A’ dealbhachadh curraicealam stèidhichte air làn-bhogadh sa Ghàidhlig, air cluiche agus air prìomhachasan ionadail airson sgoil-àraich

Published 13/05/2025.  Last updated 07/05/2025
categoryGaelic categoryInspection and review

See English version.

Tha Sgoil-àraich Lìonail suidhichte ann an Sgoil Lìonail ann an Nis, air Eilean Leòdhais. Tha Nis ann an ceann a tuath an eilein, agus tha dearbh-aithne shònraichte aige, ‘Niseach’, le Gàidhlig aig teis-meadhan a’ chultair agus an dualchais.

Tha Sgoil-àraich Lìonail a’ toirt seachad tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne tro mheadhan na Gàidhlig mar phàirt den phoileasaidh ‘Gàidhlig air Thoiseach’ aig Comhairle nan Eilean Siar. Tha an sgoil-àraich clàraichte airson suas ri 25 pàistean eadar dà bhliadhna a dh’aois agus an aois far nach eil iad fhathast clàraichte ann an sgoil. Aig àm an sgrùdaidh, bha 12 pàiste de dhà bhliadhna a dh’aois is nas sine air an clàradh aig an sgoil-àraich.

Chan eil pàiste sam bith san sgoil a tha a’ fuireach anns na sònaichean 20% as easbhaidhich ann an Alba a rèir dàta bho Indeacs Ioma-Easbhaidh na h-Alba.

Cùis an leasachaidh

Chleachd luchd-obrach na sgoil-àraich is na sgoile fèin-luachadh ann an dòigh mhath, agus chomharraich iad an curraicealam mar raon leasachaidh. Chomharraich iad gun robh feum ann airson curraicealam buntainneach agus fòcasaichte a leasachadh airson sgoil-àraich suas gu BS7. Dh’fheumadh seo co-theacsa gun samhail na sgoile a thoirt fa-near gu buileach. Dh’aithnich luchd-obrach gun robh fileantachd na cloinne sa Ghàidhlig math ach dh’fhaodadh i a bhith nas fheàrr. Cha robh clann a’ ruigsinn an làn chomais ann am fileantachd. Dh’aontaich luchd-obrach gun cuireadh iad mar phrìomhachas a bhith a’ cur piseach air adhartas ann an làn-bhogadh agus a’ toirt seachad eòlasan ionnsachaidh de shàr chàileachd airson na cloinne uile. Dh’aithnich luchd-obrach gum feumadh ionnsachadh a bhith nas dùbhlanaiche agus air a fhreagarrachadh gu math ri feumalachdan na cloinne uile.

Dh’aithnich luchd-obrach na sgoil-àraich gun robh feum ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun robhar a’ leasachadh eòlas-teagaisg cluiche ann an dòigh sgileil agus ga phlanadh ann an dòigh chùramach gus làn-bhogadh làidir sa Ghàidhlig a lìbhrigeadh. Chomharraich iad gum feumadh planadh a’ churraicealaim a bhith a’ dèanamh cinnteach gun robh clann a’ leasachadh an sgilean litearrachd agus àireamhachd tro chluiche agus tro làn-bhogadh, a bharrachd air tro thaobhan eile den churraicealam. Dh’fheumadh seo tachairt fhad ’s a thathar a’ leasachadh Gàidhlig gach pàiste fa leth air an t-slighe gu fileantachd.

Na rinn an t-ionad

Tha luchd-obrach na sgoil-àraich a’ cur gu feum ann an dòigh dheagh-bhreithnichte an dà chuid am poileasaidh ‘Gàidhlig air Thoiseach’ agus a’ Chomhairle air Foghlam Gàidhlig (Màrt 2022) gus leasachaidhean a stiùireadh agus ath-bhreithneachadh. Chleachd luchd-obrach na sgoil-àraich modh-obrach làn-sgoile gus piseach a thoirt air feallsanachd na sgoile, ga dèanamh nas fòcasaichte air Gàidhlig. Le bhith ag ath-ainmeachadh chlasaichean tro mheadhan na Beurla mar ‘Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)’, thugadh smachd don luchd-obrach a bhith a’ cumhachdachadh a h-uile pàiste gus an cànan ionnsachadh. Bhathar air comhairle iarraidh bhon chloinn fhèin, agus bha cha mhòr a h-uile pàiste a’ cur luach air a’ chothrom a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig. Bha moit aig a’ chloinn uile às a’ choimhearsnachd gun samhail aca agus às an dearbh-aithne Niseach aca. Tha raon de bhuill air comhairle nam pàrant, bhon sgoil-àraich gu BS7, a tha a’ riochdachadh Foghlam tron Ghàidhlig agus Gàidhlig Luchd-ionnsachaidh. Nuair a chaidh comhairle iarraidh orra air dè bha a’ dèanamh na sgoile air leth, dh’aontaich na pàrantan air fad gun robh a’ Ghàidhlig, a’ bheul-chainnt Niseach, òrain, bàrdachd, cultar agus dualchas Nis uile fìor-chudromach. Dh’ainmich iad comharran-tìre ionadail agus am machair is fiadh-bheatha shònraichte a tha timcheall na sgìre mar nithean a tha cudromach do cho-theacsa na sgoile.

Ghabh Comhairle nan Eilean Siar ri eòlas-teagaisg cluiche mar mhodh-obrach ann an ionadan tràth-ionnsachaidh agus ann an clasaichean bun-sgoile 1 agus 2. Sholaraich a’ Chomhairle cothroman ionnsachaidh phroifeasanta airson luchd-obrach na sgoile agus na sgoil-àraich. Chuir an luchd-obrach an gnìomh eòlas-teagaisg cluiche agus làn-bhogaidh tarsainn na tràth ìre agus na ciad ìre. Gu cudromach, bha cluiche gu bhith tro làn-bhogadh, le barrachd cuideam ga chur air stòiridhean, òrain agus rannan ann an clasaichean nan tràth-bhliadhnaichean. Chleachd luchd-obrach dealbhan, ath-aithris agus mar a bhios clann a’ cleachdadh stòiridhean ath-aithriseach gus cainnt na cloinne a leasachadh is ath-neartachadh agus taic a thoirt do an tuigse is com-pàirteachadh. Dh’èist a’ chlann gu math ri stòiridhean aithnichte agus chòrd e riutha a bhith gan ath-innse, le bhith a’ cleasachd agus a’ gabhail pàirt san abairtean a bha gan ath-aithris. Bha seo gan cuideachadh gus structaran gràmarach a thuigsinn agus bha e a’ leasachadh sgilean fileantachd is litearrachd na cloinne. Chleach luchd-obrach ceòl agus òrain gus ionnsachadh cànain na cloinne a leasachadh agus a mheudachadh. Bha luchd-cleachdaidh sna tràth-bhliadhnaichean a’ cur gu feum ceòl agus gabhail òrain barrachd san t-suidheachadh làn-bhogaidh. Fhad ’s a tha clann a’ cluiche, bidh inbhich a’ dèanamh coluadar riutha gu cunbhalach, a’ togail conaltradh, abairtean agus briathrachas tron Ghàidhlig. Tha dreuchd dheatamach aig inbhich san t-suidheachadh ann an cluiche tro Ghàidhlig. Bidh iad a dh’aona-ghnothach a’ comasachadh chlann a bhith a’ cluinntinn agus a’ dèanamh coluadar sa chànan fad na h-ùine gus an cuideachadh Gàidhlig a ghabhail a-steach ann an dòigh a tha planaichte agus adhartach.

Tha luchd-cleachdaidh thràth-bhliadhnaichean a’ cleachdadh ‘An Leabhar Mòr’ ann an dòigh mhath gus ionnsachadh a phlanadh le bhith a’ cleachdadh ùidhean na cloinne gus cuspairean a rannsachadh. Tha slighean-adhartais feumail aca cuideachd airson litearrachd, àireamhachd agus slàinte is sunnd, agus bidh iad seo a’ stiùireadh am planaichean airson ionnsachadh na cloinne. Bidh iad seo a’ toirt fa-near eòlasan is builean a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais. Tha luchd-obrach a’ tracadh adhartas na cloinne a thaobh eòlas, sgilean agus tuigse ann an litearrachd, àireamhachd agus slàinte is sunnd gu mionaideach. Tha iad a’ tracadh adhartas na cloinne ann an Gàidhlig le bhith a’ cleachdadh shlatan-tomhais sònraichte ann am frèam-obrach airson togail chànanan agus slatan-tomhais nàiseanta. Tha seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann a’ dèanamh adhartas làidir. Tha frèam-obrach na Gàidhlig a’ gluasad gu luath tro structaran gràmarach a tha air am fighe a-steach ann an làn-bhogadh. Aig an tràth-ìre, tha frèam-obrach na Gàidhlig a’ togail air coluadar agus briathrachas tro chuspairean a dh’fhaodar gabhail a-steach ann an cluiche. Tha luchd-obrach a’ cleachdadh bancaichean bhriathran sa phlanadh aca gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cleachdadh modh-obrach planaichte a thaobh togail a’ chànain. Tha seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil clann a’ leasachadh briathrachas freagarrach a tha beairteach ann am faclan agus beul-chainnt na sgìre.

Tha luchd-obrach a’ dèanamh barantachd càileachd air mar a tha iad a’ cleachdadh Gàidhlig tro chluiche le bhith a’ cur gu feum a’ Chomhairle air Foghlam Gàidhlig. Tha luchd-obrach a’ cleachdadh na Comhairle seo ann an dòigh dheagh-bhreithnichte gus na modhan-obrach cluiche aca a stiùireadh agus ath-bhreithneachadh. Tha iad a’ freagarrachadh cluiche ann an Gàidhlig an dòigh dhiofaraichte an coimeas ri cluiche ann am Beurla, le leasachadh sa chànan mar phrìomhachas. Tha luchd-obrach a’ cur prìomhachas air eadar-theachd cùramach bho inbhich a bhios a’ taisbeanadh a’ chànain. Tha seo a’ toirt nan sgilean cànain riatanach do chlann gus am faod iad cumail orra a’ cluiche ann an Gàidhlig agus tha e a’ cur piseach air na gheibh iad à àm-snaoic; mar eisimpleir, bidh a’ chlann nan suidhe timcheall a’ bhùird gus cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachadh fìrinneasach a chur gu feum chun na h-ìre as motha a ghabhas. Tha luchd-cleachdaidh a’ cur gu feum a h-uile cothrom chun na h-ìre as motha a ghabhas gus adhartas na cloinne sa chànan a leasachadh. Tha iad a’ dèanamh cinnteach gum bi clann aig a bheil fileantachd a chionn ’s gu bheil a’ Ghàidhlig aca aig an taigh a’ faighinn ionnsachadh nas dùbhlanaiche.

Tha com-pàirteachasan le Comunn Eachdraidh Nis agus an “Day Club” a tha co-cheangailte ris (club sòisealta airson seann daoine) gan stèidheachadh san sgoil-àraich agus gan togail orra ann am BS1. Thathar a’ cur fiathachadh do bhuill an Day Club a thighinn don sgoil-àraich gus geamannan a chluiche agus eachdraidh a cho-phàirteachadh fhad ’s a tha iad a’ bruidhinn ri chèile sa Ghàidhlig. Tha seo a’ beartachadh eòlasan na cloinne tron Ghàidhlig.

A’ bhuaidh mhaireannach a fhuaireadh

Tha clann moiteil às an dearbh-aithne làidir Niseach mar sgoil. Tha luachan na sgoile làidir agus air am fighe a-steach ann an gnìomhan na cloinne. Tha a’ chlann a’ ceangal an eòlasan sgoile ris na luachan. Tha luchd-obrach fileanta sa Ghàidhlig. Tha am moit às an dearbh-aithne Niseach a’ dol tro gach pàirt den teagasg aca agus a’ cur ri feallsanachd na sgoile.

Tha cainnt agus fileantachd na cloinne air a dhol am feabhas, mar thoradh air leasachaidhean a rinneadh do làn-bhogadh, eòlas-teagaisg cluiche agus planadh adhartais sa churraicealam. Tha luchd-cleachdaidh a’ dearbhadh agus a’ measadh gu làidir, le bhith a’ cleachdadh Frèam-obrach na Gàidhlig agus Slatan-tomhais nàiseanta. Tha iad a’ comharrachadh ath-cheumannan airson na cloinne a thaobh togail a’ chànain, agus tha iad a’ dèanamh seo gu math. Tha am modh-obrach cunbhalach seo a’ cuideachadh gus togail air comas na cloinne sa chànan ann an dòigh ro-innleachdach. Tha luchd-cleachdaidh cuideachd a’ togail air sgilean cànain na cloinne a dh’aona-ghnothach agus gu freagairteach tro chluiche. Mar thoradh air sin, tha an reat aig a bheilear a’ leasachadh comas na cloinne sa chànan air a dhol am meud.

Mar thoradh air na modhan-obrach seo, tha cha mhòr a h-uile pàiste san tràth-ìre air targaid a bhith a’ coileanadh am builean a thaobh èisteachd agus labhairt fo Churraicealam airson Sàr-mhathais ann an litearrachd agus Gàidhlig. Tha luchd-obrach a’ cleachdadh bhuidhnean fòcais agus sgrùdaidhean gus taic a thoirt do am breithneachaidhean.

Tha luchd-obrach a’ comharrachadh agus a’ toirt seachad taic airson chlann aig a bheil feum air taic a bharrachd airson an ionnsachaidh cànain. Tha iad a’ cruthachadh thargaidean fa leth airson na cloinne.

Tha luchd-obrach a’ tomhas com-pàirteachadh na cloinne. Tha iad a’ leasachadh eadar-theachdan gus piseach a thoirt air seo tro thaic a bharrachd sa chlas, le bhith a’ cleachdadh sgeamaichean preantasachd an ùghdarrais ionadail gus ìrean buileachaidh àrdachadh.

Tha pàrantan toilichte leis an adhartas a tha an cuid chloinne a’ dèanamh agus le am fileantachd sa chànan. Tha iad an sàs gu gnìomhach san sgoil-àraich. Tha luchd-obrach a’ cleachdadh phròifilean air-loidhne gus fianais a thoirt seachad air mar a tha clann a’ cleachdadh a’ cho-theacsa ionadail aca ann a bhith a’ togail an sgilean. Tha clann moiteil às an sgoil aca agus às an dearbh-aithne Niseach agus Ghàidhlig.

Photo of 2 children eating vegetables

Photo of vegetables on plates

A’ cleachdadh Gàidhlig airson adhbharan fìor-bheatha agus a’ brosnachadh ionnsachadh teaghlaich. Tha a’ chlann cuideachd a’ beachdachadh air diofar chumaidhean aig àm-snaoic le bhith a’ dèanamh coluadar sa Ghàidhlig. Tha luchd-obrach a’ cleachdadh a h-uile cothrom gus clann a làn-bhogadh sa Ghàidhlig.

Photo of children eating vegetables around table

Photo of 3 children eating healthily