Luachadh air ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd ann an Alba: Pàipear-taic 1 Stiùireadh nàiseanta
Tha obair CLD ann an Alba air a stiùireadh leis an Stiùireadh Ro-innleachdail airson Com-pàirteachasan Planadh Coimhearsnachd: Ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd (2012). Tha an Stiùireadh Ro-innleachdail a’ mìneachadh nam builean airson CLD mar:
- Cothroman beatha nas fheàrr do dhaoine de gach aois, tro ionnsachadh, leasachadh pearsanta agus saoranachd ghnìomhach.
- Coimhearsnachdan nas làidire, nas ath-leumaiche, taiceil, buadhach agus in-ghabhalach.
Tha dleastanasan reachdail air ùghdarrasan ionadail a thaobh CLD Riaghailtean Riatanasan airson Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd (Alba) 2013. Tha an reachdas seo a’ cur an cèill gu bheil dleastanas reachdail air a h-uile ùghdarras foghlaim ann an Alba solar CLD a dhèanamh tèarainte le daoine òga, luchd-ionnsachaidh inbheach agus buidhnean coimhearsnachd/buidhnean san sgìre aca. Tha riatanas san reachdas air a h-uile ùghdarras foghlaim plana 3-bliadhna fhoillseachadh airson CLD gun a bhith nas fhaide na 1 Sultain 2015; agus gach treas bliadhna an dèidh ceann-latha foillseachaidh a’ phlana roimhe. Bha dùil ris na planaichean as ùire san t-Sultain 2024.
“Feumaidh na planaichean seo sònrachadh
- mar a bhios an t-ùghdarras foghlaim a’ co-òrdanachadh ullachadh CLD le daoine eile a tha a’ toirt seachad CLD taobh a-staigh raon an ùghdarrais foghlaim
- dè na gnìomhan a nì an t-ùghdarras foghlaim gus CLD a sholarachadh thar ùine a’ phlana;
- dè na gnìomhan a tha daoine eile an dùil a ghabhail gus CLD a sholarachadh taobh a-staigh sgìre an ùghdarrais foghlaim rè ùine a’ phlana; agus
- feumalachdan sam bith airson CLD nach tèid a choileanadh taobh a-staigh ùine a’ phlana.
Feumaidh ùghdarras foghlaim pròiseas a thòiseachadh agus, an dèidh sin a dhèanamh, a chumail agus a chomasachadh leis am bi CLD tèarainte taobh a-staigh sgìre an ùghdarrais foghlaim air a dhèanamh tèarainte ann an dòigh a tha:
- a’ comharrachadh dhaoine fa leth agus bhuidhnean air a bheilear a’ cuimseachadh;
- a’ toirt aire do fheumalachdan nan daoine fa leth agus buidhnean sin air a bheilear a’ cuimseachadh airson an CLD sin;
- a’ measadh na h-ìre gu bheilear a’ coinneachadh ris na feumalachdan sin mar-thà; agus
- a’ comharrachadh chnapan-starra a thaobh solar iomchaidh agus èifeachdach den CLD sin.”
Tha clann agus daoine òga air fad a’ faighinn taic bho churraicealam na h-Alba, Curraicealam airson Sàr-mhathais (CfE), a tha a’ cur luchd-ionnsachaidh aig cridhe an fhoghlaim. Bidh luchd-obrach agus saor-thoilich CLD a’ cur ri lìbhrigeadh a’ churraicealaim seo.
Chaidh Achd Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (UNCRC) (Alba) 2024 a chur an gnìomh air 16 Iuchar 2024. Nì an Achd cinnteach gum bi spèis agus dìon air còraichean chloinne ann an Alba. Feumaidh a h-uile buidheann poblach agus buidhnean eile a tha a’ toirt seachad seirbheisean às leth buidheann poblach cumail ris an reachdas. Tha seo a’ gabhail a-steach seirbhseisean CLD.
Taobh a-staigh na h-Alba, tha gealltanas ann a bhith a’ toirt taic do choimhearsnachdan gus rudan a dhèanamh dhaibh fhèin, agus an guthan a chluinntinn ann am planadh agus lìbhrigeadh sheirbheisean. Thug Achd Cumhachdachadh Choimhearsnachdan (Alba) 2015 còraichean ùra do bhuidhnean coimhearsnachd agus dleastanasan ùra do dh’ùghdarrasan san roinn phoblaich. Faodaidh luchd-obrach agus saor-thoilich CLD àite deatamach a thoirt seachad ann a bhith a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan pàirt a ghabhail mar chom-pàirtichean. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ leantainn a’ chleachdaidh as fheàrr airson buidhnean poblach gus conaltradh le coimhearsnachdan tro na h-Inbhean Nàiseanta airson Conaltradh Coimhearsnachd..
San Iuchar 2024, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an aithisg bhon lèirmheas neo-eisimeileach air CLD, Ionnsachadh: Airson na h-Uile. Airson Beatha. Aithisg bhon Lèirmheas Neo-eisimeileach air Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (CLD).
Tha Prògram Riaghaltais 2024-25: A’ frithealadh na h-Alba aig Riaghaltas na h-Alba a’ mìneachadh prìomhachasan agus rùintean an riaghaltais airson nan 4 bliadhna ri teachd. Tha seirbheisean CLD nan ùghdarrasan ionadail agus an com-pàirtichean ann an deagh shuidheachadh airson cur ris na 4 prìomhachasan. Is iad sin:
- cur às do bhochdainn chloinne
- fàs an eaconamaidh
- dèiligeadh ri èiginn na gnàth-shìde
- leasachadh sheirbheisean poblach.