A’ neartachadh càileachd foghlam matamataig ann an Alba: Beachdan chloinne is daoine òga air ionnsachadh matamataig

Thug clann is daoine òga am beachdan seachad air ionnsachadh matamataig sna h-ionadan is sgoiltean aca. Tha iad a’ faighinn buannachd bho àrainneachdan deimhinneach is taiceil a tha a’ brosnachadh an cuid ionnsachaidh. Tha e a’ còrdadh ri clann is daoine òga matamataig ionnsachadh tro iomadh co-theacsa a tha a’ glacadh na h-ùidhe aca. Tha tòrr chloinne nas òige a’ cur an cèill dealas airson matamataig, is leasanan tric a’ còrdadh riutha. Ach, mar is trice chan eil beachdan cho deimhinneach aig clann nas sine agus daoine òga. Bu chòir do thidsearan obrachadh còmhla riutha gus dòighean a lorg a bheir air matamataig a bhith nas glacmhoire is tlachdmhoire.

Feallsanachd is cliomaid airson ionnsachadh matamataig

Dè tha ag obair gu math an-dràsta

Tha clann is daoine òga a’ cur luach air an fheallsanachd dheimhinnich is bhrosnachail a tha luchd-cleachdaidh is tidsearan a’ cruthachadh airson ionnsachadh matamataig. Tha a’ mhòr-chuid ag innse dhuinn gu bheil iad cofhurtail ann a bhith a’ feuchainn ghnìomhachdan is gnìomhan ann am matamataig air sgàth ’s gu bheil iad a’ faireachdainn gu bheil taic aca tro dhàimhean làidir, earbsach le luchd-obrach.

Tha a’ chlann is daoine òga ris an do bhruidhinn sinn air fad ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha ionnsachadh matamataig agus gu bheil an t-aon bheachd aig an teaghlaichean cuideachd.

Tha tòrr chloinne nas òige a’ nochdadh bheachdan gu math deimhinneach air matamataig, a’ dol an sàs le misneachd is dealas tro na gnìomhachdan, eòlasan is leasanan aca a tha stèidhichte air cluiche.

Dè dh’fheumas a leasachadh

Bu chòir do thidsearan a chumail orra modhan-obrach a leasachadh a bhios a’ cuideachadh chlann a bhith soirbheachail ann am matamataig gus am misneachd a thogail. Thuirt cuid de chlann aig na h-ìrean bun-sgoile nach eil cho misneachdail ann am matamataig gum bi iad a’ faireachdainn iomagaineach nuair a tha iad a’ gabhail pàirt ann an gnìomhachdan sam feum iad freagairtean a thoirt seachad gu luath no gu poblach.

Bhiodh torr chloinne ann an ceann-shuas na bun-sgoile is daoine òga ann an àrd-sgoiltean a’ faighinn buannachd bho mhodhan-obrach ionnsachaidh is teagaisg a bha gam brosnachadh dealas airson matamataig a thogail no fhaighinn air ais.

Ùidh is com-pàirt chloinne is daoine òga nuair a tha iad ag ionnsachadh matamataig

Dè tha ag obair gu math an-dràsta

Tha am feòrachas aig clann airson matamataig follaiseach ann an sgoiltean-àraich, far an tig an dealas is com-pàirt beò tro rannsachadh cleasach is còmhraidhean dealasach le co-aoisean is inbhich. Tha iad an sàs chun na h-ìre as motha nuair a thathar a’ toirt chothroman dhaibh bun-bheachdan matamataigeach a rannsachadh ann an seòmraichean-cluiche is àitichean air a’ bhlàr a-muigh, tro ghnìomhachdan a tha dealbhaichte is stèidhichte air ùidhean.

Tha clann is daoine òga a’ cur luach air eòlasan àireamhachd is matamataigeach fìor-bheatha a tha a’ ceangal an cuid ionnsachaidh ri gnìomhachdan làitheil, ga dhèanamh brìoghmhor is ion-chuimhneachadh. Ann an sgoiltean-àraich is bun-sgoiltean is sgoiltean sònraichte, chuir iad an cèill cho mòr ’s a tha e a’ còrdadh riutha an sgilean a chur an gnìomh tro ghnìomhachdan leithid còcaireachd, seopaigeadh is buidseatadh. Tha na h-eòlasan seo gan cuideachadh a thuigsinn mar a tha matamataig feumail taobh a-muigh sgoil-àraich no sgoil. Ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig, tha clann gu sònraichte a’ cur luach air obrachadh còmhla ri gnìomhachasan is buidhnean Gàidhlig gus an ionnsachadh matamataig a leasachadh.

Tha clann is daoine òga a’ dol an sàs tuilleadh ann am matamataig nuair a tha stòrasan gnìomhach aca, a’ gabhail pàirt ann an leasanan eadar-obrachail is ag obrachadh còmhla ris an co-aoisean. Ann an sgoiltean-àraich is bun-sgoiltean is sgoiltean sònraichte, tha iad a’ cleachdadh nithean fiosaigeach (innealan àireamhachd) gus taic a chumail ris an cuid ionnsachaidh. Tha sgeulachdan, òrain is rannan a’ còrdadh riutha ann a bhith a’ rannsachadh bhun-bheachdan matamataigeach ann an sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean is clasaichean Foghlam Meadhan Gàidhlig is ann an sgoiltean sònraichte. Tha daoine òga ann an àrd-sgoiltean a’ co-fhreagairt gu math nuair a tha leasanan nas eadar-obrachaile is nuair a tha cothroman annta airson obrachadh còmhla.

Tha pàirtean cudromach ri chluiche aig nithean-taice lèirsinneach, teicneòlas didseatach is ballachan obrachaidh ann a bhith a’ toirt taic do dh’ionnsachadh neo-eisimeileach is misneachd ann am matamataig a chur air adhart. Tha clann is daoine òga a’ faireachdainn gu bheil e gan cuideachadh cothrom a bhith aca air eisimpleirean obraichte, mìneachaidhean air briathrachas no teicneòlas didseatach nuair a tha iad a’ tachairt air dùbhlain. Tha stuthan lèirsinneach leithid loidhnichean-àireamhan is clàran-iomadachaidh cuideachail do chlann nas òige ann am bun-sgoiltean. Ann an àrd-sgoiltean a tha a’ tabhann matamataig tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, bidh grunn tidsearan a’ meudachadh com-pàirteachais le bhith a’ cur briathrachas a tha sònraichte dhan chuspair ann an Gàidhlig ri ballachan ionnsachaidh.

Dè dh’fheumas a leasachadh

Ann an ionadan tràth-bhliadhnaichean, bhiodh mòran chloinne òga a’ faighinn buannachd bho eòlasan ionnsachaidh matamataigeach nas eadar-mheasgte ann an àitichean air a’ bhlàr a-muigh. Le bhith a’ toirt a-staigh gnìomhachan nas eadar-mheasgte sna h-àrainneachdan seo, ghabhadh an com-pàirt annta is an tuigse orra a chur am meud.

Bu chòir do thidsearan beachdachadh air modhan-obrach gus com-pàirt ann am matamataig a chumail suas. Dh’aithris clann is daoine òga gum bi iad a’ call ùidh nuair a tha mìneachaidhean ro fhada no nuair a tha obrachaidhean is gnìomhachdan ro fhurasta no ro dhoirbh. Gus dèiligeadh ri seo, tha modh-obrach cothromaichte a dhìth gus clann is daoine òga a chumail an sàs is a bhrosnachadh tron ionnsachadh aca.

Dh’fhaodar com-pàirt chloinne is daoine òga a chur am meud tuilleadh le bhith a’ measgachadh teicneòlas didseatach is geamannan a-staigh nas fheàrr do dh’ionnsachadh planaichte. Faodaidh na h-innealan seo dòigh nas daidhneamaigich is eadar-obrachaile a thoirt do chlann is daoine òga sam faod iad an tuigse a dhoimhneachadh, air chumha ’s gu bheil iad aig an ìre cheirt de dhùbhlan gus an cuideachadh le adhartas a dhèanamh.

Ann an àrd-sgoiltean, gu h-àraid airson daoine òga ann an ÀS1 gu ÀS3, the e riatanach gun dèan tidsearan ceanglaichean nas soilleire eadar am matamataig a tha iad a’ teagasg is mar a tha e a’ buntainn ri beatha làitheil. Le bhith a’ sealltainn mar a chuirear bun-bheachdan matamataigeach an gnìomh ann an suidheachaidhean fìor-bheatha, bithear a’ cuideachadh dhaoine òga a dh’fhaicinn luach an cuid ionnsachaidh is gam brosnachadh ri dhol an sàs sa chuspair barrachd.