Modhan ùghdarras ionadail airson taic a thoirt do leasachadh sgoile: Foir-shealladh
San Ògmhios 2024, dh’ainmich Àrd-neach-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlaim sgrùdadh cuspaireil nàiseanta air ùghdarrasan ionadail ann an Alba. B’ e fòcas an sgrùdaidh cuspaireil seo mar a tha ùghdarrasan ionadail a’ toirt taic do sgoiltean airson leasachadh. Tha an sgrùdadh seo a’ toirt cothrom ann an deagh àm meòrachadh air neartan, dùbhlain agus cothroman airson dèanamh cinnteach à foghlam àrd-inbhe don luchd-ionnsachaidh air fad.
Thug an sgrùdadh cuspaireil nàiseanta seo cothrom do Luchd-sgrùdaidh an Rìgh rannsachadh a dhèanamh air prìomhachasan làithreach airson leasachadh coileanadh sgoile thar nan 32 ùghdarrasan ionadail uile ann an Alba. Dh’ionnsaich sinn na tha ag obair gu math agus chuala sinn mu na dùbhlain a tha nochdadh do dh’ùghdarrasan ionadail agus leasachaidhean air am feumar dèiligeadh gus dèanamh cinnteach à èifeachdas air feadh na h-Alba. Tron chuspair nàiseanta, chruinnich Luchd-sgrùdaidh an Rìgh fianais air na cuspairean a leanas:
- Mar a tha ùghdarrasan ionadail a’ toirt taic do sgoiltean gus càileachd foghlaim a leasachadh tro phlanadh leasachaidh agus aithris air inbhean agus càileachd èifeachdach a chur an sàs
- Mar a tha ùghdarrasan ionadail a’ toirt taic do sgoiltean gus càileachd foghlaim a leasachadh tro fhèin-luachadh agus dearbhadh càileachd
- Mar a tha ùghdarrasan ionadail a’ toirt taic do sgoiltean gus càileachd foghlaim a leasachadh tro ionnsachadh proifeiseanta
- Mar a tha ùghdarrasan ionadail a’ lìbhrigeadh taic agus dùbhlan uile-choitcheann don h-uile sgoil, agus taic chuimsichte do sgoiltean sònraichte gus càileachd foghlaim a leasachadh.