A’ neartachadh càileachd foghlam matamataig ann an Alba: Co-dhùnadh is molaidhean
Tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam an dòchas gum bi an aithisg seo geur-bheachdach is de luach practaigeach airson a h-uile duine a tha an sàs ann an ionnsachadh agus teagasg matamataig nuair a tha iad ag ath-sgrùdadh an cleachdaidh is a’ planadh airson leasachadh. Tha sinn a’ brosnachadh cho-obraichean aig a h-uile ìre ann an siostam an fhoglaim beachdachadh is meòrachadh gu cùramach air na toraidhean againn is na ceumannan riatanach a ghabhail gus atharrachadh a thoirt gu buil. Feumaidh a h-uile duine a tha an sàs ann am foghlam matamataig obrachadh còmhla gus eòlasan ionnsachaidh is teagaisg a thoirt am feabhas airson clann is daoine òga ann am matamataig ann an Alba, oir cha bhi aon phàirt den t-siostam na h-aonar comasach air na leasachaidhean seo a choileanadh. Airson an adhbhair seo, chan eil sinn air molaidhean a riarachadh do bhuidhnean sònraichte. An àite sin, tha sinn a’ dèanamh nam molaidhean a leanas airson ionadan is sgoiltean, ùghdarrasan ionadail, buidhnean nàiseanta agus Riaghaltas na h-Alba gus na leasachaidhean riatanach a dhràibheadh air adhart gu coitcheann.
Molaidhean
Chan eil na molaidhean a leanas dìreach airson sgoiltean is ionadan ach airson ùghdarrasan ionadail, buidhnean nàiseanta agus Riaghlatas na h-Alba.
- Cumaibh oirbh a’ leasachadh ro-innleachdan amasaichte gus tidsearan teisteanaichte ann am matamataig fhastadh agus a ghlèidheadh, gu h-àraid ann an àrd-sgoiltean agus ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig.
- Dèanaibh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile neach-foghlaim air ionnsachadh proifeiseanta leantainneach de dh’àrd-chàileachd a bhios a’ doimhneachadh an tuigse air bun-bheachdan matamataigeach agus air modh-teagaisg èifeachdach.
- Cuiribh fòcas air piseach a thoirt air càileachd an ionnsachaidh is teagaisg matamataig gus dèanamh cinnteach gu bheil leasanan com-pàirteach agus dùbhlanach gu h-iomchaidh airson feumalachdan ionnsachaidh eadar-mheasgte chloinne is daoine òga.
- Meudaichibh ionnsachadh proifeiseanta is ceannardas teagaisg gus taic a thoirt do luchd-cleachdaidh is luchd-teagaisg ann a bhith a’ coinneachadh nas fheàrr ri feumalachdan eadar-mheasgte chloinne is daoine òga.
- Neartaichibh cleachdaidhean measaidh chunbhalaich gus dèanamh cinnteach gu bheil clann is daoine òga a’ faighinn fios air ais a tha soilleir is so-ghnìomhach agus leigibh le clann is daoine òga an cuid eòlais is sgilean matamataigeach a thaisbeanadh ann an raon de dhòighean is co-theacsaichean.
- Meudaichibh co-obrachadh am measg sgoiltean, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean nàiseanta gus cleachdaidhean èifeachdach ann an ionnsachadh, teagasg is measadh matamataig a cho-phàirteachadh.
- Thoiribh fa-near geur-bheachdan na h-aithisge seo mar phàirt de Chearcall Leasachadh a’ Churraicelaim
Foillsichidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh iar-aithisg air càileachd an ionnsachaidh is teagaisg ann am matamataig, ann an co-rèir ri buileachadh Cearcall Leasachaidh a’ Churraicealaim. Mar phàirt de lèirmheas air sgrùdaidhean sgoile, nì sinn beachdachadh air mar a dh’fhaodar aithris nas soilleire a dhèanamh air càileachd cuspairean a’ churraicealaim, a’ gabhail a-steach matamataig. Bidh am modh-obrach seo a’ fiosrachadh ùrachaidhean cunbhalach air càileachd foghlam ann an Alba, air a thoirt seachd le Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam.