A’ neartachadh càileachd foghlam matamataig ann an Alba: Càileachd ionnsachaidh is teagaisg ann am matamataig

Eòlas matamataigeach is ionnsachadh proifeiseanta luchd-cleachdaidh is thidsearan

Tha a’ mhòr-chuid de luchd-obrach a’ gabhail pàirt ann an ionnsachadh proifeiseanta gus an cuid sgilean teagaisg matamataig a thoirt am feabhas. ’S e a dh’fheumar a-nis modh-obrach leasaichte gus am faod luchd-obrach air fad anns gach ùghdarras ionadail cothrom fhaighinn air ionnsachadh proifeiseanta de dh’àrd-chàileachd. A thuilleadh air sin, bu chòir do luchd-obrach bun-sgoile is sgoiltean sònraichte a chumail orra an eòlas cuspair matamataigeach a dhoimhneachadh.

Dè tha ag obair gu math an-dràsta

Ann an ionadan is bun-sgoiltean is sgoiltean sònraichte far a bheil ceannardas làidir, tha luchd-cleachdaidh is tidsearan a’ nochdadh misneachd mheudaichte is càileachd leasaichte nan cuid teagaisg. Bidh àrd-cheannardan a’ cuimseachadh air teagasg matamataig a leasachadh is an tuigse bhun-bheachdail aig luchd-obrach air matamataig a dhoimhneachadh. Tha seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil eòlasan de chàileachd nas àirde aig clann is daoine òga.

Ann an àrd-sgoiltean, tha tuigse làidir aig tidsearan matamataig air susbaint a’ chuspair.

Thar gach raoin, tha an ìre de chom-pàirteachas aig luchd-cleachdaidh is tidsearan ann an ionnsachadh proifeiseanta air matamataig, a ‘gabhail a-steach rannsachadh proifeiseanta, a’ dol am meud. Tha tuilleadh luchd-obrach a’ gabhail pàirt ann an trèanadh ionadail is nàiseanta, gu foirmeil is neo-fhoirmeil. Sna h-eisimpleirean as deimhinniche, tha seo air a dhealbhadh a rèir co-theacsa sònraichte an ionaid no na sgoile is a’ gabhail a-steach ionnsachadh stèidhichte air rannsachadh.

Ann am mòran sgoiltean, tha luchd-cuideachaidh taic sgoileir a’ toirt taic chuideachail is bhrìoghmhor do chlann is daoine òga a tha feumach air taic a bharrachd. Sna h-eisimpleirean as fheàrr, tha luchd-cuideachaidh taic sgoileir a’ dol an sàs san aon ionnsachadh phroifeiseanta ann am matamataig ’s a tha tidsearan. Tha seo a’ togail comasachd luchd-cuideachaidh taic sgoileir is gan cuideachadh taic nas fheàrr a thoirt do chlann is daoine òga.

Dè dh’fheumas a leasachadh

Ann an ionadan is bun-sgoiltean is sgoiltean sònraichte, feumaidh luchd-obrach a dhèanamh cinnteach gu bheil eòlas-cuspair gu lèor aca gus mìneachaidhean matamataigeach cearta a thoirt seachad, cho math ri cleachdadh iomchaidh de bhriathrachas. Tha tuigse dhaingeann air bun-bheachdan matamataigeach riatanach gus tuigse is misneachd chloinne is daoine òga àrachadh.

Dh’fhaodadh mòran thidsearan matamataig san àrd-sgoil buannachd fhaighinn bho ionnsachadh proifeiseanta a bharrachd gus an tuigse a dhoimhneachadh air na dòighean as èifeachdaiche airson matamataig a theagasg. Le bhith a’ dol an sàs ann an cothroman ionnsachaidh proifeiseanta a bharrachd, bidh iad a’ faighinn nan uidheaman airson conaltradh nas fheàrr le daoine òga is builean ionnsachaidh a leasachadh.

Tha feum soilleir ann air ionnsachadh proifeiseanta a bharrachd gus tidsearan is luchd-cleachdaidh a chuideachadh ann a bhith a’ cumail taic ri clann is daoine òga aig a bheil duilgheadasan le àireamhachd is matamataig. Tha seo a’ gabhail a-steach dèiligeadh ri dùbhlain shònraichte, a’ gabhail a-steach dyscalculia, is a’ leasachadh ro-innleachdan gus taic a thoirt don luchd-ionnsachaidh seo gus faighinn seachad air na bacaidhean a th’ orra gu soirbheachas matamataigeach.

Briathran is briathrachas matamataigeach

Ann am mòran bun-sgoiltean, tha modhan-obrach aig tidsearan a th’ air an deagh leasachadh gus clann a chuideachadh an smaoineachadh matamataigeach aca a mhìneachadh. Ach, feumaidh mòran thidsearan smaoineachadh ann an dòigh nas cùramaiche air mar a leasaicheas iad briathran is briathrachas sna leasanan aca. Tha e cudromach gum bi iad a’ sònrachadh ùine dhan taobh chudromach seo de leasachadh matamataigeach chloinne is daoine òga.

Dè tha ag obair gu math an-dràsta

Ann am mòran ionadan is bun-sgoiltean, tha barrachd fòcas air a bhith ga chur air comas a thoirt do chlann is daoine òga an smaoineachadh a mhìneachadh ’s a dhol an sàs ann an còmhraidhean brìoghmhor matamataigeach. Tha cuid bheag de dh’eisimpleirean deimhinneach ann de luchd-cleachdaidh is tidsearan a’ smaoineachadh gu cùramach mu mar a chleachdas iad briathrachas matamataigeach is mar a bheir iad taic do chlann a bhruidhinn air diofar ro-innleachdan airson duilgheadasan matamataigeach fhuasgladh.

Tha luchd-obrach Meadhan na Gàidhlig ag obair glè mhath gus tuigse aig clann air briathrachas sònraichte dhan chuspair a neartachadh. Tha clann nas sine is daoine òga a’ nochdadh misneachd nuair a tha iad a’ bruidhinn air matamataig ann an Gàidhlig.

Dè dh’fheumas a leasachadh

Ann am bun-sgoiltean, bu chòir do thidsearan briathran neo-fhoirmeil a sheachnadh nuair a tha iad a’ toirt cunntas air modhan-obrach matamataigeach. Thar raointean, feumaidh tidsearan a bhith nas cunbhalaiche ann a bhith a’ modaileadh, is a’ brosnachadh cleachdadh, briathran is briathrachas matamataigeach neo-mhearachdach.

Ann an àrd-sgoiltean, feumaidh cuid de thidsearan na dùilean aca air obair sgrìobhte is labhairteach dhaoine òga a thogail. Bu chòir dhaibh a leasachadh mar a nochdas daoine òga tuigse nas doimhne air bun-bheachdan matamataigeach san dà fhòrmat.

Bu chòir do thidsearan matamataig na h-àrd-sgoile cuideachd a bhith a’ brosnachadh co-chòmhradh nas motha bho dhaoine òga rè nan leasan, a’ lùghdachadh ceannardas guth an tidseir. Ro thric, bidh cus earbsa air guth an tidseir a’ cur bacadh air conaltradh is sgilean briathrachais dhaoine òga ann am matamataig.

Planadh airson ionnsachadh ann am matamataig

Bidh luchd-cleachdaidh is tidsearan gu cunbhalach a’ freagarrachadh a’ phlanaidh aca ann am matamataig gus taic a chumail ri adhartas chloinne. Ged a tha luchd-cleachdaidh is tidsearan a’ planadh airson susbaint churraicealach a chòmhdachadh gu math, tha planadh nas èifeachdaiche a dhìth airson clann is daoine òga fa leth.

Dè tha ag obair gu math an-dràsta

Thar ionadan is sgoiltean, tha luchd-obrach a’ toirt am feabhas modhan-obrach airson dealbhadh ann an àireamhachd is matamataig. Ann an ionadan is bun-sgoiltean is sgoiltean sònraichte, thathas tric a’ cumail taic mhath le seo tro phlanairean adhartach còmhla ri stiùireadh ùghdarrrais ionadail no nàiseanta. Sna h-eisimpleirean as fheàrr, bidh tidsearan a’ gabhail a-steach planadh airson briathrachas, ceasnachadh, duilgheadasan facail is modhan-obrach fuasgladh cheistean a dh’fheumas clann gus am faod iad ionnsachadh gu h-èifeachdach. Ann am mòran ionadan is sgoiltean sònraichte, tha fòcas soilleir aig luchd-obrach air a dhèanamh cinnteach gun toir iad fa-near do dh’ùidhean chloinne is daoine òga nuair a tha iad a’ planadh gus an ùidh aca a ghlèidheadh ’s a ghlacadh.

Ann an àrd-sgoiltean, tha modhan-obrach leasaichte aig tidsearan airson cùrsaichean a phlanadh san ìre as àirde. Tha iad seo dlùth-cheangailte ri riatanasan Theisteanasan Nàiseanta ann am matamataig is gnìomhachas matamataig.

Bidh mòran luchd-cleachdaidh is tidsearan a’ togail air bun-bheachdan matamataig a dh’ionnsaicheadh roimhe agus gan ath-neartachadh gu soirbheachail. Bidh iad a’ cleachdadh gnìomhachdan tòiseachaidh gu math ann am bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean gus clann is daoine òga a chuideachadh gus eòlas cudromach a chuimhneachadh ’s a chleachdadh. Bidh cuid a’ cleachdadh an eòlais a tha aca a thaobh ionnsachadh chloinne is daoine òga taobh a-muigh àireamhachd is matamataig gus dèiligeadh ri bacaidhean. Mar eisimpleir, bidh iad a’ toirt fa-near do sgilean leughaidh is litearrachd chloinne is daoine òga nuair a tha iad a’ planadh obraichean is ghnìomhachdan.

Tha deagh thuigse aig luchd-cleachdaidh is tidsearan air feumalachdan eadar-mheasgte chloinne is daoine òga. Tha e soilleir gu bheil feumalachdan chloinne a’ dol am meud, a thaobh taic a chumail ri clann is daoine òga a tha feumach air taic a bharrachd agus iadsan aig a bheil feumalachdan co-cheangailte ri dùbhlain shòiseo-eaconamach. Sna h-eisimpleirean as fheàrr, tha luchd-obrach air ro-innleachdan soilleir a leasachadh airson taic a chumail ri teaghlaichean is an toirt an sàs gus eòlasan, misneachd is ionnsachadh matamataig a thoirt am feabhas.

Dè dh’fheumas a leasachadh

Thar ionadan is sgoiltean, feumaidh a’ mhòr-chuid de luchd-obrach planadh a thoirt am feabhas airson clann is daoine òga, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha nas comasaiche ann am matamataig is iadsan a dh’fheumas taic a bharrachd gus coinneachadh ri am feumalachdan ionnsachaidh fa leth. Ann an cus bhun-sgoiltean, cha bhi gnìomhachdan dùbhlain a chaidh fhèin-thaghadh a’ toirt na h-ìre iomchaidh de dhuilgheadas a tha a dhìth air clann gus am faod iad adhartas a dhèanamh. Ann am mòran àrd-sgoiltean, tha planadh thidseraran ann an ÀS1 gu ÀS3 a’ cuimseachadh gu mòr air còmhdachadh susbaint.

Ann am bun-sgoiltean, bu chòir do thidsearan eòlas, bun-bheachdan is sgilean a cheangal thar a’ churraicealaim matamataig ann an dòigh nas èifeachdaiche. Bidh seo a’ cuideachadh chlann gus ceanglaichean a thuigsinn is a chur an gnìomh eadar diofar thaobhan den churraicealam matamataig.

Bu chòir do dh’àrd-cheannardan is tidsearan a nochdadh nas soilleire mar a tha na h-eadar-theachdan planaichte aca, nam meag iadsan le ionmhas bho Mhaoineachadh Cothromais nan Sgoilearan, a’ dùnadh na beàirn coileanaidh ann am matamataig gu h-èifeachdach. Le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil ceangal nas soilleire ann eadar eadar-theachdan agus builean so-thomhas, bithear a’ cumail taic ri measadh nas fheàrr air a’ bhuaidh air coileanadh matamataigeach chloinne agus daoine òga.

Teagasg matamataig

Tha càileachd teagaisg matamataig a’ diofrachadh gu mòr air feadh na h-Alba. Ged a tha a’ mhòr-chuid de thidsearan a’ toirt leasanan le deagh structar is mìneachaidhean soilleir, tha mòran ann a dh’fheumas càileachd teagaisg matamataig a thoirt am feabhas. Feumaidh iad a dhèanamh cinnteach gum faigh clann is daoine òga air fad eòlas air ionnsachadh is teagasg de dh’àrd-chàildeachd a bhios a’ leigeil leotha an t-adhartas as fheàrr a dhèanamh.

Dè tha ag obair gu math an-dràsta

Air feadh ionadan is sgoiltean, tha luchd-cleachdaidh is tidsearan soilleir mu adhbhar an ionnsachaidh a tha iad a’ dealbhadh do chlann is daoine òga. Ann an ionadan, bidh luchd-cleachdaidh tric a dh’aona-ghnothach a’ cleachdadh raointean sònraichte de dh’àireamhachd is matamataig cho math ri àitichean taobh a-staigh no air a’ bhlàr a-muigh nuair a chumas iad taic ri ionnsachadh chloinne.

Ann am bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean, tha tidsearan air gnàthaichean clas is structaran leasain soilleir a chur air dòigh. Ann am bun-sgoiltean, tha raon de dh’fheartan èifeachdach anns a’ mhòr-chuid de leasanan, leithid cleachdadh lùthmhorachd inntinn, ag obair tro eisimpleirean còmhla is a’ deasbad air ro-innleachdan matamataigeach.

Bidh tidsearan sa chumantas a’ toirt seachad eisimpleirean soilleir de shusbaint mhatamataigeach. Ann an ionadan is sgoiltean sònraichte, thathas a’ teagasg matamataig an dà chuid ann an leasanan sònraichte is tro ghnìomhachdan leithid fuine, ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh is èolasan coimhearsnachd. Ann am bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean, bidh tidsearan tric a’ modaileadh bhun-bheachdan matamataig, a’ faighneachd cheistean stiùiridh is a’ toirt chothroman do chlann is daoine òga gus ionnsachadh ùr a chleachdadh.

Dè dh’fheumas a leasachadh

Feumaidh tidsearan a dhèanamh cinnteach gu bheil cothromachadh nas fheàrr ann eadar na diofar thaobhan de dh’ionnsachadh matamataigeach - a’ leasachadh tuigse bhun-bheachdail, eòlas fìrinneach is siùbhlachd is sgilean modha. An-dràsta, an dà chuid ann am bun-sgoiltean is ann an àrd-sgoiltean, cha bhi mòran thidsearan a’ cuimseachadh gu lèor air leasachadh sgilean ann am matamataig.

Ann an tràth-bhliadhnaichean na bun-sgoile, feumaidh cothromachadh nas fheàrr a bhith ann eadar teagasg gu dìreach is ionnsachadh stèidhichte air cluiche gus taic a chumail ri adhartas ann am matamataig. Chan eil na modhan-obrach cluiche an-dràsta an-còmhnaidh dùbhlanach gu leòr gus taic a chumail ri adhartas matamataigeach chloinne. A thuilleadh air sin, an dà chuid ann am foghlam bun-sgoile is tràth ann am foghlam àrd-sgoile, bu chòir do thidsearan barrachd chothroman a thoirt airson clann is daoine òga a bhith a’ cleachdadh nithean fiosaigeach is riochdachaidhean-deilbh. Bhiodh seo a’ cuideachadh chlann is daoine òga ann a bhith a’ neartachadh an tuigse air bun-bheachdan matamataigeach.

Bu chòir do thidsearan àrd-sgoile cuimseachadh air an eadar-ghnìomhachdan le daoine òga a neartachadh. Gabhaidh seo a dhèanamh le bhith a’ toirt am feabhas modhan-obrach air modaileadh, a’ faighneachd cheistean smaoineachail is a’ brosnachadh chòmhraidhean-clas nas doimhne. Bhiodh na ro-innleachdan seo a’ cuideachadh dhaoine òga a dhol an sàs nas motha is an cuid ionnsachaidh a neartachadh.

Ann an sgoiltean sònraichte, bu chòir do thidsearan barrachd chothroman a thoirt seachad airson ionnsachadh neo-eisimeileach ann am matamataig. Le seo, bidh comas aig clann is daoine òga barrachd sealbh a ghabhail às a’ phròiseas ionnsachaidh aca, a dh’fhaodas toraidhean leasaichte adhbharachadh.

Measadh is fios air ais

Tha measadh is fios air ais ann am matamataig a’ sealltainn raointean de neart còmhla ri cothroman airson ionnsachadh. Barrachd is barrachd, thathas a’ cleachdadh mhodhan-obrach air measadh cunbhalach gu h-èifeachdach, ged a tha leudachd ann airson stiùireadh nas sònraichte a thoirt seachad air ath-cheumannan airson luchd-ionnsachaidh. Tha cleachdaidhean cuimseachd gan leasachadh, le eisimpleirean deimhinneach de cho-obrachadh ann an cuid de sgoiltean. Tha fios air ais taiceil sa chumantas, ach bhiodh tuilleadh fòcas air ceumannan soilleir, so-ghnìomhach a thoirt airson leasachadh a’ cuideachadh gus ionnsachadh is adhartas a dhoimhneachadh.

Dè tha ag obair gu math an-dràsta

Ann an ionadan is bun-sgoiltean is sgoiltean sònraichte, bidh luchd-cleachdaidh is tidsearan a’ cleachdadh raon de mhodhan-obrach airson measadh cunbhalach a tha èifeachdach, nam measg fios air ais labhairteach gus taic a chumail ri ionnsachadh is adhartas chloinne is daoine òga.

Ann am bun-sgoiltean, tha measadh cunbhalach mar is trice air a leasachadh gu math. Mar eisimpleir, bidh tidsearan a’ dèanamh cinnteach à tuigse chloinne gu gnàthach rè leasanan. Tha iad a’ cleachdadh seo gus eadar-theachdan a dhèanamh ann an deagh àm a chumas taic ri adhartas. Bidh cuid de thidsearan cuideachd a’ cumail taic ri clann gu math gus measadh chomhaoisean is fèin-mheasadh a dhèanamh air an obair aca. Tha seo a’ cuideachadh chlann a bhith gan aithneachadh fhèin mar luchd-ionnsachaidh.

Ann an ionadan, tha a’ mhòr-chuid de luchd-cleachdaidh sgileil ann a bhith a’ geur-sgrùdadh ’s a’ glacadh fianais air briathrachas is eòlas matamataigeach na cloinne ann an àireamhachd. Tha iad a’ dèanamh luachadh gu math air ionnsachadh chloinne is a’ mìneachadh nan ath-cheumannan a tha a dhìth airson adhartas.

Ann an àrd-sgoiltean, tha tòrr thidsearan a’ dol an sàs gu math le daoine òga fa leth gus sùil a thoirt air an adhartas rè leasanan. Tha iad cuideachd misneachdail ann a bhith a’ cleachdadh mheasaidhean deireannach gus eòlas is adhartas dhaoine òga ann am matamataig a thomhas. Tha iad seo air an leasachadh gu math is dlùth-cheangailte ri feumalachdan Tneisteanasan Nàiseanta san ìre as àirde.

Dè dh’fheumas a leasachadh

Ann an ionadan, bu chòir do luchd-ionnsachaidh barrachd chothroman a ghabhail gus tuigse matamataig a’ phàiste a mheasadh tro èisteachd ri is coimhead gu dlùth air an cànan is cluiche le clann eile tron latha.

Bu chòir do thidsearan modhan-obrach measaidh a leasachadh a tha ag iarraidh air clann is daoine òga an eòlas is sgilean a chur an gnìomh ann an co-theacsaichean ùra is neo-aithnichte. An-dràsta, tha measaidhean ann am bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean a’ cuimseachadh cus air measadh a dhèanamh air eòlas is tuigse chloinne is daoine òga air modhan-obrach. A thuilleadh air sin, ann am bun-sgoil is àrd-sgoil bu chòir do thidsearan càileachd an fhios air ais sgrìobhte is labhairteach a bheir iad a thoirt am feabhas, gus an toir e air ionnsachadh matamataig chloinne is daoine òga a ghluasad air adhart.

Bu chòir do thidsearan obrachadh nas dlùithe còmhla gus piseach a thoirt air mar a ghluaiseas clann bho ionnsachadh matamataig aig ìre bun-sgoile gu ionnsachadh matamataig aig ìre àrd-sgoile. Bu chòir dhaibh a dhol an sàs ann an co-obrachadh nas fharsainge gus tuigse choitcheann a leasachadh air slatan-tomhais is dùilean ann am matamataig.

Ann an àrd-sgoiltean, bu chòir do thidsearan modhan-obrach a thaobh measadh cunbhalach a thoirt am feabhas gus sùil a thoirt air tuigse dhaoine òga. Tha seo a’ gabhail a-steach measadh ‘san àm’ gus taic a chumail ri adhartas ann an ionnsachadh.