Ciamar a tha an ILC againn

Fàilte ort don dreachd-eagran den fhrèam-obrach ùr ‘Dè cho math ’s a tha an t-Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd againn?’ (HGIOCLD). Chaidh a leasachadh ann an co-chomhairleachadh le prìomh luchd-ùidhe san raon CLD. Tha sinn a-nis airson iarraidh air luchd-cleachdaidh san raon CLD fheuchainn a-mach mus leasaich sinn an t-eagran mu dheireadh dheth. Bidh sinn a’ cur fàilte air fios air ais a thaobh nì sam bith a tha thu a’ smaointinn a tha feumach air atharrachadh. Feuch gun cuir thu fios gu ball sam bith den sgioba CLD Neach-sgrùdaidh na Banrigh. Faodaidh tu cuideachd post-d a chur gu Alona Murray (alona.murray@educationscotland.gov.scot).