A’ riarachadh fianais sgrùdaidh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig - Curraicealam na h-Àrd-sgoile
Tha an goireas seo stèidhichte air cliop didseatach, anns a bheil dà phàirt.
Anns a’ chiad phàirt, thathar a’ cumhachdachadh òganaich aig Àrd-sgoil Phort Rìgh, Comhairle na Gàidhealtachd gus cleachdadh èifeachdach air a’ churraicealam aca a cho-roinn. Tha seo stèidhichte air toraidhean sgrùdadh na Bànrighe agus adhartas bhon sgrùdadh tòiseachaidh. Bha seilbheadaireachd aig òganaich air ullachadh an fhiolm ghoirid seo air fad, a sheallas cuideachd builean matha càileachd bhon churraicealam aca.
Anns an dàrna phàirt (Stampa-tìde - 23.33), bhruidhinn luchd-obrach an t-uidheam didseatach, e-Sgoil agus Luchd-sgrùdaidh na Banrigh air ath-thogail nas fheàrr bhon ghalar mhòr-sgaoilte COVID-19.
See the English version of this page.
Rannsaich an Stòras seo
Tha na h-amasan a leanas aig a’ ghoireas seo:
- co-roinn mar a tha cruithearan a’ churraicealaim a’ brosnachadh chom-pàirtichean agus òganaich ann an taic a thoirt do churraicealam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Àrd-sgoil Phort Rìgh
- aire a thoirt air mar a cho-obraich an siostam gus taic a thoirt do dh’Fhoghlam Gàidhlig tro ionnsachadh aig astar
- eisimpleirean a thoirt air mar a dh’fhaodar taic a thoirt do dh’òganaich ann an foghlam ath-shlànachaidh
- brosnaich ath-thogail nas làidire bhon ghalar mhòr-sgaoilte, agus aig a’ cheart àm ag aithneachadh mar a dh’fhaodadh teicneolas a chuideachadh ann an ruigsinn an amais seo.
Ceistean dùbhlan
- Dè na feartan de chleachdadh èifeachdach a tha ag ath-fhuaimneachadh leibh bhon fhiolm ghoirid seo agus dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig seo air a’ churraicealam agaibh?
- Dè th’ ann am measadh èifeachdach, smaoineachadh air adhart air sgilean agus coileanaidhean nan òganach ann an Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?
- Thoiribh sùil eile air Com-pàirteachas Frèam Creideis agus Teisteanais na h-Alba. Dèanaibh ath-sgrùdadh air mar a dh’fhaodar a chleachdadh gus sgilean, eòlas agus tuigse nan òganach ann an Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aithneachadh.
Ciamar a choileanas sibh mòr-mhiannan nan trì thoir-air-falbhan ainmichte anns a’ bhideo seo?
- Thoir-air-falbh a h-aon: Cumaibh oirbh a’ co-obrachadh air a’ churraicealam gus cothromas, in-ghabhaltachd agus slighean pearsanta gus ionnsachadh a thogail ann an Gàidhlig a bhrosnachadh timcheall air an òganach.
- Thoir-air-falbh a dhà: Dèanaibh àbhaisteach cleachdadh teicneòlais airson a’ Churraicealaim lìbhrigeadh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
- Thoir-air-falbh a trì: Dèanaibh barrachd rannsachaidh air na cothroman air fad a thathar a’ tairgseadh leis a’ Churraicealam airson Sàr-mhaitheis. Bidh sealladh domhainn a dhìth airson seo, gus misneachd nan òganach a thogail ann an teisteanasan agus duaisean a ghabhail tro mheadhan na Gàidhlig. Airson seo, tha e glè chudromach co-theacsa a dhèanamh ri agus airson Aithisg Gàidhlig Buidheann-sgrùdaidh na h-Alba “A’ leasachadh bhuilean airson dhaoine òga tro fhoghlam sgoile” (Màrt 2021); agus molaidhean a’ churraicealaim agus a’ mheasaidh bho lèirmheas a’ Bhuidhinn airson Co-obrachaidh agus Leasachaidh Eaconamaich OECD a chur air bonn.
Bhidio
Luchdaidhean a-nuas
PDF file: Sharing scrutiny evidence on GME (Gaelic version) (1.13 MB)