Improving Practice - Developing a Gaelic Medium curriculum (Gaelic)
Tha an sgrùdadh-cùise stèidhichte air leasachaidhean air a' churraicealam ann an Sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh, Comhairle nan Eilean Siar. Ann a bhith ag ullachadh na sgrùdadh-cùise seo, chleachd sinn grunnan thùsan, nam measg na nithean a fhuair sinn a-mach tro na sgrùdaidhean againn fhèin agus grunnan thaisbeanaidhean le àrd-luchd-stiùiridh ann an Sgoil MhicNeacail.
Ciamar a chleachdar an stòras seo
Faodar an stòras seo a chleachdadh gus lèirmheas a dhèanamh air curraicealam FMG làithreach sgoile agus dearbhadh ciamar a dh’fhaoidte tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air. Faodaidh e cuideachd a bhith air a chleachdadh le ùghdarrasan ionadail agus RICan gus sùil a thoirt air leasachaidhean thar sgoiltean. Bu chòir dhan stòras a bhith air a chleachdadh an co-bhoinn ris na comharran càileachd buntainneach bho Dè cho math ’s a tha an sgoil againn? (an ceathramh eagran).
Bu chòir beachdachadh air na ceistean dùbhlanach a leanas:
Ann a bhith a’ dèanamh lèirmheas air dè cho math ’s a tha an sgoil agaibh a’ lìbhrigeadh a’ churraicealaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus le na stòrasan a tha agaibh aig an àm seo, dè an ìre gu bheil sibh:
- a’ dèanamh sgrùdadh gus dearbhadh gu bheil luchd-obrach a tha fileanta sa Ghàidhlig a’ lìbhrigeadh FMG?
- a’ dèanamh sgrùdadh gus faicinn a bheil e comasach tuilleadh co-roinn a dhèanamh air ealantas thidsearan eadar bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean eile?
- ag ath-sgrùdadh dè cho math ’s a tha colaistean, ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd agus buidhnean Gàidhlig a’ cur ri FMG, a’ gabhail a-steach cleachdadh air modhan-obrach ionnsachaidh co-mheasgaichte?
- a’ dèanamh sgrùdadh gus faicinn a bheil modhan-obrach a thaobh ionnsachadh proifeiseanta fad-dhreuchd a’ brosnachadh luchd-obrach gu bhith ag ionnsachadh agus a’ leasachadh am fileantachd sa Ghàidhlig?
- a’ dèanamh sgrùdadh gus faicinn an urrainn do thaic agus clàradh san fharsaingeachd a bhith air a thabhann tron Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach daoine òga a bhith ag ionnsachadh ann am FMG ann am buidhnean iomadh-ìre?
- ag obair le bun-sgoiltean gus dèanamh cinnteach nach eil a bhith ag atharrachadh a’ mheadhain lìbhrigidh a’ cur bacadh air adhartas?
- ag ath-sgrùdadh dè cho math ’s a tha deilbh curraicealaim leithid spèisealachadh, cùrsaichean beairteachaidh, roghainnean agus clasaichean maighistearachd air an cleachdadh gus a bhith a’ meudachadh na co-chuid de dh’ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig?
- ag ath-sgrùdadh dè cho math ’s a tha ionnsachadh eadar-chuspaireil air a chleachdadh airson FMG agus gus ionnsachadh mun Ghàidhlig a bhrosnachadh dhan fheadhainn a tha ann am foghlam tro mheadhan na Beurla?
- a’ brosnachadh chom-pàirtichean gu taobhan den churraicealam a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig?
- ag ath-sgrùdadh na dòigh anns an urrainn cothroman airson coileanaidhean pearsanta agus creideasachadh ionnsachadh tron Ghàidhlig a thabhann?
- ag ath-sgrùdadh an gabh PSE agus RME a bhith air an lìbhrigeadh tron Ghàidhlig thar an fhoghlaim fharsaing choitchinn agus an ìre as àirde?
- a’ cleachdadh àm lòin agus clubaichean an dèidh na sgoile mar chothrom do dhaoine òga a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig?
- a’ sgrùdadh a bheil e comasach adhartas a dhèanamh bhon fhoghlam fharsaing choitcheann gu Nàiseanta 4, Nàiseanta 5 agus Àrd Ìre ann an cuspair sam bith? agus
- a’ sgrùdadh a bheil adhartas bho Àrd Ìre gu Àrd Ìre Adhartach comasach?
- Mar phàirt den lèirmheas riaghailteach agaibh air a’ churraicealam FMG, dè cho tric ’s a bhios sibh a’ sgrùdadh na co-chuid de dh’ionnsachadh a bhios daoine òga a’ fiosrachadh tro mheadhan na Gàidhlig?
- A bheil an sgrùdadh agaibh de dh’ionnsachadh dhaoine òga a’ gabhail a-steach FMG? Ciamar a bhios sibh a’ toirt fianais air soirbheachas agus na h-ath cheumannan?
- Dè cho tric ’s a bhios sibh a’ dèanamh taghadh air slighean FMG dhaoine òga fa leth san sgoil agaibh?
- Ciamar a tha sibh air rannsachadh a dhèanamh air cleachdadh theicneòlasan didseatach, a’ gabhail a-steach e-Sgoil mar dhòigh air ionnsachadh tron Ghàidhlig a mheudachadh sa churraicealam?
Ciamar a tha sibh air a’ churraicealam a leasachadh gus:
- a bhith mar ‘an dealbh mhòr’ airson FMG
- a bhith ag adhartachadh tuigse dhaibhsan a tha ann an EME mun fheallsanachd airson FMG agus dà-chànanas
- a bhith ag adhartachadh cothromas, sàr-mhathas agus coileanadh de dh’àrd-chàileachd
- a bhith ga dhèanamh comasach eòlas, tuigse agus sgilean tron Ghàidhlig a chur an cèill
- ga dhèanamh comasach a bhith a’ coileanadh leud, dùbhlan agus cur an gnìomh thar nan ceithir cho-theacsaichean de dh’ionnsachadh
- a bhith a’ fighe a-steach cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig agus slighean dreuchd
- a bhith stèidhichte air fèin-luachadh agus leasachadh leantainneach?
- Dè a’ bhuaidh as urrainn dhuibh a nochdadh bho bhith a’ cleachdadh Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig agus Comhairle air Foghlam Gàidhlig airson fèin-luachadh?
Luchdaich a-nuas an sgrùdadh-cùise air fad agus na ceistean dùbhlain
A’ leasachadh Curraicealam na h-Àrd-sgoile NI CNES.pdf (558 KB)
Comhairle HMI air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Ìrean na h-Àrd-sgoile