Luachadh air ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd ann an Alba: Molaidhean
Molaidhean airson ùghdarrasan ionadail agus an com-pàirtichean CLD
Bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail obrachadh leis na com-pàirtichean CLD aca gus an cleachdadh coitcheann de dhàta agus fèin-luachadh co-roinnte a leasachadh gus sùil nas fheàrr a chumail air builean CLD agus aithris a dhèanamh orra.
Bu chòir do chom-pàirteachasan planadh coimhearsnachd dèanamh cinnteach gu bheil aithris CLD a’ toirt comas dhaibh tuigse fhaighinn air an adhartas a thathar a’ dèanamh mu choinneamh phlanaichean CLD agus mar a tha CLD a’ cur ri prìomhachasan nas fharsainge. Bheir seo taic dhaibh gus an dleastanas ro-innleachdail a choileanadh ann am planadh, riaghladh agus ceannardas CLD.
Feumaidh com-pàirteachasan CLD com-pàirt nas fheàrr a thoirt do dhaoine òga, luchd-ionnsachaidh inbheach, buidhnean coimhearsnachd agus riochdairean ionadail ann am planadh CLD. Gu sònraichte, bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gum bi barrachd buaidh aig com-pàirtichean CLD agus gum bi iad a’ gabhail pàirt ann an co-dhùnaidhean mu phlanadh CLD aig ìre ro-innleachdail.
Molaidhean airson Riaghaltas na h-Alba
Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air an dòigh as fheàrr air bun-structar nàiseanta a chleachdadh gus taic a thoirt don roinn CLD gus coinneachadh ri feumalachdan sluagh so-leònte. Tha grunn chùisean deatamach ann a tha an-dràsta a’ lùghdachadh comas na roinne gus coinneachadh ri feumalachdan luchd-ionnsachaidh agus choimhearsnachdan. Tha iad sin a’ gabhail a-steach dìth builean CLD co-roinnte agus frèam-obrach no siostam tomhais gus cunntas a chumail air adhartas aig ìre ùghdarrais ionadail agus ìre nàiseanta.
Bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air solar ionnsachadh inbheach stèidhichte sa choimhearsnachd, a’ gabhail a-steach ionnsachadh Beurla do luchd-labhairt chànanan eile, gus solar is iarrtas nas fheàrr a thuigsinn agus mar a dh’fhaodar dèiligeadh ri dùbhlain làithreach. Bu chòir gum bi seo a’ gabhail a-steach rannsachadh dè cho math ’s a tha ionnsachadh inbheach stèidhichte sa choimhearsnachd a’ cur ri prìomhachasan nàiseanta agus a’ comasachadh inbhich gus fastadh fhaighinn agus a’ toirt taic do shunnd.
Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air poileasaidh nàiseanta agus reachdas airson CLD gus dèanamh cinnteach gun toir iad aire don cho-theacsa làithreach agus gun cuir iad taic ri riaghladh neartaichte.
Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail beachdachadh a bheil feum air dòigh-obrach nàiseanta gus taic nas fheàrr a thoirt do sgoiltean agus com-pàirtichean CLD gus coileanadh agus sgilean dhaoine òga a chlàradh agus a leantainn. Is e dùbhlan fad-ùine a tha seo. Bheireadh dòigh-obrach chunbhalach, rianail cothrom do dhaoine òga an adhartas agus an sgilean aithneachadh agus a chomharrachadh nas fheàrr.