A’ co-roinn fianais sgrùdaidh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig – làn bhogadh tràth-ionnsachaidh agus cùram-chloinne

Published 22/06/2022.  Last updated 09/12/2024
sourcePractice exemplars categoryGaelic categoryInspection and review

Tha na h-amasan a leanas aig a’ ghoireas seo:

  • co-roinn mar a tha luchd-ullachaidh a’ churraicealaim a’ stèidheachadh am modh-obrach air làn bhogadh de dh’àrd-chàileachd san t-seòmar-cluich agus air a’ bhlàr a-muigh mar a bhith deatamach do na 1140 uairean a thìde an-asgaidh.
  • eisimpleir a thoirt mu cheannardas atharrachaidh thar ùine le rianachd èifeachdach a thaobh luchd-obrach, goireasan agus ionnsachadh proifeiseanta gus coinneachadh ri prìomhachasan ionadail agus nàiseanta.
  • eisimpleir a thoirt mu mar a tha clann agus pàrantan a’ faighinn taic ann am foghlam ath-shlànachadh 0-5 gus a bhith ag ùrachadh, ag ath-nuadhachadh agus ag ath-bhreithneachadh.
  • aithne a thoirt air mar a cho-obraich an siostam gus taic a thoirt do Fhoghlam Gàidhlig tro ionnsachadh aig astar agus misneachadh a bhith a’ togail air ais nas làidire an dèidh a’ mhòr-ghalair.

Bhideo

Luchdaidhean a-nuas

Faidhle PDF: Prìomh eadar-theangachaidhean de theacsa Gàidhlig (370 KB)

Faidhle PDF: Slaidhlean air an cleachdadh ann an taisbeanadh (578 KB)

Faidhle PDF: Ceistean Dùbhlain (205 KB)

Ceistean Dùbhlain

  • Dè na feartan de chleachdadh èifeachdach a tha ri ur miann san fhiolm seo? Ciamar as urrainn dhaibh buaidh a thoirt air a’ churraicealam agaibh?
  • Dè cho math ’s a tha sibh a’ cleachdadh nan 1140 uairean a thìde ann an tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne gus a’ bheàrn buileachaidh a lùghdachadh, co-ionannachd agus buaidh adhartachadh a thaobh fileantachd chloinne sa Ghàidhlig?
  • Dè na gnìomhan a tha sibh a’ coileanadh gus dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh, teagasg agus cluich bogaidh gu cunbhalach de dh’àrd-chàileachd, an dà chuid a-staigh agus air a’ bhlàr a-muigh?
  • Ciamar a tha sibh a’ fighe a-steach eadar-obrachadh èifeachdach agus cunbhalach sa Ghàidhlig mar phàirt de fhèin-fhiosrachaidhean air an tòiseachadh le leanabh, air an tòiseachadh le inbheach agus air an stiùireadh le inbheach a bhios ag adhbharachadh gum bi a’ chlann fileanta sa Ghàidhlig?
  • Dè na dòighean sa bheil agus dè cho math ’s a tha an leasachadh de chànan sòisealta a’ faighinn taic gus dèanamh cinnteach gun urrainn don chloinn tòiseachadh a’ bruidhinn na Gàidhlig airson adhbharan fìor agus gnothachail?
  • Ciamar a tha an curraicealam agaibh ag adhartachadh feòrachas a thaobh cultar sònraichte na Gàidhlig?
  • Dè na modhan-obrach a bhios sibh a’ cleachdadh gu math gus dearbhadh gu bheil a’ chlann a’ dèanamh adhartas nan ionnsachadh? Dè cho math ’s a tha sibh a’ tracadh gu bheil a’ chlann a’ faighinn làn bhogadh sa Ghàidhlig?
  • Dè na prìomh fheartan a tha aig eadar-ghluasad èifeachdach 0-5 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?
  • Dè cho math ’s a tha sibh a’ toirt taic do agus a’ leasachadh dol an sàs phàrantan agus ionnsachadh teaghlaich? Ciamar a tha pàrantan/luchd-cùraim air am brosnachadh is air am fiosrachadh gus an toir iad taic gu h-èifeachdach don chànan a thathar a’ cleachdadh san dachaigh?
  • Ciamar a tha sibh a’ toirt taic do luchd-cleachdaidh tuigse mhath a bhith aca de làn bhogadh? Dè cho comasach ’s a tha e dhaibh an tuigse seo a chur an sàs gu soirbheachail an uair a tha foillseachaidhean ùra a’ tighinn a-mach airson foghlam tro mheadhan na Beurla? Mar eisimpleir, “A' Coileanadh a' Chomais”
  • Dè cho math ’s a tha an curraicealam àrd-sgoile agaibh a’ toirt taic do chinn-uidhe iar-sgoile dheimhinneach agus dreuchdan ann an tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?
  • Dè na beachdan a tha aig a’ chloinn mu mar a dh’fhaodadh na fèin-fhiosrachaidhean aca san sgoil-àraich a bhith air an leasachadh?