Modhan ùghdarras ionadail airson taic a thoirt do leasachadh sgoile: Modh-eòlas

Chaidh tursan gu ùghdarrasan ionadail a chumail eadar an t-Sultain agus an t-Samhain 2024.

Rè na cuairtean, choinnich sgiobaidhean sgrùdaidh ri àrd-oifigearan agus sgiobaidhean meadhanach ann an ùghdarrasan ionadail gus cluinntinn mu phrìomhachasan ionadail agus modhan-obrach a thaobh gealltanas càileachd agus leasachadh sgoile. Choinnich Luchd-sgrùdaidh an Rìgh cuideachd ri buidhnean fòcais de cheannardan-sgoile agus stiùirichean sgoile, tidsearan, riochdairean bho chomainn phroifeiseanta, buill thaghte agus cathraichean Chomhairlean Phàrant.

Aig ìrean dealbhaidh nan sgrùdaidhean sin, dh’aithnich Luchd-sgrùdaidh an Rìgh gu robh feum air sùbailteachd nar dòigh-obrach gu coinneamhan gus am b’ urrainn dhuinn conaltradh le raon de luchd-ùidh a dh’fhaodadh nach biodh comasach air siubhal gu ionad meadhanach air sgàth àite agus/no dealasan eile. Mar sin chùm sinn cuid de choinneamhan agus bhuidhnean fòcais a’ cleachdadh dòigh-obrach measgaichte, le cuid de chom-pàirtichean a’ tighinn còmhla air-loidhne agus cuid gu pearsanta.

Cò ris an do bhruidhinn sinn

Mar phàirt de ar modhan-obrach airson raon fianais a chruinneachadh, ghlac sinn beachdan cheannardan-sgoile agus luchd-obrach ùghdarras ionadail a tha a’ toirt taic do leasachadh tro cheisteachan air-loidhne ro-sgrùdadh.

 

Àrd-stiùirichean ùghdarrasan ionadail

Oifigearan ùghdarrais ionadail

Ceannardan-sgoile

Tidsearan

Riochdairean aonaidhean-ciùird

Pàrantan

Buill Thaght

Iomlan

150

436

635

479

111

144

126

Freagairtean ceisteachain

Fhuair sinn ceisteachan bho:

  • 1,328 ceannardan-sgoile

  • 485 luchd-obrach ùghdarrasan ionadail

Tha freagairtean nan ceisteachan seo rim faicinn ann am Pàipear-taice 1.

Grafaig prìomh fhiosrachadh na dòigh-obrach

Infographic showing statistcs described on the web page and a map of Scottish local authorities.