa choimhearsnachd aice. Chaidh na pod-chraolaidhean a dhèanamh airson ceangal a bharrachd a chur air bhonn le coimhearsnachd na Gàidhlig air feadh Ghlaschu agus airson cothrom a chur air dòigh airson sgoilearan is an teaghlaichean a bhith a’ cluinntinn a’ chànain ionnsachaidh aca ann an suidheachadh dibhearsaineach le guthan air a bheil iad eòlach, agus airson a bhith a’ conaltradh le sgoilearan is an luchd-obrach. An cois nam pod-chraolaidhean bha agallamhan le sgoilearan is luchd-obrach, farpais-cheist, agus gnìomhachd ealain is ciùird sheachdaineil airson teaghlaichean a bhith a’ cur seachad tìde còmhla air an socair. A bharrachd, leig am pod-chraoladh leis a’ C7 againn pod-chraoladh sònraichte eadar-ghluasaid a lìbhrigeadh anns am b’ urrainn dhaibh an soraidh slàn fhàgail agus taing a ràdh ris an sgoil. Bha seo a’ cumail taic ri an Slàinte is Sunnd agus eadar-ghluasad aig an àm dhuilich seo. Thug am pod-chraoladh dhuinn dòigh ùr conaltraidh, gu dìreach ri teaghlaichean, agus thug e dhuinn cothrom eile air Gàidhlig a thoirt a-steach don dachaigh, leis nach eil seo aig cuid mhòr de na sgoilearan. Nise agus gu bheil am pod-chraoladh ann, tha seo air cothrom eile a thoirt dhuinn sgilean rannsachaidh, clàraidh is deasachaidh a leasachadh leis na sgoilearan againn agus obair air a bhith ag ullachadh an cuid phod-chraolaidhean sgoile fhèin.

Chaidh na pod-chraolaidhean a dhèanamh le tidsearan agus sgoilearan bho Sgoil-àraich suas gu ÀS5 a’ cur riutha gach seachdain. Bha luchd-dreuchd a bhios a’ cleachdadh na Gàidhlig san obair làitheil aca a’ gabhail pàirt cuideachd, a’ toirt buntanas agus brosnachadh do na sgoilearan againn a bhith a’ cleachdadh an cànain agus a bhith pròiseil às. Thug seo seachad ceangal don chànan ann an dòigh a bha spòrsail is nach robh coltach ri obair sgoile do na sgoilearan againn. B’ urrainn dhaibh èisteachd agus an caraidean a chluinntinn, cluinntinn bhon luchd-teagaisg aca is pàirt a ghabhail san fharpais-cheist – agus iad a’ cur Gàidhlig gu feum ann an dòigh nach robh air a bhith comasach dhaibh, bhon a bha iad an làthair san sgoil. Thug seo cothroman do na sgoilearan an comas cànain ann an Gàidhlig a neartachadh, rud a bha na phrìomhachas airson nam pod-chraolaidhean, agus thug e cothrom dhuinn a bhith a’ cumail sùil air sunnd nan sgoilearan. Bhiodh sgoilearan eadar-dhealaichte a’ cur fios thugainn tron ghlasadh-shluaigh ag innse dhuinn ciamar a bha a’ dol dhaibh agus dè bha iad ris, gam fàgail le beachd aigneach.

A rèir nam pàrantan is nan sgoilearan, chuir am pod-chraoladh gu mòr ri ionnsachadh aig an dachaigh, leis gum biodh na sgoilearan a’ cur fios thugainn is ag iarraidh pàirt a ghabhail san ath chraoladh agus a’ moladh dhòighean san deigheadh aca air com-pàirteachadh ann is cur ris.

Faodaidh sinn leantainn oirnn leis a’ phod-chraoladh seo mar phròiseact sgoile ùr, rud a tha a’ toirt piseach air sgilean litearrach didseatach an luchd-obrach is nan sgoilearan. Bidh e a’ leasachadh an sgilean cànain a thaobh èisteachd is labhairt agus a’ cur an comasan còmhraidh am feabhas.

Thug am pod-chraoladh stèidh dhuinn far an tèid againn air conaltradh gu math leis na teaghlaichean againn is coimhearsnachd na sgoile. Le bhith a’ leantainn oirnn leis a’ phod-chraoladh bhon a thill sinn, tha sinn air beachdan brosnachail fhaighinn air ais. Tha cothrom air a bhith aig na sgoilearan èisteachd ris sa chlasrum a bharrachd air aig an dachaigh, agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil an cothrom aig a h-uile duine a bhith ag èisteachd ris.

Tha sinn an dòchas gun tèid againn air sgilean nan sgoilearan a leasachadh a bhith a’ cruthachadh am pod-chraolaidh fhèin, nì a chuireas ris an sgilean litearrach didseatach gu mòr, agus a bhrosnaicheas iad a bhith a’ leasachadh an sgilean rannsachaidh is cànain barrachd. Bu mhath leinn ceangal a dhèanamh le meadhanan Gàidhlig a leithid luchd-iomraiteach a tha air an urra fhèin agus BBC Alba, gus sgilean nam meadhanan a leasachadh. Dh’fhaodte gun tèid againn air am pod-chraoladh a thoirt air adhart agus a dhèanamh gu seachdaineil no gach dàrnacha seachdain, a’ toirt seachad naidheachdan mu shoirbheasan na sgoile is nan sgoilearan, tachartasan ri teachd, agus fòcas air clasaichean. Tron phod-chraoladh, dh’fhaodadh na sgoilearan càirdeas a thòiseachadh le Sgoiltean Gàidhlig eile, a’ ceangal gu didseatach agus a’ coinneachadh ri sgoilearan na Gàidhlig air feadh Alba. Dh’fhanadh fòcas a’ phod-chraolaidh mar chothrom a bhith a’ cur sgilean cànan na Gàidhlig am feabhas leis a’ bhuannachd a bharrachd gum bite a’ toirt piseach air sgilean litearrach didseatach, a’ stèidheachadh ùrlar aithneachaidh agus a’ conaltradh le coimhearsnachd na sgoile againn.