Luachadh air ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd ann an Alba: Cùl-fhiosrachadh

’S e raon cleachdaidh proifeasanta a th’ ann an CLD a ghabhas a-steach:

  • obair-òigridh
  • ionnsachadh inbheach stèidhichte sa choimhearsnachd
  • ionnsachadh teaghlaich
  • leasachadh coimhearsnachd

Tha e a’ toirt comas do dhaoine na h-amasan fa leth agus coitcheann aca fhèin a chomharrachadh, a dhol an sàs ann an ionnsachadh, agus a dhol an gnìomh gus atharrachadh a thoirt gu buil dhaibh fhèin agus do na coimhearsnachdan aca. Bidh luchd-obrach agus saor-thoilich CLD a’ toirt taic do chlann, daoine òga agus inbhich ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha fo bhuaidh bochdainn. Tha fòcas làidir aig gnìomhachd CLD air eadar-theachd thràth, casg agus dèiligeadh ri neo-ionannachdan. Tha pàirt chudromach aige ann a bhith ag àrdachadh buileachadh dha na h-uile.

Is e ionnsachadh fad-beatha an leasachadh sgilean agus an t-ionnsachadh a bhios gach fear againn a’ dèanamh fad ar beatha. Tha iomadh taobh de CLD na lùib, a’ gabhail a-steach obair-òigridh, ionnsachadh inbheach stèidhichte sa choimhearsnachd, ionnsachadh teaghlaich agus ionnsachadh eadar ginealach. Bidh luchd -obrach agus saor-thoilich CLD a’ toirt taic do dhaoine de gach aois a dhol an sàs ann an ionnsachadh gus taic a thoirt do shunnd, rùintean pearsanta a choileanadh agus tlachd fhaighinn bho bhith a’ faighinn sgilean agus eòlas.

’S e leasachadh coimhearasnachd pròiseas far am bi daoine a’ tighinn ri chèile gus gnìomh a ghabhail air na tha cudromach dhaibh. Bidh e a’ cuideachadh choimhearsnachdan a bhith a’ cur rian orra fhèin agus a’ comharrachardh nan cùisean ris a bheil iad ag iarraidh a dhèiligeadh no nan cothroman a tha iad ag iarraidh a lorg. Gabhaidh seo a dhèanamh le coimhearsnachdan de dh’àite no le coimhearsnachdan de fhèin-aithne cho-phàirtichte. Tha leasachadh coimhearsnachd mu dheidhinn toirt gu buil comann-sòisealta a tha nas ceirte, nas cothromaiche agus nas ion-ghabhalta. Tha e a’ gabhail a-steach togail sgilean agus comasan bhuidhnean coimhearsnachd. Is e aon shreath de CLD a th’ ann.

Tha àite cudromach aig gnìomhachd CLD ann a bhith a’ toirt taic do chumhachdachadh coimhearsnachd. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ mìneachadh cumhachdachadh choimhearsnachdan mar:

"pròiseas far am bi daoine ag obair còmhla gus atharrachadh a thoirt gu buil sna coimhearsnachdan aca tro bhith a’ faighinn barrachd cumhachd is buaidh air na tha cudromach dhaibh."

Faodaidh coimhearsnachdan a bhith stèidhte air cruinn-eòlais, no faodaidh iad a bhith a’ co-phàirteachadh ùidhean, draghan no fèin-aithnean a tha cumanta.

Tha e aig cridhe modh-obrach CLD gum bi prògraman agus gnìomhan air an leasachadh le coimhearsnachdan agus com-pàirtichean. Tha proifeiseantaich CLD an geall air luachan a thaobh:

  • fèin-ùghdarras
  • in-ghabhail
  • cumhachdachadh
  • ag obair còmhla
  • brosnachadh ionnsachadh mar ghnìomhachd fad-beatha.

Tha dòighean-obrach CLD cuideachd air an cleachdadh le luchd-cleachdaidh ann an roinnean eile gus conaltradh le coimhearsnachdan agus luchd-ionnsachaidh.

Is e ‘neach-ionnsachaidh CLD’ neach sam bith a tha a’ faighinn sheirbheisean bho chom-pàirteachas no com-pàirtiche a tha a’ lìbhrigeadh solar CLD. Faodaidh iad a bhith nan:

  • Clann
  • daoine òga
  • inbhich
  • teaghlaichean
  • saor-thoilich
  • luchd-iomairt coimhearsnachd
  • buill den choimhearsnachd.

Tha com-pàirtichean CLD a’ gabhail a-steach an dà chuid na buidhnean a tha a’ lìbhrigeadh ionnsachadh is leasachadh sa choimhearsnachd agus seirbheisean eile a tha a’ cur ri com-pàirteachasan. Faodaidh seo a bhith a’ toirt a-steach, ach gun a bhith cuibhrichte gu:

  • seirbheisean agus buidhnean CLD
  • ionadan tràth-ionnsachaidh agus sgoiltean
  • buidhnean cultar is spòrs
  • NHS
  • colaistean
  • seirbheisean èiginn
  • buidhnean ionadail agus nàiseanta na treas roinne
  • buidhnean coimhearsnachd
  • leabharlannan
  • luchd-fastaidh.

Eadar 2016 agus 2019, chomharraich sgrùdaidhean grunn chuspairean a bha a’ nochdadh a-rithist ’s a-rithist, a’ gabhail a-steach gu bheil CLD a’ cur gu mòr ri coimhearsnachdan ionadail agus gu bheil luchd-obrach agus saor-thoilich a’ leasachadh chothroman beatha chom-pàirtichean air feadh na h-Alba. Chomharraich Luchd-sgrùdaidh an Rìgh cuideachd raointean a bha feumach air tuilleadh leasachaidh, leithid leasachadh air tomhas dèanadais mu choinneamh amasan, neartachadh na tairgse airson ionnsachadh inbheach stèidhichte sa choimhearsnachd agus slighean adhartais do luchd-ionnsachaidh a dhèanamh nas soilleire. Chomharraich an aithisg.

Ag àrdachadh chothroman beatha agus a’ toirt cumhachd do choimhearsnachdan (PDF) a chaidh fhoillseachadh san Fhaoilleach 2020, prìomh neartan agus nithean airson leasachadh ann an ceannardas agus lìbhrigeadh solar CLD. Mar a thòisich sinn air sgrùdaidhean a-rithist ann an 2023/24, às deidh a’ ghalair mhòr-sgaoilte, bha sinn airson measadh an robh ùghdarrasan ionadail air adhartas a dhèanamh a thaobh dèiligeadh ris na prìomh raointean leasachaidh sin, gu sònraichte leis na dùbhlain a tha an cois COVID-19.

Rinn CLD atharrachadh agus obrachadh gu sùbailte gus cuideachadh le bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan choimhearsnachdan aig àm a’ ghalair mhòr-sgaoilte. Bha luchd-cleachdaidh CLD ag obair ann an grunn àiteachan, a’ gabhail a-steach mòr-ionadan ionnsachaidh, agus dh’atharraich iad gu sgiobalta mar a lìbhrig iad ionnsachadh. Thug iad taic do shaor-thoilich agus do choimhearsnachdan gus feumalachdan ionadail a choileanadh. San t-Sultain 2022, dh’fhoillsich Luchd-sgrùdaidh an Rìgh aithisg a’ soilleireachadh feartan de chleachdadh leasachaidh coimhearsnachd èifeachdach mar fhreagairt do COVID-19: Coimhearsnachdan freagairteach, taiceil agus ath-leumach.

Mar a bhios CLD a’ leantainn air ag atharrachadh às dèidh a’ ghalair mhòr-sgaoilte, tha grunn dhùbhlain is chothroman mu choinneimh na roinne a bheir buaidh air a comas builean adhartach a lìbhrigeadh. Tha iad sin a’ gabhail a-steach caochlaideachd ann an riaghladh CLD agus dè cho math ‘s a tha na goireasan a tha rim faighinn air am maidseadh ri feumalachdan a th’ ann an-dràsta agus a’ tighinn am bàrr. Ach, tha neartan mòra san roinn cuideachd, leithid dealas luchd-obrach agus saor-thoilich aig gach ìre gus taic a thoirt do chom-pàirtichean agus coimhearsnachdan gus atharrachaidhean adhartach a dhèanamh.

Tha an aithisg seo ag amas air na raointean deatamach sin a sgrùdadh le bhith a’ measadh dè cho èifeachdach ’s a tha ùghdarrasan ionadail agus an com-pàirtichean a’ stiùireadh agus a’ riaghladh solar CLD, agus cuideachd an ìre gu bheil an obair aca a’ lìbhrigeadh buaidh a ghabhas tomhas. Le bhith a’ tuigsinn an dà chuid soirbheachasan agus dùbhlain, tha sinn ag amas air seallaidhean a thoirt seachad a bheir fios do leasachadh agus seasmhachd CLD air feadh na h-Alba san àm ri teachd.