A’ leasachadh feallsanachd dheimhinneach Ghàidhlig san Sgoil air Fad aig Àrd-sgoil Greenfaulds

Published 25/05/2022.  Last updated 11/04/2023
sourcePractice exemplars categoryGaelic

Visit the English version of this page at Developing a Gaelic-positive Whole School Ethos – Greenfaulds High School

Ceistean leasachaidh

  • A bheil beachd deimhinneach is in-ghabhalach aig a h-uile ball de choimhearsnachd na sgoile mun Ghàidhlig agus mun fheadhainn a bhios a’ bruidhinn agus ag ionnsachadh a’ chànain?
  • Nuair a tha solar tro Mheadhan na Gàidhlig agus tro Mheadhan na Beurla còmhla san aon sgoil, feumaidh cothrom a bhith aig a’ chloinn air fad ionnsachadh mu chànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig mar phàirt de dhearbh-aithne na h-Alba.
  • Dè an coltas a th’ air co-ionannachd agus cothromas airson clann agus daoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?
  • Tha Inbhean Proifeasanta Comhairle Coitcheann Teagaisg na h-Alba a’ buntainn ri Foghlam tro Mheadhan na Beurla agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, le ceithir iomraidhean sònraichte air a’ Ghàidhlig thar nan inbhean. Ciamar a nì thu cinnteach gu bheil na h-iomraidhean seo air am fighe a-steach san t-suidheachadh agad?

Dè chaidh a dhèanamh?

  • Leasaich Àrd-sgoil Greenfaulds feallsanachd dheimhinneach Ghàidhlig anns an sgoil air fad tro stiùireadh èifeachdach, planadh agus obair ann an com-pàirteachas.
  • Leasaich an Ceannard-sgoile agus Àrd-sgioba Stiùiridh an tuigse aca air buaidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig thar na sgoile air fad. Dh’aithnich iad gu bheil an dreuchd aca dha-rìribh cudromach airson na builean as fheàrr a dhèanamh cinnteach do dhaoine òga agus airson na Gàidhlig taobh a-staigh an ùghdarras ionadail agus aig ìre nàiseanta. Mheudaich iad faicsinneachd na Gàidhlig taobh a-staigh na sgoile agus tuigse an luchd-obrach air fad a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig mar phàirt bhunaiteach den sgoil agus Foghlam na h-Alba.
  • Tha planadh leasachadh na sgoile a’ gabhail a-steach targaidean na sgoile air fad airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Thathar a’ cleachdadh co-chruinneachaidhean na sgoile air fad gus soirbheachas ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a comharrachadh agus chaidh Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a leasachadh gus taic a thoirt don fheallsanachd seo. Nì Stiùirichean na Sgoile cinnteach gu bheil a h-uile neach-obrach a’ tuigsinn prionnsabalan agus adhbhar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus gur e aon de bhun-obraichean na sgoile a th’ anns a’ Ghàidhlig.
  • Stèidhich Sgioba Stiùiridh na Sgoile, ag obair ann an com-pàirteachas leis an Ùghdarras Ionadail, dreuchd Prìomh Thidsear na Gàidhlig airson leasachadh a’ churraicealaim a stiùireadh. Tha an dreuchd Stiùiridh Meadhanach seo air taic a thoirt don Cheannard-sgoile ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a leasachadh agus tha iad ag obair còmhla gus cothroman a bharrachd a rannsachadh gus Foghlam Gàidhlig a leasachadh agus taic a chumail ris tron sgoil. Ghabh an sgoil Gàidhlig a-steach ann an dealbhachadh an togalaich ùir aice, a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cleachdadh shoidhnichean dà-chànanach bhon chiad dol a-mach.

Carson a chaidh seo a dhèanamh

  • ’S e Àrd-sgoil Greenfaulds an làr-ionad àrd-sgoile airson Foghlam Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath agus tha barrachd air 100 luchd-ionnsachaidh air an teagasg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Dh’aithnich sgrùdadh ann an 2018 iomadh neart a thaobh ìre àrd de dhealas an luchd-obrach agus iomadh taobh eile de dh’Fhoghlam na Gàidhlig, ach dh’ainmich e cuideachd cuid de roinnean airson leasachadh a thaobh feallsanachd.
  • Stèidhich na lorg an sgrùdadh, agus dh’aithnich an sgoil, gu bheil barrachd ann a dh’fhaodadh a bhith air a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil feallsanachd na Gàidhlig nas fhollaisiche thar na sgoile air fad. Bheireadh seo taic do bhogadh nan daoine òga agus an tuigse aca fhèin air na h-adhbharan airson bogadh agus dà-chànanachas, is mar sin bheireadh e taic dhaibh gus cumail orra ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
  • Ann a bhith a’ toirt air adhart fios air ais bhon sgrùdadh, dh’fheumadh an sgoil leasachadh dreuchd a’ Phrìomh Thidseir fhighe a-steach gus am biodh ìre nas àirde de dh’aithneachadh aig a’ Ghàidhlig taobh a-staigh na sgoile agus airson coinneachadh ri feumalachdan Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig agus Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig gus coinneachadh ri feumalachdan nan daoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Buaidh

  • Tha na daoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ faireachdainn gu bheil iad air am fighe a-steach gu coimhearsnachd na sgoile air fad. Tha buaidh dheimhinneach air a bhith aig seo mar-thà air ionnsachadh dealasach agus dàimhean matha còmhla ri luchd-obrach. Tha iomadh neach òg a’ gabhail pàirt mhòr anns an sgoil agus a’ choimhearsnachd nas fharsainge tro bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig.
  • Tha Àrd-sgoil Greenfaulds air sreath de dhòighean àrainneachdail a chleachdadh gus an fheallsanachd dheimhinneach Ghàidhlig aice a neartachadh tron sgoil air fad. Tha seo follaiseach air a’ chiad dol a-steach dhan sgoil, far a bheil soidhnichean dà-chànanach ri fhaicinn gu cunbhalach tro thogalach na sgoile, còmhla ri dealbhan-balla Gàidhlig anns na trannsaichean. Tha pròifil àrd aig a’ Ghàidhlig, agus a cleachdadh le daoine òga, anns an sgoil air fad agus aig tachartasan poblach mar tadhal A Mòrachd na Bànrigh anns an t-Samhradh 2019.
  • Tha luchd-obrach an sàs ann am Foghlam Gàidhlig a’ faireachdainn gu bheil luach annta agus taic aca gus fòcas a chur air na h-amasan ro-innleachdail airson leasachadh na Gàidhlig. Tha iad a’ sealltainn inbhe àrd de phroifeiseantas ann an sreath de chothroman a sholarachadh airson daoine òga gus am faod iad ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig. Chuir dreuchd a’ Phrìomh Thidseir taic ri meudachadh tairgse a’ churraicealaim.
  • Tha an luchd-obrach air fad glè mhothachail air cudromachd agus nàdar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha an t-Àrd-sgioba Stiùiridh air am brosnachadh agus bidh iad a’ comharrachadh soirbheachas Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an dà chuid taobh a-staigh na sgoile agus ann an lìonraidhean nas fharsainge. Cleachdaidh iad an obair aca ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gus taic a thoirt do leasachaidhean ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla.
  • Tha feallsanachd dheimhinneach Ghàidhlig air a chur ri leasachadh curraicealam Foghlam tro Mheadhan Gàidhlig na sgoile, le meudachadh air an tairgse cuspair agus na cothroman bogaidh taobh a-muigh an t-seòmair-teagaisg.

​Bhideothan

Greenfaulds HS Creating A Gaelic positive Ethos (dreach goirid)

Greenfaulds HS Creating A Gaelic positive Ethos (dreach leudaichte)

Fiosrachadh feumail

Greenfaulds High School (glowscotland.org.uk)

Plana Leasachadh na Sgoile Àrd-Sgoil Greenfaulds (PDF, 29 KB)

Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig | Fèin-luachadh | Làr-ionad Leasachaidh Nàiseanta

Na tha Alba air Ionnsachadh | Ionnsachadh Alba | Ionad Leasachaidh Nàiseanta (education.gov.scot)

Dè cho math ’s a tha ar sgoil? HGIOS 4 | Fèin-luachadh | Làr-ionad Leasachaidh Nàiseanta

Dè cho math ’s a tha ar CLD | HGIOCLD | Làr-ionad Leasachaidh Nàiseanta