A’ neartachadh càileachd foghlam matamataig ann an Alba: Toraidhean a tha sònraichte dhan raon: tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne

Com-pàirteachadh chloinne ann am matamataig

Tha luchd-cleachdaidh ann an ionadan tràth-ionnsachaidh is cùram-chloinne soirbheachail ann a bhith a’ cur air adhart beachd deimhinneach am measg chloinne air àireamhachd is matamataig. Ann an ionadan làidir, tha fòcas soilleir is coitcheann aig àrd-cheannardan is luchd-cleachdaidh air dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ toirt seachad eòlasan àireamhachd is matamataig de dh’àrd-chàileachd air feadh an ionaid. Tha a’ mhòr-chuid de chlann deònach a shealltainn ’s a bhruidhinn mun eòlas aca air matamataig is san fharsaingeachd tha iad misneachdail mu na comasan aca. Tha iad gam faicinn fhèin mar luchd-matamataig comasach is bidh iad a’ feuchainn le toileachas ri na sgilean aca a chur an gnìomh ann an ionnsachadh is suidheachaidhean ùra.

Bidh luchd-cleachdaidh a’ dèanamh àitichean ionnsachaidh glacmhor a bheir taic do dh’àireamhachd is leasachadh matamataig chloinne gu h-èifeachdach. Bidh iad a’ dealbhadh àitichean ionnsachaidh le measgachadh stuthan thar diofar cho-theacsaichean a ghlacas gu math ùidh chloinne ann am matamataig. Ann an seòmraichean-cluiche, bidh clann a’ rannsachadh bun-bheachdan matamataigeach gu deònach tro ghnìomhachdan leithid cluiche le blocaichean, a’ cleachdadh mheidhean cothromachaidh is a’ lìonadh is a’ dòrtadh nithean, cho math ri acainn leithid rùilearean, ùineadairean is àireamhairean. Ann an àrainneachdan air a’ bhlàr a-muigh, tha tòrr chloinne dealasach a thaghadh is cluiche le nithean nàdarrach, stuthan sgaoilte mòra no cidseanan puill. Bidh iad tric a’ cleachdadh briathrachas matamataigeach, leithid ‘luath’, ‘slaodach’, ‘mòr’ no ‘fada’ rè ghnìomhachdan leithid marcachd is sgùdaireachd. Ann an grunn ionadan, tha luchd-cleachdaidh a’ toirt am feabhas an raon is an càileachd de dh’ionnsachadh àireamhachd is matamataig airson clann san àrainneachd air a’ bhlàr a-muigh. Tha seo a’ cuideachadh chlann gus an sgilean matamataigeach a chleachdadh ann an dòighean ùra is fìora.

Bidh luchd-cleachdaidh a’ dol an sàs is a’ togail air ùidhean chloinne ann am matamataig, a’ brosnachadh feòrachas is a’ doimhneachadh ionnsachadh gu h-èifeachdach tro raon farsaing de ghnìomhachdan. Tha iad a’ freagairt gu math ri ùidhean ùra is ùidhean fàsmhor chloinne. Tha iad freagairteach is gu tric a’ cur chùisean-brosnachaidh air dòigh a bhios a’ togail feòrachas chloinne is a’ leasachadh tuigse air àireamhachd is matamataig. Barrachd is barrachd, tha luchd-cleachdaidh a’ tabhann ghnìomhachdan no eòlasan a tha a’ ceangal ionnsachadh thar saidheans, teicneòlas, einnseanearachd agus matamataig (STEM). Tha seo a’ cuideachadh chlann gus ceanglaichean brìoghmhor a dhèanamh air feadh an ionnsachaidh aca. Anns a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean, bidh luchd-obrach a’ cleachdadh sgeulachdan, òrain, is rannan gu h-èifeachdach gus àireamhan is briathran matamataigeach a thoirt a-steach, a’ cumail taic ri clann ann a bhith a’ cleachdadh briatharachas matamataigeach. Tha a’ mhòr-chuid de chlann a’ sealltainn tlachd is dealas sònraichte sna h-eòlasan seo.

Tha clann a’ nochdadh ùidh làidir ann an cluiche is gnìomhachdan ceangailte ri àireamhan, tomhas, pàtrain is cumaidhean, gu h-àraid nuair a tha iad seo ceangailte ri eòlasan fìor-bheatha. Chunnaic sinn clann a’ dol an sàs ann an ionnsachadh airson amannan fada rè eòlasan den leithid seo. Bha eisimpleirean a’ gabhail a-steach a’ dèanamh coimeas eadar meudan is cumaidhean lusan sa ghàrradh, a’ cothromachadh ghritheidean nuair a thathar a’ fuine, agus a’ cunntadh nithean nuair a thathar a’ seatadh a’ bhùird airson grèim-bìdh.

Chunnaic sinn eisimpleirean de luchd-cleachdaidh a’ leudachadh ’s a’ neartachadh gu cruthachail ionnsachadh àireamhachd is matamataig chloinne gu math tro theicneòlas didseatach. Mar eisimpleir, chleachd clann innealan didseatach, leithid ùineadairean, meidhean, is innealan leusair gus cothromachadh, no chleachd iad na dh’ionnsaich iad mu sheòlaidhean is suidheachadh gus dèideagan didseatach a phrògramadh. Tha e a’ còrdadh ri cuid de chlann a bhith a’ cleachdadh bùird eadar-obrachail, laptops no tablaidean, nuair a tha iad seo ri fhaighinn, gus geamannan àireimh no beò-dhealbhan òrain is sgeulachdan a choimhead no a chluich. Bu chòir do luchd-cleachdaidh beachdachadh air an luach a th’ aig teicneòlasan didseatach ann a bhith a’ toirt chothroman do chlann a bhith a’ leaasachadh is a’ sealltainn an tuigse air matamataig.

Uile gu lèir, tha luchd-cleachdaidh a’ com-pàirteachadh gu soirbheachail le teaghlaichean gus am brosnachadh a dhol an sàs ann an ionnsachadh matamataig an cloinne. Tha tòrr ionadan a’ tabhann raon de thachartasan, stuthan is stòrasan amasaichte air an deach beachdachadh gu math, a tha a’ cuideachadh phàrantan a bhruidhinn rin cuid chloinne mu mhatamataig. Tha seo a’ gabhail a-steach comhairle a thoirt seachad air gnìomhachdan gun chosgais no de chosgais ìosal ri dhèanamh aig an taigh is seiseanan fuirich is cluich a thabhann. Tha na modhan-obrach seo ag uidheamachadh phàrantan gus taic a chumail ri àireamhachd is matamataig an cuid chloinne taobh a-muigh an ionaid. Tha modhan-obrach ionnsachadh teaghlaich as soirbheachaile nuair a tha luchd-obrach ann an ionadan air beachdachadh gu cùramach air co-theacsa na coimhearsnachd aca is an taic a dhealbhadh mar a tha iomchaidh. Ann an aon eisimpleir, bhathar a’ cur fòcas air briathrachas matamataigeach chloinne. Thug an t-ionad bagaichean sgeulachd le cuspair do phàrantan ri chleachdadh aig an taigh, a bha a’ cuideachadh gus briathrachas chloinne a thogail. Ach, feumaidh grunn ionadan barrachd a dhèanamh fhathast gus teaghlaichean a chuideachadh a dhol an sàs ann an ionnsachadh àireamhachd is matamataig an cloinne.

Ionnsachadh agus teagasg ann am matamataig

Uile gu lèir, tha luchd-cleachdaidh nan deagh eisimpleirean, a’ fighe matamataig a-staigh do ghnàthan làitheil. Ach, tha cuid a’ call chothroman gus ionnsachadh a leudachadh rè eadar-obraichean. Bidh tòrr a’ fighe ionnsachadh is briathrachas matamataig a dh’aona-ghnothach is gu sgileil tro latha na cloinne, mar eisimpleir tro ghnàth-chùrsaichean is amannan sòisealta. Ach, bu chòir do luchd-cleachdaidh toirt fa-near cothroman a tha ag èirigh gun ullachadh far am faodar ionnsachadh àireamhachd is matamataig a leudachadh rè eadar-obraichean le clann, gu h-àraid ann an amannan aon-ri-aon.

Air feadh na h-Alba, tha iomadh eisimpleir ann de luchd-cleachdaidh a’ toirt taic do chlann gus an ionnsachadh matamataig a chleachdadh agus a chur an gnìomh taobh a-muigh an ionaid aca, leithid chuairtean gu bùthan ionadail, le daoine sa choimhearsnachd no nuair a tha iad a’ tadhal air àitichean mòra nàdarrach. Tha seo a’ cuideachadh chlann a thuigsinn cho buntainneach ’s a tha matamataig nam beathannan.

Bidh luchd-cleachdaidh a’ tabhann mhìneachaidhean cuideachail is a’ cur cheistean smaoineachail nuair a tha iad a’ conaltradh ri clann, ach uaireanann chan eil am briathrachas matamataigeach ceart no pongail. Tha a’ mhòr-chuid de luchd-obrach a’ toirt seachad aithriseadh feumail is a’ toirt taic do chlann gus briathran matamataig a chleachdadh nan cluiche. Tha iad cùramach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun dèan iad seo ann an dòighean buntainneach is brìoghmhor tro raon de dh’àrainneachdan deimhinneach is cùisean-brosnachaidh. Uile gu lèir, tha luchd-cleachdaidh a’ leasachadh mar a tha iad a’ cleachdadh ceasnachadh gus taic a thoirt do dh’ionnsachadh chloinne ann am matamataig agus a leudachadh. Chunnaic sinn eisimpleirean de dh’eadar-obraichean sgileil tro chluich far an deach feòrachas is smaoineachadh neo-eisimeileach chloinne a bhrosnachadh le ceistean fosgailte. Feumaidh cuid de luchd-cleachdaidh an tuigse a leasachadh tuilleadh air briathrachas matamataig leasachail, ceart. Faodaidh teirmean is mìneachaidhean dà-sheaghach no mearachdach toirt air clann claon-bheachdan a leasachadh. Bu chòir gum bi trèanadh is taic a bharrachd a’ cuideachadh luchd-obrach a bhith a’ faireachdainn nas misneachdail a thaobh briathran matamataigeach chloinne a thoirt a-steach ’s a leudachadh.

Tha àrd-luchd-obrach is luchd-cleachdaidh a’ cumail orra modhan-obrach a thaobh planadh ann an àireamhachd is matamataig a thoirt am feabhas is a ghrinneachadh, a’ cur an dà chuid ro-innleachdan freagairteil is a dh’aona-ghnothach a-staigh. Thathas tric a’ cumail taic mhath le seo tro shlighean dealbhaidh adhartach, tracaichean is stiùireadh ùghdarrais ionadail is nàiseanta. Lorg sinn eisimpleirean làidir de luchd-cleachdaidh a’ planadh airson briathrachas, eadar-obraichean is ceasnachadh matamataigeach. Uile gu lèir, tha luchd-cleachdaidh a’ cleachdadh ùidhean na cloinne gu h-èifeachdach nuair a tha tha iad a’ planadh. Tha iad cuideachd sùbailte, a’ dèanamh cinnteach gu bheil tìde is àite ann airson cinn-ùidhe ùra ann an ionnsachadh chloinne. Tha an t-sùbailteachd seo a’ cumail taic ri com-pàirt chloinne gu math.

Tha luchd-cleachdaidh a’ toirt eòlasan ionnsachaidh do chlann thar taobhan measgaichte den churraicealam àireamhachd is matamataig. Tha a’ mhòr-chuid de luchd-obrach a’ planadh eòlasan fìor-bheatha gus ionnsachadh a chleachdadh is taic a chumail ris. Bidh iad cuideachd a’ ceangal ionnsachadh ann an raointean eile a’ churraicealaim gu math ri àireamhachd is matamataig, leithid saidheans. Ach, ann an grunn ionadan, chan eil luchd-cleachdaidh a’ planadh eòlasan gu bitheanta do chlann thar eagrachaidhean a’ churraicealaim mhatamataig. Faodaidh doimhneachd gu leòr a bhith a dhìth a thaobh planadh airson eòlas is sgilean taobh a-staigh chuspairean leithid tìm, airgead no làimhseachach fiosrachaidh. Bu chòir do luchd-cleachdaidh a dhèanamh cinnteach gu bheil eòlasan is cothroman ionnsachaidh bitheanta aig clann thar leud a’ churraicealaim matamataig tràth-ìre.

Tha eisimpleirean ann de luchd-cleachdaidh àrd-sgileil a’ toirt dùbhlan do chlann a tha nas comasaiche tro chùisean-brosnachaidh is obraichean fuasgladh cheistean fosgailte a chaidh a phlanadh gu math. Far a bheil seo ann, tha clann measail orra, agus bidh iad a’ dol an sàs gu brìoghmhor sna gnìomhachdan seo. Tha grunn ionadan air meudachadh fhaicinn ann an àireamh de chlann a tha a’ frithealadh airson treas bliadhna mar thoradh air pàrantan a’ cur romhpa dàil a chur orra a dhol dhan sgoil. Mar fhreagairt, tha luchd-obrach a’ tòiseachadh air eòlasan is àitichean a leasachadh tuilleadh gus dùbhlan nas motha no cothroman ionnsachaidh ùra a thoirt seachad. Ann an grunn ionadan, feumaidh luchd-cleachdaidh gnìomhachdan is eòlasan a phlanadh ’s a thoirt seachad a tha nas duilghe, gus feumalachdan chloinne a tha nas comasaiche a choileanadh ann an dòigh nas fheàrr.

Tha a’ mhòr-chuid de luchd-cleachdaidh a’ gabhail cheumannan beachdaichte gus dèiligeadh ri beàrnan a tha iad ag aithneachadh ann an tuigse is sgilean chloinne ann an àireamhachd is matamataig. Tha seo gu tric tro sheiseanan aon-ri-aon no ann am buidhnean beaga a’ cuimseachadh air taobhan sònraichte de dh’àireamhachd is matamataig. Tha seo a’ leigeil le luchd-cleachdaidh taic a thoirt seachad a tha air a dhealbhadh gus coinneachadh ri feumalachdan fa leth. Ann an grunn eisimpleirean, tha luchd-obrach a’ gabhail cheumannan thar an ionaid gus dèiligeadh ri is taic a chumail ri beàrnan ann am briathrachas matamataigeach. Ann an ionadan le solar de dh’àrd-chàileachd, bidh luchd-cleachdaidh a’ toirt fianais gu soilleir air buaidh eadar-obraichean is faodaidh iad adhartas chloinne a nochdadh a dh’ionnsaigh chlachan-mìle àireamhachd is matamataig. Ach, feumaidh cuid de shuidheachaidhean feabhas a thoirt air mar a tha iad a’ clàradh ’s a’ luachadh na buaidh a bheir atharrachadh air toraidhean chloinne. Bidh seo a’ dèanamh cinnteach gum faigh clann an taic as fheàrr as urrainn dhaibh.

Tha eisimpleirean ann de bheachdan-sùla matamataig sgrìobhte de dh’àrd-chàileachd ann an leabhraichean ionnsachaidh, far a bheil luchd-cleachdaidh sgileil a’ mìneachadh gu soilleir na h-eòlasan ionnsachaidh ùra a tha a dhìth air clann gus an cuid ionnsachaidh a leudachadh. Bidh luchd-cleachdaidh gu tric a’ clàradh bheachdan chloinne gus fianais a chumail air mar a tha am misneachd is briathrachas matamataigeach a’ fàs. Mar is trice, thig na beachdan seo bho raon àireamhachd is matamataig an ionaid. Bu chòir do luchd-cleachdaidh sùil a thoirt nas cunbhalaiche air mar a tha clann a’ cleachdadh bhriathran is sgilean matamataigeach, thar gach taobh den churraicealam is gach raon den ionad, a’ gabhail a-steach nuair a tha clann a’ bruidhinn ’s a’ cluich le chèile. Bidh seo a’ cuideachadh luchd-obrach a bhith ag aithneachadh far a bheil agus mar a tha clann a’ leasachadh ’s a’ cur nan sgilean is eòlas matmataigeach aca an gnìomh. Tha càileachd bheachdan-sùla sgrìobhte cuideachd a rèir eòlas gach neach-cleachdaidh air mar a tha sgilean matamataigeach chloinne a’ leasachadh. Bidh cuid de luchd-cleachdaidh feumach air taic a bharrachd gus tuigsinn nas fheàrr mar a tha bun-bheachdan matamataigeach gan ceangal ’s gan togail air a chèile thar ùine. Bidh seo gan cuideachadh gus luachaidhean nas fhiosraiche a dhèanamh air ionnsachadh chloinne ann am matamataig is ath-cheumannan freagarrach aithneachadh.

Tha àrd-luchd-obrach ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e modhan-obrach co-mheasaidh a leasachadh a tha a’ freagairt ris na h-ionadan aca fhèin. Bidh iad a’ cur air dòigh còmhraidhean dealbhaidh is tracaidh gu bitheanta far a bheil luchd-obrach a’ bruidhinn air ’s a’ clàradh adhartas chloinne ann an àireamhachd is matamataig. Feumaidh luchd-obrach ann an grunn ionadan feum nas fheàrr a dhèanamh air fianais measaidh leantainneach, gus taic a chumail ri adhartas chloinne. Nas trice, tha luchd-cleachdaidh a’ dèanamh co-mheasadh air na breitheanasan measaidh aca tro dheasbad mar sgioba. Tha eisimpleirean deimhinneach ann cuideachd de chothroman co-mheasaidh nas fharsainge a’ tachairt thar buidheann de dh’ionadan no le co-obraichean bun-sgoile. Tha seo a’ cuideachadh luchd-obrach gus dèanamh cinnteach gu bheil na breitheanasan aca air adhartas chloinne seasmhach is ceart.

Uile gu lèir, tha luchd-cleachdaidh nas trice a’ gabhail pàirt ann an ionnsachadh proifeiseanta a tha a’ leasachadh an tuigse is cleachdadh ann an àireamhachd is matamataig, tro chùrsaichean ùghdarrais ionadail, nàiseanta is coimeirsealta. Chomharraich tòrr luchd-cleachdaidh cothroman ionnsachaidh phroifeiseanta bho chionn ghoirid a bheir deagh bhuaidh air càileachd eòlasan is eadar-obraichean matamataig do chlann. Bha iad seo a’ gabhail a-steach taobhan cleachdaidh leithid sgeamaichean, cluiche le blocaichean mòra is ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh, cho math ri obair a’ cuimseachadh air stiùireadh cleachdaidh nàiseanta. Ann an ionadan le cleachdadh de dh’àrd-chàileachd, tha dreuchdan ceannardais ann airson àireamhachd is matamataig a th’ air am mìneachadh gu soilleir. Tha luchd-obrach sna dreuchdan seo a’ gabhail sealbh is tha ùine ga toirt dhaibh gus solar is cleachdadh a leasachadh air feadh an ionaid aca. Tha iad a’ toirt seachad stiùireadh is taic luachmhor a tha a’ cuideachadh gus sgilean an luchd-cleachdaidh a neartachadh is am misneachd a thogail.

Com-pàirteachadh chloinne ann am matamataig

Ann am bun-sgoitlean, tha tidsearan a’ cruthachadh àrainneachdan ionnsachaidh deimhinneach gu soirbheachail, a tha a’ toirt chlann an sàs ann am matamataig. Tha dàimhean eadar luchd-obrach is clann àrachail. Rè leasanan matamataig tha seo a’ cruthachadh àrainneachdan seòmair-theagaisg a tha cha mhòr an-còmhnaidh ciùin is deimhinneach. Uile gu lèir, tha clann a’ faireachdainn cofhurtail gu leòr ‘feuchainn air’ ann am matamataig agus tha fios aca gu bheil e gan cuideachadh ionnsachadh ma tha iad a’ tuigsinn mhearachdan. Rè leasanan, bidh iad tric a’ cuideachadh a chèile is a’ toirt brosnachadh. Tha iad eòlach air raon de ro-innleachdan cuideachail a dh’fhaodadh iad a chleachdadh ma dh’fhàsas iad ‘an sàs’.

Tha pròifil air leth deimhinneach aig matamataig thar àrainneachdan na sgoile is seòmar-teagaisg, a tha a’ cuideachadh gus feòrachas is dealas chloinne a thogail. Tha tòrr sgoiltean a’ gabhail pàirt ann an co-fharpaisean, tachartasan is iomairtean a tha a’ glacadh ùidhe is com-pàirt chloinne is teaghlaichean. Tha tidsearan gu bitheanta a’ comharrachadh adhartas is oidhirp chloinne ann am matamataig tro theisteanasan no duaisean. Tha clann ag ràdh gu bheil na duaisean seo nan cùis-bhrosnachaidh dhaibh.

Tha clann uile a’ tuigsinn gu bheil ionnsachadh matamataig cudromach. Tha iad ag ràdh gu bheil an teaghlaichean a’ creidsinn seo cuideachd. Air feadh nan tràth is ciad ìrean de Churraicealaim airson Sàr-mhathais (CfE), tha a’ mhòr-chuid de chlann dealasach gu mòr mu mhatamataig is iad tric ag ràdh gur e sin an cuspair as fheàrr leotha. Ach, is gann gum bi clann nas sine a’ smaoineachadh air matamataig mar an cuspair a b’ fheàrr leotha.

Bidh tidsearan a’ cleachdadh raon de mhodhan-obrach beachdaichte gus clann a thoirt an sàs ann am matamataig gu h-èifeachdach. Bidh iad a’ cruthachadh thaisbeanaidhean buntainneach, nan lùib eisimpleirean de dh’obair chlas, a bhios a’ cuideachadh chlann gus cuimhneachadh air prìomh ro-ionnsachadh. Far a bheil cleachdadh glè èifeachdach, bidh tidsearan a’ toirt iomradh air na taisbeanaidhean seo ann am mìneachaidhean is nuair a tha iad a’ freagairt ceistean chloinne. Tha a’ mhòr-chuid de thidsearan a’ toirt ùine do chlann bruidhinn air freagairtean mar dhithis no ann am buidhnean. Tha seo a’ cumail taic ri clann a bhith an sàs ann an ionnsachadh. Tha nithean fiosaigeach is stòran bhiortail a bheir tidsearan seachad cuideachail do chlann. Tha na stòrasan seo a’ glèidheadh ùidh chloinne is a’ brosnachadh tuilleadh neo-eisimeileachd. Thar ìrean na bun-sgoile, bu chòir do thidsearan beachdachadh gu cùramach air an t-sreath-leanmhainn sam bi iad a’ cleachdadh nithean fiosaigeach, riochdachaidhean dealbh is eisimpleirean eas-chruthach, agus mar a bhios iad gan co-chothromachadh, nuair a tha iad a’ cuideachadh chlann a dhol an sàs ann am beachdan matamataigeach. Bheir seo taic do chlann tuigse dhomhainn a leasachadh air bun-bheachdan matamataigeach.

Thèid com-pàirteachadh is tuigse chloinne a neartachadh le bhith a’ fighe eòlasan fìor-bheatha a-staigh do leasanan matamataig. Tha a’ mhòr-chuid de thidsearan a’ cleachdadh àrainneachdan air a’ bhlàr a-muigh gu h-èifeachdach gus cothroman a thoirt do chlann an cuid eòlais a chur an gnìomh ann an dòighean brìoghmhor. Tha eòlasan le adhbhar fior a’ còrdadh ri clann gu sònraichte, mar eisimpleir a’ buidseatadh airson tachartas no nithean a thomhas is a thogail airson gàrradh sgoile. Dh’fhaodadh am modh-obrach seo a bhith air a chleachdadh nas cunbhalaiche ann am barrachd sgoiltean. Bhiodh seo a’ cuideachadh chlann ann a bhith ag aithneachadh cheanglaichean eadar matamataig sa chlas agus a’ phàirt phractaigeach a bhios e a’ cluiche ann am beatha làitheil.

Tha pàirt riatanach aig luchd-obrach taice ann a bhith a’ cuideachadh chlann fa leth eòlas fhaighinn air soirbheachas rè leasanan matamataig. Tha iad brosnachail is freagairteil do dh’fheumalachdan gach pàiste. Bheir iad taic do chlann le bhith a’ cuideachadh gus gnìomhan a bhriseadh sìos gu ceumannan nas lugha, a’ leughadh cheistean gu h-àrd is a’ freagairt cheistean. Tha an taic amasaichte seo a’ cuideachadh gus misneachd chloinne ann am matamataig a thogail.

Tha e riatanach gum bi tidsearan a’ toirt seachad na h-ìrean cearta de dhuilgheadas ann an leasanan gus clann a chuideachadh a chumail an sàs san ionnsachadh. Nuair a tha gnìomhachdan no leasanan ro fhurasta, bidh clann tric a’ call aire. Bidh seo a’ tachairt mar is trice nuair a thathar a’ cosg cus ùine air eòlas a th’ aig a’ chloinn mar-thà.

Tha e riatanach a bhith a’ dèiligeadh ri iomagaineachd chloinne a thaobh matamataig, gus beachdan deimhinneach a bhrosnachadh. Nuair nach eil clann cho misneachdail le matamataig, bidh iad a’ faireachdainn iomagaineach rè ghnìomhachdan sa bheil freagairtean luatha a dhìth, leithid practas tìmichte is deuchainneachadh ‘matamataig inntinn’. Mar an ceudna, faodaidh iad a bhith a’ faireachdainn draghail tro gheamannan clas sam feum iad freagairtean fa leth a thoirt air beulaibh an comhaoisean. Bu chòir do thidsearan ùine smaoineachaidh gu lèor a thoirt do chlann nach eil cho misneachdail, is beachdachadh air diofar dhòighean san urrainn dhaibh an tuigse a shealltainn. Tha e deatamach gum fairich clann soirbheachas gus am misneachd a thogail is beachdan deimhinneach air matamataig a leasachadh.

Rè leasanan, bidh a’ mhòr-chuid de thidsearan a’ cleachdadh teicneòlas didseatach is bathar-bog gu h-èifeachdach gus clann a thoirt an sàs is an ùidh a ghlèidheadh. Do chlann nas òige, bidh luchd-obrach a’ beachdachadh gu cùramach air cleachdadh didseatach, leithid an uimhir de dh’ùine air sgrìnichean a stiùireadh. Tha e a’ còrdadh ri tòrr chloinne geamannan didseatach a chleachdadh gus an lùthmhorachd inntinn a thogail. Tha grunn tidsearan a’ toirt dòighean cruthachail do chlann gus sgilean matamataigeach a cheangal ’s a chur an gnìomh, a’ cleachdadh teicneòlasan didseatach. Mar eisimpleir, bidh clann nas sine a’ cleachdadh bathar-bog gus fiosrachadh bho na suirbhidhean aca fhèin a chur ri chèile. Bidh iad a’ cruthachadh ghrafaichean didseatach is chlàran-cearcaill gus toraidhean a thaisbeanadh is an reusanachadh aca airson roghainnean an taisbeanaidh a mhìneachadh.

Ionnsachadh agus teagasg ann am matamataig

Ann am bun-sgoiltean a tha a’ lìbhrigeadh matamataig de dh’àrd-chàileachd, tha tuigse phroifeiseanta dhomhainn aig luchd-obrach air feumalachdan sònraichte chloinne san sgoil aca. Bidh iad a’ cleachdadh an eòlais seo gus cumadh a thoirt do mhodhan-obrach amasaichte, agus gus an dealbhadh is an cur an gnìomh, gus ionnsachadh is teagasg a thoirt am feabhas ann am matamataig, leithid nuair a tha fianais measaidh a’ sealltainn nach eil clann siùbhlach fhathast ann a bhith a’ cuimhneachadh fhìrinnean. Bidh luchd-obrach a’ cuimseachadh air teagasg nas amasaichte a thoirt seachad is cothroman a chur am meud airson cleachdadh brìoghmhor, a’ gabhail a-steach le bhith a’ cleachdadh cho-theacsaichean brosnachail. Le bhith a’ tabhann chothroman glacmhor a bharrachd do chlann ri chleachdadh, bidh iad a’ cuideachadh gus ùidh is brosnachadh chloinne a ghlèidheadh ’s iad ag ath-neartachadh phrìomh sgilean.

Air feadh na h-Alba, barrachd is barrachd tha tidsearan a’ beachdachadh air ’s a’ cleachdadh mhodhan-obrach teagaisg matamataig stèidhichte air rannsachadh gus cumadh a thoirt dhan phlanadh aca, mar eisimpleir a’ teagasg chlann raon de ro-innleachdan matamataigeach. Tha a’ mhòr-chuid de sgoiltean a’ cleachdadh na slighe adhartais a th’ aig an sgoil fhèin no aig an ùghdarras ionadail gus dèanamh cinnteach gun còmhdaich iad eòlasan is toraidhean matamataig CfE air feadh na bliadhna acadaimigich. Ann an sgoiltean beaga dùthchail, bidh tidsearan a’ planadh còmhdachadh curraicealaim gu cùramach airson chlasaichean co-dhèanta far a bheil clann aig iomadh-ìre. Ach, feumaidh cuid de sgoiltean tadhail a-rithist air taobhan sònraichte de mhatamataig, leithid làimhseachadh fiosrachaidh, nas bitheanta.

An-dràsta, tha planadh matamataig nan tidsearan a’ cuimseachadh gu mòr air eòlas is tuigse chloinne air bun-bheachdan, le nas lugha de bheachdachadh air sgilean matamataig a leasachadh. Bidh tidsearan a’ dèanamh feum cunbhalach de dh’eòlasan is toraidhean CfE agus de na slatan-tomhais nàiseanta nuair a tha iad a’ planadh ionnsachadh is measadh. Ach, chan eil a’ mhòr-chuid de luchd-obrach a’ beachdachadh fhathast air mar a bheir iad taic do chlann a bhith a’ sealltainn, a’ ceangal is a’ cur an gnìomh nam prìomh ‘sgilean àireamhachd is matamataigeach’ a tha air am fighe a-staigh ann an eòlasan is toraidhean is air am mìneachadh gu soilleir aig toiseach nan slatan-tomhais nàiseanta. Gus taic nas fheàrr a chumail ri clann gus na sgilean cudromach seo a leasachadh, feumaidh tidsearan planadh mar a bhios na sgilean seo gan cleachdadh tro eòlasan, ceasnachadh is measaidhean ionnsachaidh.

Ann an sgoiltean le cleachdadh làidir, tha tidsearan mothachail air is a’ tuigsinn mi-bhreithneachaidhean cumanta am broinn bhun-bheachdan matamataigeach aig gach ìre CfE. Bidh iad a’ planadh ’s a’ cleachdadh nam mì-bhreithneachaidhean seo gu math rè an teagaisg gus taic a chumail ri tuigse chloinne. Tha e cudromach airson tidsearan air fad dàta measaidh a chleachdadh gus mì-bhreithneachaidhean is mearachdan aithneachadh is dèiligeadh riutha. Le seo bithear a’ cuideachadh chlann tuigse nas doimhne a leasachadh air matamataig.

Bidh cuid de thidsearan a’ cleachdadh briathrachas matamataigeach mearachdach rè leasanan agus air taisbeanaidhean balla, a dh’fhaodas bacadh a chur air tuigse chloinne. Tha e deatamach gum bi tidsearan is luchd-obrach taice a’ còmhradh mu dheidhinn an tuigse agus ga leasachadh gus matamataig a mhodaileadh gu ceart nuair a tha iad a’ toirt taic do chlann. Tha eisimpleirean air leth èifeachdach ann de luchd-obrach a’ leasachadh ’s a’ planadh airson modh-obrach adhartach air feadh na sgoile a thaobh briathrachas a tha sònraichte don chuspair. Ach, chan eil seo na ghnàthas coitcheann fhathast.

Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, bidh tidsearan a’ còmhradh air feartan èifeachdach de theagasg matamataig ’s ag aontachadh air structar leasain a tha seasmhach. Bidh cha mhòr gach tidsear a’ fàgail adhbhar an leasain soilleir ’s a’ cuideachadh chlann a thuigsinn mar as urrainn dhaibh a bhith soirbheachail nan cuid ionnsachaidh. Bidh iad a’ toirt chothroman airson ionnsachadh co-obrachail, a’ cleachdadh raon de ro-innleachdan gus tuigse a dhearbhadh. Ach, chan eil a’ mhòr-chuid de leasanan a’ toirt dùbhlan gu leòr. Gu bitheanta tha gnìomhan is gnìomhachdan chloinne ro shìmplidh, leithid eacarsaichean sgrìobhte ath-aithriseil nach bi a’ leudachadh smaoineachadh. Ro thric, thathas a’ leigeil le clann an ìre de dhùbhlan a thaghadh dhaibh fhèin. Bidh seo ag adhbharachadh diofarachadh eu-domhain nach eil a’ coinneachadh ris na feumalachdan aca. Tha seo a’ soilleireachadh na cudromachd a th’ ann fiosrachadh measaidh a chleachdadh gu h-èifeachdach nuair a thathar a’ planadh leasanan is gnìomhachdan, a’ dèanamh cinnteach gu bheil susbaint air a dealbhadh gu h-iomchaidh ri ìrean tuigse is leasachaidh chloinne, agus a’ toirt dùbhlan gu leòr dhaibh gus a dhol air adhart.

Aig tràth-ìrean bun-sgoile, bidh tidsearan gu tric a’ cleachdadh eòlasan cluiche mar phàirt de leasanan matamataig. Faodaidh am modh-obrach seo a bhith caochlaideach a thaobh èifeachdas. Sna h-eisimpleirean as fheàrr, bidh tidsearan a’ toirt seachad àitichean-cluiche is eòlasan de dh’àrd-chàileachd. Bidh iad a’ coimhead gu sgileil air ionnsachadh is a’ conaltradh gu h-èifeachdach ri clann tro chluich, a’ faighneachd cheistean smaoineachail gus ionnsachadh is tuigsinn a chur am meud no a dhoimhneachadh. Gus buannachdan a’ mhodh-obrach seo a mheudachadh, feumaidh tidsearan tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air an an tuigse a th’ aca air cluiche de dh’àrd-chàileachd. Bu chòir gu bheil gnìomhachdan is eòlasan a’ toirt taic do dh’eòlas is sgilean matamataigeach chloinne is gan leudachadh. Bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach cuideachd gu bheil iad a’ cothromachadh seòlaidhean thidseir planaichte is cluiche a th’ air a thòiseachadh leis a’ chloinn gus an ìre cheart de dhùbhlan a thoirt seachad.

Tha a’ mhòr-chuid de chlann a’ meudachadh an cuid eòlais air raon de ro-innleachdan a ghabhas cleachdadh ann am matamataig inntinn, agus tha iad a’ fàs nas misneachdail ann a bhith a’ deasbad am modhan-obrach is smaoineachadh. Ach, bidh grunn tidsearan fhathast a’ cleachdadh far-ainmean mì-fhoirmeil airson ro-innleachdan no seòrsaichean àireamhachaidh a dh’fhaodas bacadh a chur air comas chloinne a bhith a’ mìneachadh gu soilleir an reusanachadh aca le bhith a’ cleachdadh briathran matamataigeach. Faodaidh seo buaidh mhìlteach a thoirt air an tuigse mar a dh’fhàsas bun-bheachdan is pròiseasan nas iom-fhillte. A dh’ionnsaigh deireadh na dàrna ìre de CfE, chan eil tòrr chloinne comasach fhathast air an ro-innleachd as èifeachdaiche aithneachadh airson obrachadh a-mach sònraichte a dhèanamh. Bu chòir do thidsearan barrachd taic a thoirt seachad gus clann a chuideachadh ann a bhith a’ leasachadh ’s a’ cleachdadh an sgil dheatamaich seo.

An-dràsta, cha bhi tòrr sgoiltean a’ planadh gu lèor airson, no a’ toirt seachad, fuasgladh cheistean adhartach is dùbhlain fhosgailte ann am matamataig. Tha clann ag aithris gu bheil ceistean-facail no obrachaidhean a-mach iomadh-cheum dùbhlanach dhaibh is tha iad tric mì-chinnteach càite am bu chòir dhaibh tòiseachadh. Feumaidh tidsearan clann a chom-pàirteachadh gu bitheanta ann a bhith a’ mìneachadh dè thathas ag iarraidh orra is ag aithneachadh nan ceumanan a tha a dhìth gus dèiligeadh ris an duilgheadas. Tha e cudromach a bhith a’ modaileadh a’ phròiseis de dh’obrachadh tro eisimpleirean gus misneachd chloinne a thogail.

Bidh tidsearan a’ cleachdadh ceasnachadh gu math gus tuigse a dhearbhadh is clann a bhrosnachadh ri ro-ionnsachadh ath-chuimhneachadh is a chleachdadh. Gu tric, bidh clann a’ bruidhinn air an fhreagairt aca le com-pàirtiche no buidheann mus roinn iad i leis a’ chlas, rud a tha iad a’ faireachdainn taiceil. Bu chòir do thidsearan planadh nas cunbhalaiche is ceistean fhaighneachd far am feum clann an eòlas a chur an gnìomh no ceanglaichean a dhèanamh thar diofar thaobhan de mhatamataig. Bidh seo a’ cuideachadh chlann a dhol an sàs nas doimhne leis an ionnsachadh aca.

Tha clann a’ cur luach air an fhios air ais labhairteach is brosnachadh a gheibh iad bho na tidsearan aca ann am matamataig. Tha cothroman far am faod iad fèin-mheasadh a dhèanamh air an obair aca, no measadh bho chomhaoisean fhaighinn, cuideachail dhaibh. Dh’innis clann nas òige dhuinn gu bheil na steigearan is stampaichean a chuireas na tidsearan air an obair aca a’ còrdadh riutha. Tha iad gan cuideachadh a thuigsinn far a bheil iad air a bhith ag obair gu math. Ach, tha a’ mhòr-chuid de dh’fhios air ais sgrìobhte ann am matamataig a’ cuimseachadh air oidhirp seach air nochdadh adhartas. Cha bhi na facail aca tric a’ stiùireadh chlann air na dh’fheumas iad a dhèanamh a-nis. Sna sgoiltean air an robhar a’ tadhail, cha b’ urrainn ach do chuid chloinne bruidhinn gu soilleir air na targaidean fa leth aca is adhartas ann am matamataig.

Tha eisimpleirean làidir ann de thidsearan a’ planadh gu h-èifeachdach airson clann fa leth a dh’fheumas taic a bharrachd. Ach, feumar eadar-theachdan le structar a stiùireadh nas fhaiceallaiche. Ann an sgoiltean le cleachdadh fìor èifeachdach, ann am planaichean fa leth chloinne bidh tidsearan a’ cur thargaidean so-thomhas a bhios a’ dèiligeadh gu soilleir ris na bacaidhean sònraichte air an adhartas aca ann am matamataig. Ann an grunn sgoiltean air an robhar a’ tadhail, tha clann a dh’fheumas taic air an toirt a-mach às a’ chlas airson eadar-theachdan. Ged a tha na h-eadar-theachdan seo a’ cuideachadh mòran chloinne gus adhartas a dhèanamh ann an àireamhachd, bu chòir beachdachadh air a’ mhodh-obrach seo, agus a stiùireadh, gu cùramach. Faodaidh clann a bhith a’ call susbaint chudromach ma thèid an toirt a-mach às a’ chlas. Faodaidh sin cuideachd bacadh a chur air an raon de dh’eòlasan ann am matamataig is an cothrom a bhith ag ionnsachadh bho chàch a lùghdachadh.

Ann an grunn sgoiltean air an robhar a’ tadhail, tha planaichean soilleir ann gus dùbhlan a thoirt seachad do chlann nas sine aig a bheil coileanadh nas àirde na ìrean matamataig CfE ris a bheil dùil gu nàiseanta. Gu tric tha iad seo a’ tachairt tro chom-pàirteachasan le oilthighean is àrd-sgoiltean. Ach, chan eil tòrr chloinne, a tha nas comasaiche ann am matamataig, a’ faighinn dùbhlan gu leòr rè leasanan. Bu chòir do thidsearan dòighean a rannsachadh gus an smaoineachadh is sgilean matamataigeach a leudachadh. Mar eisimpleir, b’ urrainn do thidsearan duilgheadasan fosgailte a chleachdadh a dh’fheumas clann an ionnsachadh a cheangal is a chur an gnìomh thar diofar bhun-bheachdan matamataig.

Tha àrd-cheannardan is luchd-obrach as èifeachdaiche ann a bhith a’ lùghdachadh dùbhlain co-cheangailte ri bochdainn ann am matamataig far a bheil ro-innleachd is modh-obrach cunbhalach is fighte a-staigh ann, a tha air aontachadh air feadh na sgoile. Tha na ro-innleachdan seo fiosraichte le tuigse dhomhainn air co-theacsa na sgoile is fèin-luachadh èifeachdach. Ann an cuid de sgoiltean, tha tidsearan ag àrdachadh buileachadh gu soirbheachail airson clann aithnichte mar phàirt de leasanan clas. Ach, nas trice, tha buidhnean beaga no daoine fa leth air an toirt a-mach à leasanan airson eadar-theachdan ‘beir air’, air an toirt seachad le luchd-obrach taice. ’S urrainn do sgoiltean a shealltainn gu bheil na h-eadar-theachdan seo a’ cumail taic ris a’ mhòr-chuid de chlann gus an cuimhneachadh air prìomh fhìrinnean àireimh a thoirt am feabhas. Ach, chan eil e an-còmhnaidh soilleir a bheil am modh-obrach a’ lùghdachadh na bèairn buileachaidh co-cheangailte ri bochdainn uile gu lèir. Bu chòir do luchd-obrach buaidh eadar-theachdan is mhodhan-obrach a mhion-thomhas gus tuigsinn cò na h-eadar-theachdan a bheir a’ bhuaidh as deimhinniche air dùnadh na beàirn.

Uile gu lèir, bidh tidsearan a’ measadh eòlas chloinne air bun-bheachdan air leth is an comas aca air obrachaidhean àireimh a choileanadh gu math. Bu chòir dhaibh a-nis beachdachadh air dòighean gus measadh a dhèanamh air dè cho math ’s a tha clann a’ cur nan sgilean aca an gnìomh, a’ gabhail a-steach tro cheistean neo-ghnàthach is ann an co-theacsaichean nach eil cho aithnichte.

Tha cuid de dh’àrd-cheannardan is tidsearan a’ cleachdadh fiosrachadh comharrach bho mheasaidhean cunbhalach nàiseanta na h-Alba (SNSA) glè mhath gus aithneachadh is planadh airson bheàrnan an dà chuid ann an ionnsachadh chloinne fa leth is ann an ionnsachadh a h-uile pàiste sa bhliadhna sin. Le bhith a’ leudachadh cleachdadh dàta SNSA gus fiosrachadh fad-sgoile airson matamataig a sgrùdadh, dh’fhaodte gum bithear a’ toirt barrachd cumadh do cho-dhùnaidhean is obair leasachaidh.

Tha cuid de thidsearan tric an sàs ann am pròiseasan cho-mheasaidh airson matamataig am broinnn na sgoile aca fhèin is còmhla ri sgoiltean eile. Ann an grunn eisimpleirean èifeachdach, tha luchd-obrach air feadh raointean ag obair còmhla gus còmhradh a dhèanamh air adhartas is coileanadh chloinne. Chan eil seo na chleachdadh coitcheann fhathast air feadh na h-Alba ach far a bheil e a’ tachairt, is urrainn do thidsearan ionnsachadh a phlanadh, a’ toirt fa-near ann an dòigh nas fheàrr an coileanadh a bh’ aig clann roimhe is na h-ath-cheumannan dhaibh. Bhiodh e na bhuannachd do thidsearan is bheireadh e cunbhalachd am feabhas nan robhar tric a’ roinn slatan-tomhais is dùilean is a’ deasbad ionnsachadh, teagasg agus measadh ann am matamataig.

Ann an sgoiltean air an robhar a’ tadhail, tha tòrr thidsearan a’ gabhail pàirt ann an ionnsachadh proifeiseanta co-cheangailte ri matamataig, a’ gabhail a-steach trèanadh ùghdarrais ionadail no pròiseactan rannsachaidh luchd-cleachdaidh. Ach, b’ urrainn do chuid a thidsean an eòlas cuspair ann am matamataig a neartachadh. Ann an grunn leasanan air an robhar a’ tadhail, bha beàrnan no mearachdan ann an tuigse thidsearan follaiseach nuair a bha iad a’ mìneachadh bhun-bheachdan sònraichte. Tha luchd-obrach ag aithris gu bheil e gu sònraichte cuideachail dhaibh coimhead air leasanan matamataig cho-obraichean is a dhol an sàs ann an teagasg mar sgioba.

Com-pàirteachadh dhaoine òga ann am matamataig

Ann an roinnean matamataig àrd-sgoile, tha pàirt dheatamach aig tidsearan ann a bhith a’ cruthachadh àrainneachdan ionnsachaidh a tha deimhinneach is taiceil. Ach, tha dùbhlain leithid daoine òga leis nach toigh matamataig ionnsachadh is neo-chunbhalachd luchd-obrach, mar eisimpleir beàrnan fad is geàrr-ùine, a’ toirt buaidh mhì-shealbhar air na h-oidhirpean aca ri com-pàirteachadh dhaoine òga a thoirt am feabhas. Tha iomadh eisimpleir dheimhinn ann de thidsearan ag obair gu math gus suidheachaidhean a dhèanamh far am faod daoine òga ionnsachadh ann an àrainneachd thaiceil is chiùin. Tha iad seo gu tric air an neartachadh le luachan fad-sgoile is ionnsachadh proifeiseanta air mar a thathar a’ togail dhàimhean làidir.

Ann an grunn sgoiltean, chunnacas daoine òga, gu h-àraid ann an ÀS1 gu ÀS3, a’ call ùidh ann an ionnsachadh. Nuair a thathar a’ call ùidh mar sin, faodaidh sin buaireadh de dh’ìre ìosal adhbharachadh, leithid bruidhinn ri comhaoisean, ag èigheachd a-mach no a’ cleachdadh fònaichean-làimhe gu mì-iomchaidh. San fharsaingeachd bidh tidsearan a’ stiùireadh nan suidheachaidhean seo gu math, agus gu sgileil aig amannan, gu tric a’ cur earbsa sna dàimhean làidir aca ri daoine òga gus àrainneachd dian-aireach a ghlèidheadh.

Ged a tha daoine òga a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e matamataig ionnsachadh, chan eil seo an-còmhnaidh a’ ciallachadh fìor-dhealasachd no gaol dhan chuspair. Tha iad, ge-tà, a’ luachadh na taice is cùraim a bheir na tidsearan aca dhaibh gu mòr. Tha iad a’ cur sùim anns an dealas a bhios tidsearan a’ sealltainn airson matamataig agus cho deònach ’s a tha iad cuideachadh a thoirt seachad thar a’ chlas tro innealan didseatach, clubaichean àm-bìdh is taic an dèidh na sgoile.

Tha a’ mhòr-chuid de dh’àrd-sgoiltean air an robhar a’ tadhail ag aithris duilgheadasan leantainneach le bhith a’ cosnadh ’s a’ glèidheadh tidsearan matamataig speisealtach. Sna sgoiltean seo, tha e tric nas dùbhlanaiche dàimhean deimhinneach a stèidheachadh ’s a ghlèidheadh eadar tidsearan is daoine òga. Ann an cuid de sgoiltean, chan e tidsear matamataig speisealta a bhios an-còmhnaidh a’ teagasg dhaoine òga ann an ÀS1 is ÀS2, rud a bhios a’ cur bacadh air daoine òga bho bhith a’ faighinn cothom air an doimhneachd eòlais a tha a dhìth airson ionnsachadh èifeachdach.

Tha leasachaidhean a dhìth gus dèanamh cinnteach gun toir àrainneachdan ionnsachaidh làn-thaic do dhaoine òga a dhol an sàs ann am matamataig. Tha e nochdte gu bheil daoine òga an sàs barrachd nuair a tha clasrumannan a’ brosnachadh ionnsachadh eadar-obrachail. Mar eisimpleir, tha com-pàirteachadh air a neartachadh nuair a tha cothroman aig daoine òga a dhol an sàs ann an còmhraidhean de dh’àrd-chàileachd no nuair a dh’obraicheas iad còmhla tro àitichean co-roinnte. Tha seo a’ gabhail a-steach modhan-obrach leithid bùird mhòra a ghabhas sgrìobhadh orra, obraichean buidhne no ro-innleachdan fad-chlas leithid cleachdadh bùird-gheal bheaga. Tha e cudromach, ge-tà, gun dèan tidsearan cinnteach nach eil obraichean co-obrachail dìreach glacmhor ach gum bi iad a’ toirt seachad cothroman ionnsachaidh brìoghmhor, de dh’àrd-chàileachd.

Tha tòrr dhaoine òga tric neo-fhiosrach air mar a ghabhas nithean fiosaigeach (innealan àireamhachd) a chleachdadh gus taic a chumail ri an tuigse air bun-bheachdan matamataigeach. Ged a fhuair mòran thidsearan ionnsachadh proifeiseanta air mar a chleachdar na stòrasan seo, chan eilear gan cleachdadh gu mòr ann am practas. Bhiodh e na bhuannachd mhòr do chuid de dhaoine òga innealan àireamhachd a cho-mheasgachadh, còmhla ri riochdachaidhean deilbh; gu h-àraid chumadh e taic ris an tuigse bhun-bheachdail aca air beachdan matamataig. Bhiodh e cuideachadh nan cuireadh tidearan cleachdadh nas fheàrr de dh’innealan àireamhachd a-staigh dha na leasanan aca is na stuthan seo a dhèanamh nas ruigsinnich do dhaoine òga.

Tha daoine òga ag aithris gu bheil iomsgaradh soilleir san eòlasan foghlaim matamataig, le tràth-bhliadhnaichean de dh’fhoghlam àrd-sgoile gun a bhith dùbhlanach gu leòr is bliadhnaichean nas anmoiche a’ sìor-fhàs nas iarrtaiche. Tha daoine òga ag aithris gu bheil matamataig ann an ÀS1 is ÀS2 ro fhurasta dhaibh an coimeas ri cuspairean eile. Faodaidh e a bhith ath-aithriseil, a’ cuimseachadh cus air teacs-leabhraichean no duilleagan-obrach is cha bhi e a’ togail gu leòr air na dh’ionnsaich iad roimhe. Mar iomsgaradh, ann an ÀS4 gu ÀS6, tha cùrsaichean san ìre as àirde ann am matamataig nas duilghe do dhaoine oga na cuspairean eile. Tha an uiread de shusbaint ann an cùrsaichean dùbhlanach dhaibh. Tha iad a’ faireachdainn gum feum iad a bhith ag obair cus leotha fhèin is chuireadh iad fàilte air tuilleadh mhodhan-obrach co-obrachail a tha a’ cuimseachadh air sgilean fuasgladh cheistean. Gus dèiligeadh ris na dùbhlain seo, bu chòir do thidsearan cumail orra sgrùdadh a dhèanamh air a’ churraicealam ÀS1 gu ÀS3 gus dèanamh cinnteach gu bheil e a’ toirt adhartas dhan ìre as àirde nas èifeachdaiche. A thuilleadh air sin, bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil eòlasan dhaoine òga, an dà chuid san àm tighinn suas ris an ìre as àirde agus rè na h-ìre as àirde, gan ullachadh gu lèir airson iarrtasan nan cùrsaichean aca ann an ÀS5 is ÀS6.

Tha daoine òga a’ cur an cèill dragh mòr nan ionnsachadh matamataig: cion-buntainneas dham beathannan làitheil. Bidh tidsearan, gu h-àraid ann an ÀS1 gu ÀS3, tric a’ call chothroman gus bun-bheachdan matamataigeach a cheangal ri co-theacsaichean fìor-bheatha. Tha iad dualtach air eisimpleirean eas-chruthach a chleachdadh nuair a dh’fhaodar aplacaidean nas practaigiche a chleachdadh. Mar iomsgaradh, ann an ÀS4 gu ÀS6, far a bheil tidsearan air slighean a leasachadh gus cùrsaichean gnìomhachas matamataig a ghabhail a-steach, tha daoine òga ag aithris buntainneas nas motha agus uaireannan, tlachd. Tha e cudromach do thidsearan a bhith a’ cuideachadh dhaoine òga a thuigsinn mar a tha matamataig a’ toirt buaidh air am beathannan làitheil le bhith a’ cothromachadh eisimpleirean fìor-bheatha, practaigeach is a’ cur an cèill buntainneas is cudromachd susbaint matamataigeach eas-chruthach.

Tha na tidsearan a’ cumail orra an cleachdadh de dh’uidheaman didseatach a leasachadh gus com-pàirt is eòlasan ionnsachaidh a thoirt am feabhas. Mar eisimpleir, ann an grunn sgoiltean, bidh tidsearan a’ cleachdadh mhodhan-obrach didseatach cruthachail gus daoine òga a thoirt an sàs ann am fios air ais is planadh a roinn le daoine òga gus taic a chumail ri cothrom fhaighinn air susbaint ionnsachaidh. Tha daoine òga deimhinneach mu chleachdadh ùrlaran air-loidhne airson notaichean, geamannan, duilleagan-obrach, obair-dachaigh is stuthan ath-sgrùdaidh. Tha iad seo gu sònraichte luachmhor do dhaoine òga rè amannan de neo-làthaireachd no nuair a tha iad ag ullachadh airson deuchainnean, a’ toirt cothrom furasta is sùbailte air na goireasan a tha a dhìth orra.

Tha tuigse shoilleir aig tidsearan air na dùbhlain sòiseo-eaconamach a tha mu choinneimh nan daoine òga is teaghlaichean aca, ged nach eil iad buileach soilleir air mar a dh’fhaodas iad a chur ri dùnadh bheàrnan buileachaidh co-cheangailte ri bochdainn no adhartas dhaoine òga ann am matamataig a luathachadh. Air feadh roinnean matamataig, tha tidsearan air grunn taicean coitcheann a chur an gnìomh, leithid cothrom a thoirt air stuthan is àireamhairean do dhaoine òga air fad. Tha tuigse nas fheàrr air prìomh-thidsearan is àrd-cheannardan air mar a tha taicean amasaichte a’ toirt builean àireamhachd am feabhas. Bu chòir dhaibh a chumail orra ag obair còmhla ri tidsearan gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach uile a’ tuigsinn nam modhan-obrach seo is faodaidh iad lèirmheas a dhèanamh air ian adhartas a tha iad a’ dèanamh ann a bhith a’ dèiligeadh ri beàrnan cothromas.

Tha tidsearan ag aithris gu bheil iad a’ faicinn àrdachadh ann am feumalachdan dhaoine òga, a’ gabhail a-steach iadsan a dh’fheumas taic a bharrachd. Tha dragh orra mu lùghdachadh ann an eòlas dhaoine òga air matamataig an coimeas ri bliadhnaichean roimhe, a’ gabhail a-steach nuair a tha iad a’ gluasad bho bhun-sgoil. Ach, chan eil mòran thidsearan a’ freagarrachadh a’ phlanaidh aca gu leòr fhathast gus dèiligeadh ris an fharsaingeachd shlàn de luchd-ionnsachaidh sna clasaichean aca, an feadhainn as comasaiche nam measg. Bu chòir do thidsearan a chumail orra na modhan-obrach aca a thoirt am feabhas gus coinneachadh nas fheàrr ri na diofar feumalachdan a th’ aig daoine òga air fad.

Tha luchd-cuideachaidh taic sgoileir a’ toirt taic chuideachail, chunbhalach do dhaoine òga anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean. Ann an grunn sgoiltean, tha luchd-cuideachaidh taic sgoileir ann a tha air an sònrachadh gus taic a chumail ri daoine òga ann am matamataig. Sna h-eisimpleirean as fheàrr, bidh luchd-cuideachaidh taic sgoileir a’ dol an sàs ann an gnìomhachdan ionnsachaidh proifeiseanta còmhla ri tidsearan matamataig, a’ toirt comas dhaibh taic a tha sònraichte dhan chuspair, is a tha de chàileachd nas fheàrr, a thoirt do dhaoine òga.

Ionnsachadh agus teagasg ann am matamataig

Air feadh sgoiltean ann an Alba is am broinn roinnean matamataig, tha a’ chàileachd de theagasg matamataig ro neo-chunbhalach. Tha eòlasan dhaoine òga air matamataig mar sin ro mheasgaichte agus a’ crochadh cus air an tidsear a th’ aca. Ged a tha eisimpleirean ann de thidsearan air leth èifeachdach a’ toirt seachad stiùireadh matamataig de dh’àrd-chàileachd, cha bhi mòran dhaoine òga a’ faighinn an eòlais seo gu cunbhalach.

Ged a tha tuigse làidir aig tidsearan matamataig air susbaint a’ chuspair, chan eil tuigse shoilleir aig cuid dhiubh air na dòighean as èifeachdaiche gus matamataig a theagasg. Gus cleachdadh a thoirt am feabhas, bu chòir do thidsearan beachdachadh air mar a tha iad a’ cothromachadh eòlas fìreannach, siùbhlachd-modha is leasachadh sgilean nan cuid theagaisg.

Bhiodh a’ mhòr-chuid de thidsearan a’ faighinn buannachd bho thuilleadh ionnsachaidh proifeiseanta amasaichte, gus an tuigse air seòladh matamataig de dh’àrd-chàileachd a dhoimhneachadh, is bu chòir dhaibh an ionnsachadh a chur ris an cuid theagaisg. Gu deimhinneach, bidh a h-uile tidsear a’ dol an sàs ann an ionnsachadh proifeiseanta ann am matamataig, ged a bhiodh seo tro sgrùdadh phearsanta, trèanadh a tha an t-ùghdarras ionadail a’ cumail taic ris no a’ toirt seachad, no còmhradh proifeiseanta le co-obraichean sna roinnean aca. Chan eil e an-còmhnaidh soilleir dè a’ bhuaidh a tha an t-ionnsachadh proifeiseanta seo a’ toirt air eòlasan dhaoine òga. Far a bheil cleachdadh as làidire, bidh tidsearan ag obair còmhla gus modh-obrach cunbhalach a dhèanamh cinnteach air ro-innleachdan ùra thar na roinne aca. Bidh iad a’ sgrùdadh gu dlùth na buaidh a bheir seo air leasachadh eòlasan is adhartas dhaoine òga.

Bidh modhan-obrach planaidh diofraichte air feadh sgoiltean is am broinn roinnean matamataig. Sna h-eisimpleirean as soirbheachaile, tha tidsearan ag obair fìor mhath còmhla gus planadh thar diofar raointean-ama, a’ dèanamh cinnteach à cunbhalachd ann an eòlasan dhaoine òga. Mar eisimpleir, thathar a’ cleachdadh mhodhan-eòlas coitcheann aontaichte, a rèir slatan-tomhais nàiseanta, gus daoine òga a chuideachadh a bhith soirbheachail. Tha beagan sgoiltean gu h-àraid soirbheachail ann a bhith a’ planadh ghnìomhachdan ionnsachaidh co-cheangailte ri co-theacsaichean brìoghmhor, leithid duilgheadasan facail, obraichean fuasgladh cheistean no cothroman ionnsachaidh stèidhichte air pròiseactan.

Anns a’ mhòr-chuid de sgoiltean, tha structar leasain soilleir is gnàthasan-clas a tha air an deagh stèidheachadh aig roinnean matamataig. Bidh tidsearan sa chumantas a’ toirt seachad eisimpleirean de shusbaint matamataigeach do dhaoine òga. Tha iad misneachdail ann a bhith a’ teagasg mhodhan-obrach, eòlas agus fìrinnean. Ach, tha mì-chunbhalachd ann a bhith a’ suidheachadh dùilean do dhaoine òga a thaobh bhriathran is briathrachas matamataig agus an cleachdadh gu ceart ann an còmhraidhean. Ann an sgoiltean leis na cleachdaidhean as fheàrr, tha tidsearan eòlach air mearachdan is mì-thuigsean cumanta a chomharrachadh mar phàirt de na mìneachaidhean aca. Bidh iad a’ faighneachd do dhaoine òga an smaoineachadh a mhìneachadh is freagairtean nas mionaidiche is deasbadan matamataigeach nas bhrìoghmhoire fhaighinn a-mach. Bidh na tidsearan seo tric a’ planadh cheistean ro-làimhe is a’ neartachadh briathrachas tro thaisbeanaidhean bhalla is prìomh fhaclan a chomharrachadh ann an duilgheadasan sgrìobhte. Ach, ann am mòran leasanan, faodaidh guth an tidseir a bhith os cionn a h-uile duine, a’ cur bacadh air daoine òga bho bhith a’ faighinn cothrom a dhol an sàs ann an deasbadan. Bu chòir do thidsearan toirt fa-near na sgilean leughaidh is eòlas air briathrachas matamaigeach aig daoine òga nuair a tha iad a’ planadh air cothroman a chruthachadh airson reusanachadh labhairteach.

Tha feum mòr air leasachadh a dhèanamh air mar a nì tidsearan cinnteach an robh daoine òga air an ionnsachadh aca a thuigsinn. Bidh tidsearan ag innse adhbhar ionnsachaidh agus mar a dh’fhaodar a bhith soirbheachail le daoine òga. Ach gu tric chan eil na rùintean ionnsachaidh seo is slatan-tomhais soirbheachais de chàileachd mhath gu leòr gus a bhith mar inneal feumail a thaobh coimhead air adhartas no tuigse dhaoine òga. A thuilleadh air sin, feumaidh tidsearan beachdachadh air mar a dh’fhaodadh iad deireadh leasanan a dhèanamh nas brìoghmhoire do dhaoine òga. Bu chòir deireadh an leasain a cheangal air ais gu ionnsachadh planaichte is dearbhadh a bheil daoine òga air thuigsinn, air eòlas a thogail is air a bhith soirbheachail, agus bu chòir gu bheil seo mar phàirt chudromach de gach leasan.

Tha cleachdaidhean measaidh diofaraichte thar roinnean matamataig, le cuid de sgoiltean a’ nochdadh neartan làidir is leasachadh a dhìth air feadhainn eile. San ìre as àirde, tha measaidhean deireannach air an deagh leasachadh is a’ taobhadh gu dlùth ri riatanasan Teisteanais Nàiseanta. Tha na measaidhean seo a’ cuideachadh dhaoine òga gus beàrnan aithneachadh nan cuid ionnsachaidh tro fhios air ais amasaichte. Ach, san fhoghlam fharsaing choitcheann, chan eil cleachdaidhean measaidh cho cunbhalach. Ro thric, cha bhi measaidhean a’ freagairt ris an raon de chomasan aig luchd-ionnsachaidh, a’ ciallachadh gu bheil obraichean mu choinneimh cuid de dhaoine òga a tha an dàrna chuid ro dhoirbh no ro fhurasta.

Tha na measaidhean as soirbheachaile air an dealbhadh gu cùramach gus measgachadh de sgilean is eòlas, le diofarachadh ann gus dèanamh cinnteach gum faod daoine òga air fad an cuid ionnsachaidh a nochdadh. Sna h-eisimpleirean seo, the measaidhean a’ toirt seachad ìre iomchaidh de dhùbhlan, a’ com-pàirteachadh dhaoine òga aig diofar ìrean de sgil.

Bidh tidsearan tric a’ toirt an dà chuid fios air ais labhairteach is sgrìobhte. Ach, tha mòran dhaoine òga mì-chinnteach air mar a chleachdas iad am fios air ais seo gus an obair a thoirt am feabhas, gu h-àraid ann an ÀS1 gu ÀS3. Gus fios air ais a dhèanamh nas brìoghmhoire, bu chòir do thidsearan cuimseachadh air ceumannan soilleir, so-ghnìomhach a thoirt seachad a dh’fhaodas daoine òga a chur an gnìomh nan cuid ionnsachaidh.

Tha mòran thidsearan a’ conaltradh gu math ri daoine òga fhad ’s a tha iad a’ dèanamh matamataig sa chlas, a’ toirt taic aon-ri-aon gus dèiligeadh ri cùisean ionnsachaidh fa leth. Ann an cuid de chùisean, tha an taic seo ga toirt ann an dòigh gu math sgileil. Ach, chan eilear a’ cleachdadh ro-innleachdan measaidh cunbhalach gu bitheanta thar roinnean. Gus builean ionnsachaidh a neartachadh, bu chòir do thidsearan cuimseachadh air tuigse dhaoine òga a sgrùdadh gu h-èifeachdach air feadh ghnìomhachdan ionnsachaidh. Le bhith a’ roinn gu soilleir adhbhar an ionnsachaidh is a’ co-mheasgachadh ro-innleachdan air an dealbhadh gu h-iomchaidh gus adhartas is tuigse dhaoine òga ath-sgrùdadh, faodaidh tidsearan a dhèanamh cinnteach gu bheil na modhan-obrach aca an dà chuid brìoghmhor is buaidhmhor. A thuilleadh air sin, le bhith a’ cruthachadh amannan brioghmhòr ann an leasan gus coimhead a-rithist air prìomh phuingean ionnsachaidh, bithear a’ cuideachadh a dhearbhadh gu bheil daoine òga air an stuth a thuigsinn is gu bheil iad eòlach air. Bidh am pròiseas leantainneach seo de dhearbhadh tuigse, air a cho-thaobhadh ri mothachadh soilleir air an adhbhar ionnsachaidh, a’ toirt taic do dhaoine òga a dhol an sàs is adhartas a dhèanamh nan cuid ionnsachaidh.

Com-pàirteachadh chloinne is daoine òga ann am matamataig

Ann an sgoiltean sònraichte, tha tuigse mhath aig tidsearan air feumalachdan chloinne is daoine òga. Tha iad ag obair air leth math gus dàimhean deimhinneach a chruthachadh le clann is daoine òga a bheir taic do dh’ionnsachadh àireamhachd is matamataig. Tha iad a’ nochdadh sgilean ann a bhith a’ conaltradh ri clann is daoine òga le feumalachdan taic a bharrachd.

Tha luchd-obrach ann an sgoiltean sònraichte a’ toirt taic do chlann agus daoine òga ann a bhith ag ionnsachadh àireamhachd is matamataig tro raon de cho-theacsaichean fìor-bheatha is brìoghmhor. Tha iad a’ cleachdadh àitichean taobh a-staigh is air a’ bhlàr a-muigh gus com-pàirteachadh is cur an gnìomh sgilean a bhrosnachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach cleachdadh nan coimhearsnachdan ionadail aca gu deimhinneach gus neo-eisimeileachd a chur air adhart, leithid a’ cleachdadh clàran-ama nam busaichean gus cuairtean a phlanadh, is airgead gus tadhailean air cafaidhean a phlanadh.

Tha luchd-obrach a’ cleachdadh àrainneachd a’ chlas gu h-èifeachdach gus clann is daoine òga a thoirt an sàs. Bidh iad a’ cleachdadh raon de stuthan practaigeach, geamannan is òrain gus clann is daoine òga a chuideachadh sgilean cudromachd àireamhachd is matamataigeach ionnsachadh. Tha iad cuideachd a’ fighe ionnsachadh matamataigeach, leithid tìm, a-steach gu gnàth-chùrsaichean làitheil. Ach, ged a tha an ìre àrd de thaic seo luachmhor, ann an cuid de sgoiltean, bidh luchd-obrach a’ toirt cus taic. Tha e cudromach do luchd-obrach cothromachadh a nochdach eadar taic a thoirt seachad is ùine a leigeil le clann is daoine òga ionnsachadh a rannsachadh gu neo-eisimeileach is sgilean fuasgladh cheistean a leasachadh.

Tha clann is daoine òga gu math deimhinneach mu na h-eòlasan aca ann an àireamhachd is matamataig. Tha an cuid ionnsachaidh den ìre cheirt de dhuilgheadas dhaibh. Tha clann is daoine òga a’ gabhail tlachd is a’ cur luach gu sònraichte air na co-theacsaichean fìor-bheatha a thathas a’ cleachdadh nan cuid ionnsachaidh, leithid gritheidean a chothromachadh airson còcaireachd no tomhas is a’ planadh mar a chleachdas iad àitichean a’ ghàrraidh.

Bidh luchd-obrach a’ cleachdadh teicneòlas didseatach gu math mar inneal chonaltraidh cudromach airson clann is daoine òga ag ionnsachadh matamataig. Tha com-pàirteachas chloinne is daoine òga air a mheudachadh le bhith a’ cleachdadh teicneòlas taice, leithid pasganan meudachail is conaltraidh eile. Tha seo gan cuideachadh a bhith nas deònaiche pàirt a ghabhail is conaltradh tro bhidiothan, òrain is geamannan. Bidh tidsearan a’ cumail sùil gu faiceallach air cleachdadh theicneòlasan didseatach gus an ùine a chuireas clann is daoine òga seachad air sgrìnichean a chumail aig ìre iomchaidh is cus earbsa air teicneòlas a lùghdachadh. Aig amannan, chan eil e soilleir mar a tha bhidiothan, òrain is geamannan air-loidhne àraid a’ cur ri ionnsachadh no adhartas ann an àireamhachd is matamataig. Ged a thathas a’ cleachdadh innealan didseatach gu h-èifeachdach gus com-pàirteachas a chur am meud, tha cothroman ann gus piseach a bharrachd a dhèanamh air mar a thathar gan cur an gnìomh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach inneal a thathas a’ cleachdadh a’ cur gu brìoghmhor ri ionnsachadh is adhartas ann an àireamhachd is matamataig.

Ionnsachadh agus teagasg ann am matamataig

Tha tidsearan a’ cuimseachadh air eòlasan ionnsachaidh pearsanaichte is adhartach ann an àireamhachd is matamataig gus eòlas is sgilean chloinne is daoine òga a thoirt am feabhas. Tha am planadh co-fhreagrach is a’ cumail taic ri clann is daoine òga gus adhartas a dhèanamh. Sna h-eisimpleirean as fheàrr, tha seo a’ gabhail a-steach fòcas air briathrachas, co-theacsaichean fìor-bheatha is fuasgladh cheistean, a’ gabhail a-steach cleachdadh ghnìomhachdan fosgailte.

Bidh tidsearan a’ toirt leasanan a tha a’ coinneachadh ri feumalachdan, ùidhean is sgilean chloinne is daoine òga. Tha na mìneachaidhean aca soilleir is tric air an neartachadh le cùisean-brosnachaidh lèirsinneach is tro ath-aithris bhun-bheachdan. Tha tidsearan sgileil ann a bhith a’ diofarachadh ionnsachadh, a’ freagarrachadh àrainneachdan is goireasan gus taic a chumail ri feumalachdan fa leth. Tha luchd-obrach air grunn ro-innleachdan a chur an gnìomh gus buaidh dheimhinneach a thoirt air ionnsachadh chloinne is daoine òga ann am matamataig. Tha na ro-innleachdan seo a’ cuimseachadh air dèanamh cinnteach gun tèid feumalachdan gach pàiste is duine òig a choileanadh, a’ fighe àireamhachd a-staigh tron latha-sgoile is a’ cleachdadh cho-theacsaichean fìor-bheatha, leithid obair coimhearsnachd no pròiseactan iomairt shòisealta. Bidh mòran thidsearan a’ toirt àireamhachd is matamataig a-staigh do ghnìomhachdan stèidhichte air cluiche. Tha iad a’ freagairt gu math ri cothroman a tha ag èirigh gun ullachadh gus ionnsachadh a neartachadh.

Feumaidh tidsearan taic nas fheàrr a thoirt seachad do na dòighean eadar-mheasgte sam bi clann is daoine òga air a bheil feum air mòran taic a bharrachd ag ionnsachadh. Gheibheadh iad buannachd bho thuilleadh ionnsachadh proifeiseanta is gnìomhachdan co-mheasaidh a’ cuimseachadh air clachan-mìle is tràth-mhatamataig. Bidh seo a’ cuideachadh gus tuigse choitcheann is cunbhalachd a leasachadh a thaobh aithris air adhartas chloinne is daoine òga.

Tha cuid de luchd-obrach ag aithris nach eil aca ach cothrom beag air ionnsachadh proifeiseanta a tha sònraichte dhan raon ann an àireamhachd is matamataig. Tha seo a’ cur bacadh air mar a bheir iad modhan-obrach ionnsachaidh is teagaisg am feabhas sna sgoiltean aca. Bheireadh e comas do luchd-obrach na modhan-obrach a chumhachdachadh aca is coinneachadh nas fheàrr ri feumalachdan eadar-mheasgte an luchd-ionnsachaidh aca le bhith a’ cur nan cothroman seo am meud.

Bidh luchd-obrach a’ cleachdadh bheachdan-sùla air ionnsachadh gu h-èifeachdach gus taic a chumail ri adhartas chloinne is dhaoine òga ann an àireamhachd is matamataig. Tha cuid de thidsearan a’ cleachdadh phròifilean gu soirbheachail, a’ gabhail a-steach dealbhan, gus ionnsachadh chloinne is daoine òga a ghlacadh. Tha seo a’ cuideachadh gus tuigse nas soilleire air adhartas chloinne is daoine òga a thoirt seachad is tha e a’ cumail taic ri gnìomhachdan co-mheasaidh. Gus seo a mheudachadh tuilleadh, feumaidh tidsearan an tuigse a dhoimhneachadh air slatan-tomhais nàiseanta ann an àireamhachd is matamataig. Tha iad ag innse dhuinn gun cuireadh iad fàilte air barrachd chothroman a bhith ag obair is a’ co-mheasadh còmhla ri co-obraichean ann an sgoiltean sònraichte a tha ag obair le clann is daoine òga le feumalachdan taic a bharrachd a tha co-chosmhail. Dh’fhaodadh seo a chuideachadh ri cunbhalachd a dhèanamh a thaobh dùilean is modhan-obrach teagaisg gus taic nas fheàrr a chumail ri clann is daoine òga, gu h-àraid iadsan le feumalachdan taic a bharrachd iom-fhillteach.

Tha luchd-obrach ag aithris gu bheil meudan chlasaichean air a dhol an àird, a bharrachd air an àireamh de chlann is daoine òga le feumalachdan taice a bharrachd nas iom-fhilltiche. Tha dùbhlain leantainneach a thaobh luchd-obrach fhastadh taobh a-staigh an raoin feumalachdan taice a bharrachd cuideachd a’ toirt buaidh air an cuid comais a bhith a’ coinneachadh ris na feumalachdan sin gu h-iomlan.

Com-pàirteachadh chloinne is daoine òga ann am matamataig

Ann an sgoil-àraich, bun-sgoil is àrd-sgoil, bidh clann is daoine òga a’ dol an sàs gu deònach ann a bhith ag ionnsachadh matamataig tro mheadhan na Gàidhlig. Tha luchd-cleachdaidh is tidsearan eòlach air àrainneachd ionnsachaidh bhrosnachail a chruthachadh ’s a thoirt seachad. Bidh iad ag àrachadh dhàimhean taiceil, làidir le clann is daoine òga is gan stiùireadh gus an aon rud a dhèanamh leis an comhaoisean rè ghnìomhachdan càraid is buidhne. Nuair a tha seo ri fhaighinn, bidh luchd-obrach taiceil aig a bheil Gàidhlig ag obair gu math còmhla ri luchd-cleachdaidh is tidsearan. Bidh iad a’ modaileadh briathrachas neo-mhearachdach, a’ cleachdadh aithris, is a’ cumail taic ri clann a dhol an sàs leis an ionnsachadh aca. Mar thoradh air seo, tha clann is daoine òga a’ faireachdainn misneachdail ann a bhith a’ leasachadh nan sgilean is briathrachas matamataigeach aca tron Ghàidhlig. Sa bhun-sgoil, bha tòrr chloinne ag iarraidh gum biodh leasanan nas dùbhlanaiche gus an ùidh is dealasachd airson matamataig a ghlèidheadh.

Tha luchd-obrach air fad a’ dèanamh cinnteach gu bheil pròifil àrd aig briathrachas matamataigeach Gàidhlig ann an seòmraichean-cluiche sgoil-àraich is seòmraichean-teagaisg bun-sgoile. Bidh iad a’ cleachdadh stuthan-lèirsinneach, soidhneachadh is nithean fiosaigeach ruigsinneach (innealan àireamhachd) gus ùidh chloinne a bhrosnachadh is taic a chumail ris an ionnsachadh aca. Bidh luchd-cleachdaidh is tidsearan a’ toirt seachad dòighean glacmhor airson clann a bhith a’ cluinntinn, ag ionnsachadh ’s a’ cleachdadh na Gàidhlig ann am matamataig. Bidh sgeulachdan, òrain is gnàthasan a’ daingneachadh briathrachas matamataigeach Gàidhlig ceart. San àrd-sgoil, bidh daoine òga ag obair gu cruaidh gus coinneachadh ri dùilean àrda thidsearan, gu tric a’ gabhail pàirt ann an dùbhlain nàiseanta RA airson matamataig tro mheadhan na Beurla. Ann an seòmraichean-teagaisg matamataig san àrd-sgoil, bidh grunn tidsearan a’ cur briathrachas speisealta sa Ghàidhlig ri ballachan ionnsachaidh. Tha seo a’ cur com-pàirteachadh dhaoine òga ann am meud. Ach, tha tuilleadh phostairean matamataig sa Bheurla. Bidh àrdachadh briathrachas matamataigeach sa Ghàidhlig a’ cuideachadh dhaoine òga barrachd ann a bhith a’ daingneachadh na tuigse aca is an cleachdadh de bhriathran speisealta.

Bidh cha mhòr a h-uile neach-cleachdaidh is tidsear a’ nochdadh tuigse phroifeiseanta is dhomhainn air prionnsapalan làn-bhogaidh. Tha iad a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha a’ phàirt aca ann a bhith a’ togail sgilean Gàidhlig chloinne gus comas a thoirt dhaibh an smaoineachadh ann am matamataig a rannsachadh is a mhìneachadh. Sa bhun-sgoil, bidh tidsearan a’ modaileadh ’s a’ togail còmhraidhean-chlas le bhith a’ cleachdadh briathrachas matamataigeach Gàidhlig a tha neo-mhearachdach. Tha iad a’ toirt chothroman bitheanta do chlann na ro-innleachdan is reusanachadh aca a roinn. Tha taisbeanaidhean balla sa chlas, gnìomhachdan clas, is obair-dachaigh glè chuideachail do chlann. Dh’fhaodadh tidsearan taic a bharrachd a thoirt do chlann le bhith a’ toirt barrachd ro-innleachdan a-steach a bhios a’ togail ’s a’ clàradh a’ bhriathrachais mhatamataig aca.

Càileachd ionnsachaidh is teagaisg ann am matamataig

Ann an làn-bhogadh àrd-èifeachdach, bidh luchd-cleachdaidh is tidsearan a’ cruthachadh eòlasan fìor is buntainneach ann an Gàidhlig a bhios a’ toirt comas do chlann an sgilean àireamhachd is matamataigeach a chleachdadh, a leudachadh is a chur an gnìomh. Tha a’ mhòr-chuid de sgoiltean ag obair glè mhath le gnothachasan, buidhnean is com-pàirtichean Gàidhlig. Tha seo a’ toirt seachad cothroman brìoghmhor, cunbhalach do chlann a bhith a’ cleachdadh nan sgilean aca. Mar eisimpleir, bidh clann a’ cleachdadh lùthmhorachd inntinn nuair a tha iad a’ ruith tachartas cafaidh aca fhèin no a’ leasachadh eòlas air ionmhais nuair a tha iad ag obair le bùthan na coimhearsnachd ionadail. Bu choir do thidsearan san àrd-sgoil co-theacsaichean Gàidhlig in-fhilleadh, leithid eaconomachd eilein, gus daoine òga a chuideachadh ceanglaichean fhaicinn eadar ionnsachadh sa chlas agus am beathannan.

Bu chòir fuasgladh cheistean is dùbhlain fhosgailte sa Ghàidhlig a bhith ann nas trice air feadh a’ churraicealaim matamataig do chlann is dhaoine òga air fad. San àrd-sgoil, bidh tòrr dhaoine òga a’ cur an smaoineachadh matamataig an cèill gu soilleir sa Ghàidhlig, a’ toirt seachad mìneachaidhean is reusanachadh mionaideach. Bu thoigh leotha barrachd chothroman a bhith aca ag obair ann am buidhnean is ann an dithisean gus bruidhinn air matamataig. Bu chòir do thidsearan togail air seo le bhith a’ toirt seachad barrachd ghnìomhachdan fuasgladh cheistean co-obrachail is obraichean matamataigeach neo-ghnàthach sa Ghàidhlig.

Ann an sgoil-àraich, bidh luchd-cleachdaidh a’ leasachadh eòlas is sgilean àireamhachd is matamataig chloinne tro bhrosnachadh beachdaichte is eòlasan planaichte sa Ghàidhlig, gu h-àraid am broinn na h-àrainneachd a-staigh. Ann an grunn ionadan, dh’fhaodar cothroman ionnsachaidh air a’ bhlàr a-muigh a thoirt am feabhas gus raon nas fharsainge de chothroman glacmhor a thoirt seachad, a bheir taic do dh’ionnsachadh matamataig chloinne òga tron Ghàidhlig.

Sna tràth-ìrean de làn-bhogadh, bidh mòran thidsearan a’ co-mheasgachadh cluiche a thòiseachas a’ chlann is eòlasan-luirg a-staigh do leasanan matamataig. Rè nan eòlasan seo, tha e cudromach gum bi inbhich a’ conaltradh gu cunbhalach le clann, a’ toirt seachad aithris is a’ faighneachd cheistean gus briathrachas matamataigeach Gàidhlig neo-mhearachdach a mhodaileadh is a leudachadh. Ann an grunn ionadan, ge-tà, cha robh inbhich a’ toirt sùil air clann gu cunbhalach gus briseadh a-staigh gu h-èifeachdach le ceistean, cùisean-brosnachaidh is aithris sa Ghàidhlig. Dh’adhbharaich an cion-conaltraidh seo eadar-sgaoileadh san eòlas làn-bhogaidh, ag adhbharachadh chothroman caillte gus eòlas matamataigeach chloinne a leasachadh.

San sgoil-àraich, tha bacadh air cleachdadh teicneòlasan didseatach ri linn cion stòrasan Gàidhlig freagarrach a bheir taic do sgilean matamataig tràtha. Mar iomsgaradh, sa bhun-sgoil, bidh tidsearan a’ cleachdadh teicneòlasan didseatach gu h-èifeachdach gus ùidh chloinne a ghlacadh, com-pàirteachas a ghlèidheadh is ro-ionnsachadh ath-neartachadh. Tha eisimpleirean de dh’àrd-chàileachd a’ gabhail a-steach clann a’ roinn na h-obrach aca gu didseatach ’s a’ mìneachadh nan ro-innleachdan a chleachd iad airson obrachaidhean a-mach le bhith a’ cleachdadh briathrachas matmataigeach Gàidhlig neo-mhearachdach. Bidh luchd-obrach cuideachd a’ cur teicneòlasan didseatach is susbaint Ghàidhlig gu feum air leth èifeachdach gus taic a chumail ri ìrean àrda de chom-pàirteachas phàrantan le ionnsachadh matamataig chloinne. Tha seo a’ toirt deagh bhuaidh air misneachd is adhartas chloinne.

San àrd-sgoil, bidh daoine òga a’ cleachdadh aplacaidean is prògraman didseatach gus cothrom fhaighinn gu neo-eisimeileach air susbaint cùrsa matamataig is obair-dachaigh . Tha seo a’ toirt taic dhan ath-sgrùdadh aca is a’ daingneachadh an ionnsachaidh aca. Ach, air sgàth ’s gu bheil na stòrasan seo sa Bheurla, bidh iad a’ lùghdachadh eòlasan dhaoine òga air matamataig ionnsachadh tron Ghàidhlig. Mar an ceudna, ann an cuid de chlasaichean bun-sgoile, bidh clann a’ cosg ùine mhòr air geamannan àireamhachd air-loidhne sa Bheurla gus lùthmhorachd inntinn a chleachdadh. Cha bhi iad tric a’ toirt ìrean dùbhlain iomchaidh is cha bhi iad a’ cumail taic ri leasachadh briathrachas matamataigeach siùbhlach sa Ghàidhlig. Bidh tidsearan a’ comharrachadh na ruigsinneachd chuingealaichte de stòrasan didseatach is teicneòlas taice ann an Gàidhlig gus luchd-ionnsachaidh a chuideachadh dha bheil taic a bharrachd a dhìth.

Thar raon na Gàidhlig, bidh a’ mhòr-chuid de luchd-obrach a’ planadh leasanan matamataig gu h-èifeachdach le bhith a’ cleachdadh stiùireadh sgoile, ionadail is nàiseanta, còmhla ri slatan-tòmhais nàiseanta. Tha cha mhòr a h-uile sgoil air meòrachadh air ‘Comhairle air Foghlam Gàidhlig’[1] gus na frèaman-obrach, modhan-obrach is structaran leasain matamataig fhiosrachadh. Ach, feumaidh cuid bheag de sgoiltean am planadh is solarachadh a thoirt am feabhas do chlann is daoine òga aig a bheil duilgheadasan ann am matamataig. Bu chòir do luchd-obrach beachdachadh air mar a bheir iad eadar-theachdan amasaichte, gu h-àraid rè ìre an làn-bhogaidh, gus taic nas fheàrr a thoirt do thuigse is sgilean chloinne ann an matamataig tron Ghàidhlig.

Tha tòrr luchd-cleachdaidh is tidsearan ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig a’ dealbhadh is a’ cleachdadh cheasnachadh èifeachdach sna leasanan aca, gu h-àraidh a dh’ionnsaigh deireadh na ciad ìre CfE. Bidh tidsearan a’ faighneachd cheistean gu sgileil nuair a tha iad a’ coimhead air tuigse is a’ toirt taic fa leth. Bidh luchd-obrach air an deagh thrèanadh a’ leasachadh sgilean smaoineachaidh nas àirde chloinne is dhaoine òga, leithid mion-sgrùdadh is luachadh, ’s iad cuideachd a’ togail am fileantachd ann a bhith a’ cleachdadh briathrachas matamataigeach speisealta sa Ghàidhlig.

Bidh tidsearan tric a’ còmhradh ri clann is daoine òga sa Ghàidhlig mun ionnsachadh is adhartas aca ann an matamataig. Rè leasanan, bidh luchd-obrach a’ toirt fios air ais labhairteach a tha brosnachail agus, sa bhun-sgoil, bidh tidsearan a’ sgrìobhadh fios air ais air obair chloinne. Sna h-eisimpleirean as làidire, tha fios air ais sgrìobhte a’ comharrachadh neartan cloinne is a’ toirt seachad ath-cheumannan soilleir airson leasachadh. Bu chòir do thidsearan a-nis a bhith a’ toirt barrachd taic do chlann gus bruidhinn air na targaidean is adhartas fa leth aca ann am matamataig. San àrd-sgoil, tha daoine òga soilleir mun ìre air a bheil iad ag obair is na h-ath-cheumannan aca ann an ionnsachadh. Ann an ÀS1 gu ÀS3, chuireadh daoine òga luach air tuilleadh fios air ais gus an cuideachadh ann a bhith a’ toirt an cuid obrach am feabhas.

Barrachd is barrachd, tha luchd-cleachdaidh, luchd-obrach taice is tidsearan a’ gabhail pàirt ann an ionnsachadh proifeiseanta a tha a’ cuimseachadh air matamataig. Tha tidsearan ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ faighinn cothrom air leasachadh de dh’àrd-chàileachd ann am matamataig. Ach, chuir iad an cèill nach eil susbaint trèanaidh air a lìbhrigeadh sa Bheurla, ged a tha còmhraidhean luchd-obrach sa Ghàidhlig, a’ fòghnadh airson dèiligeadh ri, agus a thoirt air adhart, cleachdadh matamataig Gàidhlig a tha sònraichte dhan raon. Gu deimhinneach, tha tòrr luchd-obrach taice air ionnsachadh proifeiseanta fhaighinn ann an Gàidhlig, a tha gan cuideachadh taic a chumail ri clann ann am matamataig.

Tha tidsearan a’ dol an sàs gu math ann an gnìomhachdan co-mheasaidh na sgoile gus slatan-tòmhais is dùilean nàiseanta matamataig a roinn. Tha seo gan cuideachadh breithneachaidhean proifeiseanta is misneachdail a dhèanamh mu bhuileachadh ìre CfE le clann is daoine òga. Gus an obair seo a neartachadh tuilleadh, bu chòir gum bi cothroman cunbhalach aig tidsearan a dhol an sàs ann am pròiseasan co-mheasaidh le co-obraichean bho sgoiltean eile a tha a’ toirt Foghlam Meadhan Gàidhlig.

---------------------------------------------------------------------------------------------------

[1] Comhairle air Foghlam Gàidhlig | Goireasan | Foghlam Alba