A’ leasachadh Curraicealam na Gàidhlig anns an Àrd-sgoil – Àrd-sgoil Greenfaulds
Visit the English version of this page at Developing a Curriculum for Gaelic in Secondary – Greenfaulds High School
Ceistean leasachaidh
- Dè cho èifeachdach ’s tha sinn a’ cleachdadh an luchd-obrach aig a bheil Gàidhlig gu fileanta nuair a lìbhrigeas sinn Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus a bheil luchd-obrach comasach na sgilean aca a leasachadh tro chothroman Ionnsachadh Proifeiseanta?
- Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ cleachdadh theicneòlasan didseatach gus ionnsachadh a mheudachadh, an curraicealam a lìbhrigeadh agus sgilean airson ionnsachadh, beatha agus obair a leasachadh?
- Dè an coltas a th’ air co-ionannachd agus cothromas airson clann agus òganaich ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?
- Tha Inbhean Proifeasanta Comhairle Coitcheann Teagaisg na h-Alba a’ buntainn ri Foghlam tro Mheadhan na Beurla agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, le ceithir iomraidhean sònraichte air a’ Ghàidhlig thar nan inbhean. Ciamar a nì thu cinnteach gu bheil na h-iomraidhean seo air am fighe a-steach san t-suidheachadh agad?
Dè chaidh a dhèanamh?
- Leasaich Àrd-sgoil Greenfaulds an Curraicealam Gàidhlig aice le bhith a’ gabhail làn bhuannachd bho shùbailteachd a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais, agus le bhith a’ meudachadh an sgioba-obrach aice thar ùine bho 2.2 FTE gu 5.6 FTE. Rinn seo leudachadh comasach air àireamh nan cuspairean a thathar a’ lìbhrigeadh tron Ghàidhlig gu 10 cuspairean, le planaichean airson leudachadh a bharrachd san àm ri teachd.
- Chruthaich an dòigh-obrach seo barrachd chothroman bogaidh anns an Fhoghlam Fharsaing Choitcheann agus aig an aon àm chuir e taic ri tairgse nan cuspairean air an lìbhrigeadh tron Ghàidhlig aig ceann shuas na sgoile.
- Anns a’ chiad dol a-mach, rinn Greenfaulds mapa de sgilean, eòlasan, teisteanasan agus ùidhean an luchd-obrach aig an robh teisteanas teagasg na Gàidhlig. Chuidich seo an sgoil gus cothroman aithneachadh airson an curraicealam a leudachadh. Chuir iad taic ri luchd-obrach gus barantachadh agus Ionnsachadh Proifeiseanta Fad Dreuchd fhaighinn airson leudachadh curraicealaim tro mheadhan na Gàidhlig a dhèanamh comasach. A’ leasachadh bhon chiad tairgse de Fhraingis agus Cuspairean Sòisealta, tha sreath nan cuspairean air an leudachadh gus Matamataig, Saidheans agus Ceòl a ghabhail a-steach.
- Tha Roinn na Gàidhlig cuideachd a’ smaoineachadh air adhart ann an cleachdadh teicneòlas didseatach gus ionnsachadh, teagasg agus measadh a lìbhrigeadh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
- Dh’obraich Greenfaulds gu dlùth leis an Ùghdarras Ionadail agus an Treas Roinn gus gnìomhan taobh a-muigh na sgoile a leudachadh, a’ gabhail a-steach dràma agus ceòl tro mheadhan na Gàidhlig gus ionnsachadh a mheudachadh thar a’ churraicealaim.
- Tha an sgoil air Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a leasachadh anns an sgoil, agus tha i ag obair mar làr-ionad airson luchd-ionnsachaidh o air feadh Siorrachd Lannraig a Tuath.
Carson a chaidh seo a dhèanamh
- ’S e Àrd-sgoil Greenfaulds an làr-ionad àrd-sgoile airson Foghlam Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath agus tha barrachd air 100 luchd-ionnsachaidh air an teagasg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
- Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air Àrd-sgoil Greenfaulds ann an 2018 agus dh’aithnich aithisg an sgrùdaidh iomadh neart agus dh’ainmich e cuid de roinnean airson leasachadh a thaobh leasachadh a’ churraicealaim.
- B’ e amas Àrd-sgoil Greenfaulds a’ cho-chuid de dh’ionnsachadh tron Ghàidhlig a mheudachadh thar a’ churraicealaim airson daoine òga, a’ leantainn gu barrachd fileantais agus misneachd ann an Gàidhlig a chleachdadh, an dà chuid anns an sgoil agus anns a’ choimhearsnachd nas fharsainge.
- Bha cuideachd feum ann gus mìneachadh gu soilleir mar a bhithear a’ toirt Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air adhart mar phàirt de churraicealam na sgoile air fad.
- Bha an galar mòr-sgaoilte COVID-19 na bhrosnachadh gus na goireasan didseatach a bh’ aca a leasachadh airson ionnsachadh, teagasg agus measadh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gus taic a thoirt do dhaoine òga.
- Bhathar ag aithneachadh leasachadh Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig mar dhòigh anns an tèid tuigse dhaoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla a leasachadh air cànan agus cultar na Gàidhlig, agus gus feallsanachd dheimhinneach na Gàidhlig a leasachadh anns an sgoil air fad.
Buaidh
- Tha luchd-ionnsachaidh aig cridhe a’ Churraicealaim airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus tha tairgse mheudaichte a’ churraicealaim a’ còrdadh ri daoine òga. Sheall fios air ais agus measadh gu bheil fileantas an luchd-ionnsachaidh a’ fàs nas fheàrr air sgàth ’s meudachadh ann an àireamh nan cothroman bogaidh ann an sreath farsaing de roinnean.
- Tha cultar stiùiridh ann far a bheil misneachd aig tidsearan gus cothroman bogaidh sònraichte a chruthachadh a bhios a’ freagairt ri iarrtasan nan sgoilear agus a tha air an stiùireadh leis na daoine òga, mar eisimpleir club Tuill-dhubha agus Dràgonan (Dungeons and Dragons) anns a’ Ghàidhlig.
- Tha tidsearan a’ faireachdainn air an cumhachdachadh agus tha iad air an leasachadh fhèin gu proifeasanta le taic bhon sgoil.
- Tha ìre nas àirde de thracadh is sgrùdadh adhartas anns a’ Ghàidhlig, agus a’ cho-chuid den churraicealam a thathar a’ lìbhrigeadh sa Ghàidhlig a’ toirt cothrom airson leasachadh ro-innleachdail dealbhaichte air curraicealam na Gàidhlig.
- Tha tuigse nas fheàrr aig an sgoil air fad air àite na Gàidhlig taobh a-staigh coimhearsnachd na sgoile agus tha Gàidhlig air a fighe a-steach ann am planadh na sgoile uile gu lèir.
- Tha buaidh dheimhinneach air a bhith aig obair com-pàirteachais ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig còmhla ri co-obraichean ann an Ionnsachadh is Leasachadh na Coimhearsnachd agus buidhnean mar FilmG air cleachdadh Foghlam tro Mheadhan na Beurla anns an sgoil.
- Barrachd Chinn-uidhe Dheimhinneach airson daoine òga, gu sònraichte feadhainn far a bheil Gàidhlig ga cleachdadh. Tha sgoilearan a bha ann roimhe air tilleadh dhan sgoil airson a bhith nan luchd-obrach ann an Roinn na Gàidhlig.
Bhideothan
Greenfaulds HS Designing the Gaelic Curriculum (dreach goirid)
Greenfaulds HS Designing the Gaelic Curriculum (dreach leudaichte)
Fiosrachadh feumail
Greenfaulds High School (glowscotland.org.uk)
Plana Leasachadh na Sgoile Àrd-Sgoil Greenfaulds (PDF, 29 KB)
Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig | Fèin-luachadh | Làr-ionad Leasachaidh Nàiseanta
Na tha Alba air Ionnsachadh | Ionnsachadh Alba | Ionad Leasachaidh Nàiseanta (education.gov.scot)
Dè cho math ’s a tha ar sgoil? HGIOS 4 | Fèin-luachadh | Làr-ionad Leasachaidh Nàiseanta
Dè cho math ’s a tha ar CLD | HGIOCLD | Làr-ionad Leasachaidh Nàiseanta