Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn – A’ cur taic ri Gàidhlig mar Chànan L3
Tha an eisimpleir seo a’ toirt àrd-shealladh air mar a leasaich tidsear speiseileach Gàidhlig Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn lìonraidh agus goireasan gus taic a chumail ri luchd-obrach bun-sgoile airson Gàidhlig a libhrigeadh mar L3 mar phairt den Phoileasaidh Chànain 1+2.
See English version.
Dè chaidh a dhèanamh?
Chruthaich tidsear Gàidhlig Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn goireas eadar-ghniomhach air-loidhne leis an ainm Sruth a’ Mhuilinn ann an 2021 a chuireadh taic ri teagasg na Gàidhlig mar L3 anns na bun-sgoiltean taobh a-staigh Buidheann Sgoiltean Co-cheangailte (BSC) Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn tron tar-sgaoileadh COVID-19 agus san àm ri teachd.
Chleachd an tidsear an t-ionnsachadh a cheana aca bho obair thar-ghluasad còmhla ri Bun-sgoil 6 & 7 agus mhapaich iad sùsbaint curaicealam an Fhoghlaim Fharsaing Choithchinn airson Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh, a’ cuimseachadh air na cuspairean a bheireadh bun-stèidh làidir do luchd-ionnsachaidh aig ceann shuas na bun-sgoile. Chleachd iad sgilean teicneolais agus sgilean a bha gan ionnsachadh tron ghlasadh-sluaigh gus na goireasan a chruthachadh.
Gabhaidh an goireas cleachdadh gu didseatach agus gu fiosaigeach, ’s thèid a chleachdadh airson ionnsachadh aig astar cuideachd. Le faidhlichean fuaim na chois agus sgeamaichean freagairt, tha tidsearan a’ faighinn taic leis an libhrigeadh aca le goireas cànain a bharrachd ‘s aig an aon àm, ’s urrainn do luchd-ionnsachaidh a dhol an-sàs ann am fèin-mheasadh agus co-mheasadh cuideachd.
Carson a chaidh seo a dhèanamh?
Bu mhiann leis an sgoil an àireamh de dhaoine òga ag ionnsachadh na Gàidhlig a leasachadh. B’ àbhaist don tidsear Ghàidhlig taic a chumail ri bun-sgoiltean co-cheangailte roimhe le bhith a’ tadhal a-rèir clàr-ama. Bha buaidh aig an obair thar-ghluasaid seo a chunnaic na h-àireamhan air AS1 fàs ceithir uiread, rud a tha air biathadh a-steach air feadh nam bliadhnaichean rè ùine agus do chinn-uidhe dheimheannach le Gàidhlig cuideachd. Ge-tà, thug seo buaidh mhòr air an uimhir de dh’ùine a b’ urrainn don tidsear a chosg air a’ phròiseas thar-ghluasaid.
Chaidh Sruth a’ Mhuilinn a dhealbhadh cuideachd airson dèiligeadh ri buaidh an tar-sgaoilidh COVID-19; a’ toirt a-steach nan cuingleachan air luchd-tadhail do sgoiltean agus na feumalachdan a thaobh ath-shlànachadh sgilean agus cànain, ’s aig an aon àm a’ cur taic ri luchd-obrach thrang. Chaidh na goireasan a leasachadh ann an dòigh a leig le tidsearan gun chomas no eòlas Gàidhlig a theagasg misneachd fhaighinn gus an cànan a libhrigeadh, agus gus goireas deiseil is dèanta a bhith aca airson taic a chumail ri seo.
Buaidh nan gnìomhan a chaidh a dhèanamh
Tha daoine òga a’ gabhail ris a’ ghoireas gu math, an dà chuid gu neo-eisimileach agus gu co-obrachail. Tha tar-ghluasadan a-steach gu AS1 nas rèidhe agus tha luchd-ionnsachaidh nas ullaichte airson gabhail ri Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil.
Tha an ìre-chleachdaidh de Ghàidhlig mar L3 aig Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn a’ sior-èirigh, a’ togail inbhe a’ chanain air feadh na sgoile agus BSC. Bidh seo a’ biathadh a-steach don Ìre as Sine aig a’ cheann thall.
Tha luchd-obrach bun-sgoile air fios a thoirt air ais gu bheil na stùthan a’ còrdadh ris an luchd-ionnsachaidh agus gu bheil iad gu math simplidh a libhrigeadh ge b’ e de an ìre de chomas Gàidhlig aca an toiseach. Tha misneachd is comas luchd-obrach a thaobh libhrigeadh Gàidhlig mar L3 air fàs.
Tha Sruth a’ Mhuilinn ri fhaotainn do gach tidsear ann an Alba ’s e fhathast ga leasachadh a’ dol air adhart. Nochdar aonadan a bhios freagarrach airson Foghlam Cànain is Cultar na Gàidhlig a bheir taic do dh’Ionnsachadh Eadar-chuspaireil ann an 2022-23.
Tha an goireas air a bhith ga thaisbeanadh aig iomadh cùirm phroifeiseanta, mar Co-labhairt Chomann Luchd-teagaisg Chànain na Alba. Cuideachd, ’s urrainn dha cur ris an Dùbhlan GLEANS aig Lìonraidh Luchd-ionnsachaidh Gàidhlig Ughdarrasan Ionadail na h-Alba airson Gàidhlig L3 ann am Bun-sgoiltean.
Cuideachd, tha na goireas air co-obraichean taobh a-staigh na sgoile a bhrosnachadh gus na deagh chleachdaidhean a thogail agus tro cho-obrachadh tha iad air sùsbaint Spàinntis a chur ris.
Ceistean leasachaidh
- Dè cho mothachail ‘s a tha daoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla san sgoil againn air cànan na Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig mar phàirt de dh’fhèin-aithne na h-Alba?
- Ciamar a b’ urrainn do churaicealaim na sgoile againn taic a chur ri ionnsachadh na Gàidhlig san Fhoghlam Fharsaing Choitcheann mar phàirt de na còraichean airson cànan a bharrachd ionnsachadh?
- Dè cho faicsinneach is cluinntinneach ‘s a tha cànan agus cultar na Gaidhlig nar sgoile?