Modhan ùghdarras ionadail airson taic a thoirt do leasachadh sgoile: Molaidhean
- Dèan cinnteach gum faigh a h-uile sgoil taic àrd-chàileachdail chunbhalach tro sholar làidir uile-choitcheann. Bu chòir seo lùghdachadh a dhèanamh air caochlaideachd taobh a-staigh agus thar ùghdarrasan ionadail agus builean cothromach fhaighinn do luchd-ionnsachaidh.
- Airson sgoiltean a tha feumach air taic cuimsichte, cuir planadh gnìomh, sgrùdadh agus cunntachalachd làidir an gnìomh. Tha seo deatamach gus dèanamh cinnteach gu bheil leasachaidhean riatanach do luchd-ionnsachaidh air an dèanamh tèarainte.
- Prìomhachas a thoirt do leasachadh ceannardais do stiùirichean meadhanach, gu sònraichte ann an àrd-sgoiltean, far nach eil builean leasachaidh cho cunbhalach, le fòcas air prionnsabalan fèin-luachaidh airson fèin-leasachadh.
- Stèidhich prògram ionnsachaidh proifeiseanta nàiseanta airson prìomh oifigearan nan ùghdarrasan ionadail. Cuidichidh seo le bhith a’ togail comas agus eòlas proifeiseanta ann an leasachadh sgoile agus taic èifeachdach agus cleachdaidhean dùbhlain.
- Leasaich modalan taic sùbailte a fhreagras air feumalachdan sònraichte sgoiltean dùthchail, iomallach agus eileanach.
- Cuir a-steach modhan co-obrachail ùghdarrasan ionadail gus cunntachalachd coitcheann a bhrosnachadh airson leasachadh sgoile, a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad sin stèidhichte gu cunbhalach ann am fèin-luachadh làidir, agus a’ leantainn gu tuigse cheart air prìomhachasan leasachaidh fa leth agus coitcheann.
- Leasaich cleachdadh ro-innleachdail dàta aig ìrean ùghdarrasan ionadail agus sgoile. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ leasachadh comas luchd-obrach gus dàta a mhìneachadh gu h-èifeachdach agus a’ cleachdadh lèirsinn stèidhichte air dàta airson fèin-luachadh, dealbhadh leasachaidh, agus riarachadh ghoireasan.