A’ neartachadh càileachd foghlam matamataig ann an Alba: Modh-eòlas

Thadhail HMIE air 52 ionadan is sgoiltean sna raointean ELC, bun-sgoile, àrd-sgoile is sònraichte tron bhliadhna acadaimigich 2023/24. Chaidh na h-ionadan is sgoiltean a thaghadh le HMIE gus diofar cho-theacsan is sluagh-thomhasan a riochdachadh, a’ gabhail a-steach iadsan a tha a’ lìbhrigeadh àireamhachd is matamataig tro Fhoghlam Meadhan Gàidhlig. Lorgar liosta de na h-ionadan is sgoiltean air an do thadhail sinn ann am Pàipear-taic 1. A thuilleadh air na 52 tadhailean, tha an aithisg seo a’ tarraing air fianais sgrùdaidh nas fharsainge bhon aon ùine.

’S e matamataig aon de na h-ochd raointean curraicealaim ann an Curraicealam airson Sàr-mhathais (CfE) ann an Alba is tha e a’ còmhdachadh an dà chuid eòlasan is toraidhean ann an àireamhachd is matamataig. B’ e fòcas nan tadhailean sgrùdaidh luach a chur air càileachd ionnsachaidh is teagaisg air feadh àireamhachd is matamataig san raon seo den churraicealam.

Ro na tadhailean sgrùdaidh, dh’iarr sinn air ceannardan-sgoile agus ceannardan ionadan ELC fèin-luachadh a ghabhail os làimh air na modhan-obrach a bha aca an-dràsta a thaobh ionnsachadh agus teagasg matamataig. Bha seo a’ gabhail a-steach na neartan is dùbhlain a th’ aca. Chleachd HMIE am fiosrachadh seo mar thoiseach tòiseachaidh airson nan còmhraidhean aca rè an tadhail.

Rè nan tadhailean sgrùdaidh, bhruidhinn HMIE ri clann is daoine òga, tidsearan is luchd-cleachdaidh. Choimhead iad air eòlasan ionnsachaidh, rinn iad sgrùdadh air sgrìobhainnean is bhruidhinn iad air modhan-obrach a thaobh ionnsachadh agus teagasg ann am matamataig. Roinn iad fios air ais labhairteach ris an luchd-obrach buntainneach aig deireadh gach tadhail.