A’ neartachadh càileachd foghlam matamataig ann an Alba: Ro-ràdh
Thàinig fòcas an sgrùdaidh chuspaireil seo am bàrr mar thoradh air grunn phrìomh adhbharan, nam measg coimeasan eadar-nàiseanta, molaidhean san aithisg “Curraicealam airson Sàr-mhathais ann an Alba: A-steach don Àm ri Teachd“ leis a’ Bhuidheann airson Co-obrachaidh agus Leasachaidh Eaconamaich (OECD), is prìomhachasan poileasaidh nàiseanta. Chuir iad seo cuideam air an fheum a th’ ann an curraicealam againn a leasachadh ann an dòigh rianail, phlanaichte - Cearcall Leasachadh a’ Churraicealaim. A thuilleadh air sin, tha an fhianais sgrùdaidh againn air caochlaideachd a nochdadh ann an càileachd ionnsachaidh is teagaisg, a bheir buaidh dhìreach air builean ionnsachaidh.
Gus taic a chumail ri Cearcall Leasachadh a’ Curraicealaim, dh’iarr Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean air Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam sgrùdadh cuspaireil air ionnsachadh agus teagasg matamataig a thoirt gu buil thar sgoiltean is ionadan. Tha mion-fhiosrachadh air toraidhean an sgrùdaidh seo san aithisg seo.
Ann an 2019, rinn Luchd-sgrùdaidh an Rìgh (HMIE) sgrùdadh cuspaireil nàiseanta air matamataig is àireamhachd. “Àireamhachd agus Matamataig airson luchd-ionnsachaidh na h-Alba: aithisg chuspaireil”. Fhuair sinn gum b’ fheudar do luchd-cleachdaidh is tidsearan a dhèanamh cinnteach à barrachd cunbhalachd ann a bhith a’ toirt seachad ionnsachadh agus teagasg de dh’àrd-chàileachd is diofarachadh gus coinneachadh ri feumalachdan gach neach-ionnsachaidh.
Bhon a chaidh an aithisg sin fhoillseachadh, tha fios againn gu bheil eòlasan chloinne is daoine òga san sgoil air a bhith fo bhuaidh a’ ghalair mhòr-sgaoilte COVID-19. Tha duilgheadasan air a bhith aig clann agus daoine òga a thaobh slàinte-inntinn is sunnd[1], cho math ri làthaireachd[2] is giùlan[3]. aodaidh beachdan chloinne is daoine òga air matamataig, cho math ri fastadh is glèidheadh tidsearan matamataig[4], a bhith nam factaran cudromach a thaobh ionnsachadh[5].
O chionn a’ ghalair mhòr-sgaoilte COVID-19, chan eil buileachadh ann am matamataig ann an Alba air a thighinn am feabhas gu mòr. Tha coimeasan eadar-nàiseanta de bhuileachadh matamataig ann an Alba tron Phrògram airson Measadh Oileanaich Eadar-nàiseanta (PISA) leis an OECD a’ sealltainn gu bheil, coltach ri iomadh dùthaich OECD eile, coileanadh ann am matamataig ann an Alba nas ìsle na gach toradh roimhe o chionn 2003. Tha an sgòr aig Alba fhathast coltach ri sgòr meadhanach an OECD ach tha e nas ìsle na an Rìoghachd Aonaichte gu lèir. Ged a dh’fheumar aire a thoirt nuair a thathar a’ dèanamh choimeasan ann am buileachadh dhaoine òga thar dhùthchannan, agus a bhith mothachail air buaidh a’ ghalair mhòr-sgaoilte COVID-19, tha e soilleir gur e cùis-dhragh a th’ anns a’ chrìonadh ann an coileanadh dhaoine òga Albannach.
Tha tomhasan buileachaidh is coileanaidh nàiseanta na h-Alba airson Buileachadh Ìrean a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais (CfE) (ACEL) airson àireamhachd a-mhàin ach tha iad a’ sealltainn leasachadh bho 2020/21 gu 2022/23 airson clann ann am bun-sgoil 1, bun-sgoil 4 is bun-sgoil 7. Tha buileachadh a thaobh ìre ann an àireamhachd sa Churraicealam airson Sàr-mhathais (CfE) a fhuaireadh le clann is daoine òga sa bhliadhna acadaimigich 2022/23 gu mòr ann an co-rèir ri no nas àirde na figearan ron ghalar mhòr-sgaoilte 2018/19.
Tha buileachadh ann an Teisteanasan Nàiseanta aig ìrean A gu C ann am Matamataig Àrd Ìre ann an 2023/24 air a bhith seasmhach an coimeas ri 2018/19.[6] Ach, tha buileachadh aig ìrean A gu C ann am Matamataig Àrd Ìre Adhartach ann an 2023/24 nas ìsle na ann an 2018/19. Aig Matamataig Nàiseanta 5, chaidh buileachadh aig ìrean A gu C am feabhas ann an 2023/24 an coimeas ri 2018/19. Tha Gnìomhachas Matamataig Nàiseanta 5 a’ sìor-fhàs nas measaichte.[7] Bha buileachadh aig ìrean A gu C sa chùrsa seo ann an 2023/24 gu mòr ann an co-rèir ri 2018/19.
Tha an dàta buileachaidh nàiseanta[8] a’ sealltainn caochlaideachd mhòr thar ùghdarrasan ionadail aig Nàiseanta 5, Àrd Ìre is Àrd-Ìre Adhartach ann am Matamataig is Nàiseanta 5 is Àrd Ìre ann an Gnìomhachas Matamataig.
A thaobh nan toraidhean ann an àireamhachd is matamataig a chaidh ainmeachadh gu h-àrd, cha ghabh an atharrachadh ach a-mhàin tro oidhirp choitcheann leis a h-uile duine a tha an sàs ann am foghlam matamataig air feadh na h-Alba. Tha com-pàirt is eòlasan chloinne is daoine òga, agus mar a thathas gan teagasg, le taic bho churraicealam buntainneach, nam prìomh bhrosnachaidhean airson soirbheas.
Tha an aithisg seo a’ tòiseachadh leis na prìomh thoraidhean thar gach raoin is an uair sin a’ toirt sùil air mion-fhiosrachadh bho fhianais raointean. Tha sinn a’ crìochnachadh le molaidhean airson luchd-obrach ann an sgoiltean is ionadan tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne (ionadan ELC), ùghdarrasan ionadail, buidhnean nàiseanta is Riaghaltas na h-Alba.
Lorg sinn neartan anns gach raon. Ach, feumaidh càileachd an ionnsachaidh is teagaisg ann am matamataig a dhol am feabhas. Bho thoraidhean an sgrùdaidh againn, tha sinn air mìneachadh dè tha ag obair gu math, dè dh’fheumas leasachadh is na bacaidhean do leasachadh a tha mu choinneamh ionadan is sgoiltean. Tha iad seo a’ buntainn ri ionnsachadh matamataig ann am Beurla is Gàidhlig mura thathar ag ràdh a chaochladh.
----------------------------------------------------------------------------------------------------------
[1] Slàinte agus sunnd: lèirmheas cuspaireil (education.gov.scot)
[2] A’ toirt làthaireachd am feabhas: A’ tuigsinn nan Duilgheadasan (education.gov.scot)
[3] Giùlan ann an Sgoiltean na h-Alba: aithisg rannsachaidh 2023 (www.gov.scot)
[4] Ciamar a tha daoine òga ann an Alba a’ faireachdainn mu dheidhinn matamataig? (Alba a’ Buannachadh)
[5] Ann an 2008, bha 2,787 tidsearan ann an àrd-sgoiltean aig an robh matamataig mar am prìomh chuspair. Ann an 2016, bha ìre ìosal de 2,331 tidsearan matamataig ann. Thàinig seo am feabhas gu 2,456 tidsearan matamataig ann an 2023, an co-àireamh a b’ àirde ann an 10 bliadhna. Staitstigean leasachaidh cunntas-sluaigh thidsearan (www.gov.scot)
[6] Chan eil sinn air coimeas a dhèanamh eadar dàta nàiseanta airson Teisteanasan Nàiseanta ann an 2019/20, 2020/21 is 2021/22 air sgàth nan diofar mhodhan-obrach a thaobh Teisteanan Nàiseanta a chaidh a thoirt seachad sna bliadhnaichean sin.
[7] Ann an 2019, bha 4,460 inntrigidhean airson Gnìomhachas Matamataig Nàiseanta 5. Ann an 2024, tha seo air èirigh gu 24,260 inntrigidhean. https://www.sqa.org.uk/sqa/files_ccc/attainment-statistics-provisional-2024.xlsx
[8] https://www.sqa.org.uk/sqa/files_ccc/attainment-statistics-provisional-2024-centre-type-education-authority.xlsx