A’ neartachadh càileachd foghlam matamataig ann an Alba
Facal-toisich
’S e matamataig aon de na cuspairean as cudromaiche ann an curraicealam. Maille ri leughadh, tha matamataig mar fo-chreag airson foghlam uile-chùiseach agus tha e na uidheam deatamach airson àm-ri-teachd òigridh na h-Alba.
Mar thidsear, mar neach-sgrùdaidh agus mar Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam, tha mise air fhaicinn mar a tha matamataig cruth-atharrachail ann a bhith a’ fiosrachadh inntinnean òga.
Tha e furasta a dhìochuimhneachadh cho cumhachdach ’s a dh’fhaodas matamataig a bhith. Tha ionnsachadh matamataig gun teagamh gar n-uidheamachadh gus duilgheadasan fhuasgladh. Tha matamataig gar cuideachadh gus sgilean breitheil a leasachadh a tha deatamach airson ionnsachadh fad-beatha: bho smaoineachadh mion-sgrùdail is fuasgladh cheistean, gu pongalachd, loidig agus ath-leumachd, gu smaoineachadh cruthachail. Tha ionnsachadh matamataig a’ leudachadh ar n-inntinnean, a’ toirt dòighean-smaoineachaidh ùra do ar n-eanchainnean agus gar cur an aithne diofar mhodhan-obrach a thaobh fuasgladh cheistean. Ach fiù ’s nas luachmhoire na iad sin, tha e a’ togail ar misneachd thar raon de chuspairean. Tha e cuideachd a’ toirt dhuinn frèam-obrach inntinn leis am faod sinn ionnsachadh mar a nì sinn stiùireadh, ùr-ghnàthachadh agus soirbheachadh san t-saoghal sa bheil sinn beò a tha ag atharrachadh cho luath.
’S iad sin sgilean deatamach a dh’fheumas sinn leasachadh ann an inbhich an ama-ri-teachd airson Alba, air chor ’s gum faod iad aghaidh a chur ri dùbhlain – agus cothroman – saoghail a-màireach, co-dhiù ann an saidheans, teicneòlas, einnseanaireachd no sna h-ealain, no nam beatha làitheil.
Tha grunn taisbeanairean air a bhith ann thairis air an dà bhliadhna a chaidh a tha a’ sealltainn nach eil matamataig is àireamhachd a’ soirbheachadh ann an Alba. Chan eil teagasg is ionnsachadh matamataig air feadh na dùthcha a’ faighinn nam buannachdan an-dràsta a thig bho shoirbheas. ’S e cùis-iomagain a tha seo.
Aig deireadh 2023, chuir Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean an cèill iomairt ùr, Cearcall Leasachadh a’ Churraicealaim, a’ tòiseachadh le lèirmheas is ath-ùrachadh air curraicealaim na h-àireamhachd/matamataig, a bhios air a leantainn le lèirmheas is ath-ùrachadh air curraicealam na litearrachd/Beurla. Chan eil an Cearcall Leasachadh a’ Churraicealaim seo mar thachartas aon-turais, oir bidh e na chuairt leasachaidh leantainnich mar a chaidh a mholadh leis a’ Bhuidheann airson Co-obrachaidh agus Leasachaidh Eaconamaich.
Bidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a’ cur ri cuairt leantainneach lèirmheas a’ churraicealaim gus dèanamh cinnteach gum mair an curraicealam buntainneach agus adhartail, gu bheil e a’ soilleireachadh na dreuchd a bhios eòlas a’ cluiche agus, aig deireadh an latha, gu bheil e a’ toirt taic do theagasg, ionnsachadh is adhartachadh de dh’àrd-chàileachd.
>Mar aon de na ciad raointean airson Cearcall Leasachadh a’ Churraicealam uime sin, dh’iarr Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean orm fhìn is air an luchd-sgrùdaidh agam sgrùdadh cuspaireil nàiseanta a dhèanamh air ionnsachadh is teagasg ann am matamataig tarsainn sgoiltean is ionadan. Tha mi air mo dhòigh a bhith a’ nochdadh na h-aithisge seo air na toraidhean againn. ’S e aithisg a th’ ann airson a h-uile pàirt de shiostam foghlaim na h-Alba agus airson a h-uile duine aig a bheil ùidh ann mar as urrainn dhuinn obair mar shiostam gus piseach a thoirt air eòlasan is builean chloinne is daoine òga ann am matamataig.
Bha mi fìor thoilichte a leughadh mu dheidhinn na dòigh sa bheil luchd-cleachdaidh is luchd-teagaisg a’ leasachadh àrainneachd a bheir taic do chlann is daoine òga gus matamataig ionnsachadh agus am misneachd is dealas aca air a’ chuspair a leasachadh.
B’ e a’ phuing a thàinig am bàrr glè làidir, nuair a bhruidhinn sinn ri clann is daoine òga air na sgrùdaidhean seo, gu bheil e glè chudromach dhaibh gu bheil co-theacsaichean fìor-bheatha ann am matamataig agus ionnsachadh eadar-ghnìomhach is co-obrachail gan cleachdadh gu làidir ann an leasanan. A bharrachd air sin, tha teicneòlasan didseatach, a tha gun teagamh freagarrach do theagasg matamataig, gan cleachdadh barrachd is barrachd ann an seòmraichean-teagaisg agus, mar sin, tha iad a’ meudachadh com-pàirteachadh is misneachd luchd-ionnsachaidh ann am matamataig. Tha teagasg is ionnsachadh fada nas èifeachdaiche cuideachd nuair a tha luchd-ionnsachaidh comasach air an dà chuid goireasan didseatach agus goireasan fiosaigeach a chur gu feum.
Tha an cuideam a thathar a’ cur air adhartachadh is dùbhlan a cheart cho cudromach. Ma tha clann is daoine òga gu bhith a’ coileanadh bhuilean làidir, feumaidh iad dol an sàs ann an ionnsachadh a tha dùbhlanach gu h-iomchaidh, buntainneach do am beathannan agus co-fhreagrach do am feumalachdan fa leth. Tha seo fìor gu h-àraid airson luchd-ionnsachaidh ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig no ann an sgoiltean sònraichte, far a bheil e deatamach gu bheilear a’ toirt seachad ionnsachadh glacmhor de dh’àrd-chàileachd agus ionnsachadh co-theacsaichte. Tha ionnsachadh is teagasg matamataig tro Mheadhan na Gàidhlig de dh’àrd-chàileachd agus glè èifeachdach ann a bhith a’ cleachdadh cho-theacsaichean coimhearsnachd is cultarach.
Ach chomharraich sinn grunn chuspairean is bheàrnan iomagaineach air feadh foghlam matamataig ann an Alba. Tha com-pàirteachadh luchd-ionnsachaidh ann am matamataig a’ tuiteam air falbh gu ìre mhòr fhad ’s a tha iad a’ gluasad tro am foghlam, gu h-àraid ann an ìrean àrd-sgoile. Dh’innis daoine òga dhuinn gu bheil ÀS1 gu ÀS3 ath-aithriseil agus neo-dhùbhlanach, ach tha ÀS4 gu ÀS6 an uair sin nas duilghe na an cuspairean eile aig an ìre sin. Dh’fhaodadh an dà nì seo a bhith a’ toirt orra sgur de dhol an sàs. Mar eisimpleir, chunnaic sinn cothroman cuibhrichte airson ionnsachadh eisimeileach ann an cuid de sgoiltean. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil luchd-ionnsachaidh a’ call chothroman gus an t-adhartachadh is ath-leumachd aca a leasachadh ann am matamataig.
Chunnaic sinn cuid de sgoiltean far nach robh fòcas gu leòr ga chur air na modhan-obrach as èifeachdaiche a thaobh eòlas-teagaisg airson com-pàirteachadh is ionnsachadh a leasachadh, agus far an robh sin air toirt air clann is daoine òga sgur a dhol an sàs san cuid ionnsachaidh. Ged a tha deagh eòlas cuspair is deagh thuigse air eòlas-teagaisg aig mòran tidsearan, tha mòran eile ann aig a bheil deagh eòlas cuspair ma dh’fhaodte ach nach eil misneachdail a thaobh teagasg matamataig. Agus tha feadhainn eile ann air a bheil feum air barrachd taice gus an tuigse aca air bun-bheachdan matamataigeach a leasachadh.
Aig ìre ùghdarrais ionadail is aig ìre nàiseanta, tha sinn air chomharrachadh gu bheil feum ann air ionnsachadh proifeiseanta a tha cunbhalach is de dh’àrd-chàileachd, agus air luchd-teagaisg is luchd-cleachdaidh a dhol an sàs barrachd ann an ionnsachadh proifeiseanta iomchaidh. Chan urrainn dhuinn dol às àicheadh nan dùbhlan air am bi a h-uile sgoil – ach gu h-àraid àrd-sgoiltean – a’ cur aghaidh a thaobh gainneadan luchd-obrach, glèidheadh thidsearan is ealantas thidsearan ann am matamataig. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ toirt do thidsearan na cothromanan, taic is ionnsachadh proifeiseanta as fheàrr air chor ’s gum faod iad coinneachadh ri feumalachdan eadar-mheasgte nan sgoilearan.
Mar shiostam foghlaim, feumaidh sinn meòrachadh air toraidhean na h-aithisge seo agus air lèirmheasan is aithisgean eile bhon taobh a-muigh. Gus dèiligeadh ris na cùisean seo ann an dòigh ro-innleachdach is iomlanach, feumaidh sinn mar shiostam a bhith ag obair còmhla. Tha feum aig a’ chloinn is daoine òga againn gum bi sinn uile – bho ionadan is sgoiltean gu ùghdarrasan ionadail gu buidhnean nàiseanta gu Riaghaltas na h-Alba –ag obair còmhla. Feumaidh sinn, còmhla ri chèile, meòrachadh air na toraidhean is molaidhean san aithisg seo agus plana airson leasachadh a dhèanamh.
Agus feumaidh sinn mar Luchd-sgrùdaidh a’ phàirt againn fhìn a chluiche. Cumaidh sinn oirnn a’ soilleireachadh solas air matamataig is àireamhachd gus obair còmhla ri sgoiltean is ionadan ann a bhith a’ cuideachadh gus piseach a thoirt air ionnsachadh is teagasg matamataig. Bidh sinn ag obair còmhla ri luchd-ùidh eile, a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, gus aire dhaoine àrdachadh air na toraidhean againn agus a’ cuideachadh ann a bhith a’ comharrachadh càit an gabh leasachaidhean ro-innleachd a chur an gnìomh. Agus leis gur e seo a’ chiad aithisg san iomairt Cearcall Leasachadh a’ Churraicelaim, bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi na toraidhean againn a’ fiosrachadh a’ chearcaill sin gu dìreach.
Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ còmhradh air toraidhean is molaidhean na h-aithisge seo còmhla ri sgoiltean, ionadan, ùghdarrasan ionadail agus Riaghaltas na h-Alba, gus piseach a thoirt air builean clann is daoine òga na h-Alba.
Tha matamataig na chuspair brosnachail a tha mar iuchair a neo-ghlacas iomadh slighe eile. Feumaidh sinn obair còmhla gus dèanamh cinnteach gum mair matamataig buntainneach, inntinneach agus dùbhlanach airson na cloinne is daoine òga uile againn. Le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil na daoine òga againn misneachdail is comasach ann am matamataig, bidh sinn a’ cur ri àm-ri-teachd na h-Alba – ag uidheamachadh an ghinealaich leis na sgilean a tha a dhìth orra gus àm-ri-teachd nas soilleire, nas tionnsgalaiche agus nas soirbheachaile airson a h-uile duine.
Janie McManus
Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam