5.2 A’ treòrachadh dhaoine agus a’ leasachadh chom-pàirteachasan
Cuspairean:
- Ceannardas aig a h-uile ìre
- A’ togail agus a’ cumail feachd-obrach làidir
- Co-chinneasachadh agus com-pàirteachasan
Sgead-dhealbh ìre 5:
Ceannardas aig a h-uile ìre
Tha cultar cumhachdachaidh againn a tha a’ toirt taic don h-uile neach-obrach agus saor-thoileach gus an comas ceannardais a leasachadh agus ìrean iomchaidh de dh’uallach a ghabhail os làimh anns na raointean-obrach aca. Thathar a’ cur earbsa ann an luchd-obrach agus thathar a’ toirt taic dhaibh gu h-èifeachdach gus dreuchdan ceannardais a ghabhail os làimh. Tha cothroman planaichte, eagarach agus èifeachdach ann airson luchd-obrach agus saor-thoilich aig a h-uile ìre sgilean ceannardais a leasachadh. Tha na cothroman seo a’ togail an cuid eòlais, sgilean agus misneach a bhith a’ gabhail os làimh uallaichean ùra. Tha seo a’ meudachadh comas cha mhòr a h-uile neach-obrach is saor-thoileach a bhith innleachdach, a bhith cruthachail agus a bhith a’ leasachadh bhuilean. Tha an t-ealantas agus eòlas aca, a thathar gan leasachadh, a’ toirt buaidh air an dòigh sa bheil an cleachdadh aca ga lìbhrigeadh.
A’ togail agus a’ cumail feachd-obrach làidir
Tha ceannardan gu cunbhalach a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do chàch a bhith a’ lìbhrigeadh deagh chothroman ionnsachaidh is leasachaidh. Tha luchd-obrach agus saor-thoilich dealasach, misneachail agus cha mhòr daonnan a’ faireachdainn gu bheilear a’ cur meas orra. Tha planadh airson co-arbas a’ cuideachadh gus am feachd-obrach againn a chumail agus a neartachadh. Tha sinn a’ cur air adhart cultar ionnsachaidh taobh a-staigh na buidhne againn. Tha cha mhòr a h-uile neach-obrach agus saor-thoileach a’ gabhail pàirt gu cunbhalach ann an gnìomhachdan leasachaidh de dh’àrd-chàileachd, a bhios gach cuid a’ toirt taic don chleachdadh CLD aca agus ga leasachadh agus a bhios gan cuideachadh gus inbhean proifeiseanta a choileanadh. Mar thoradh air sin, tha cha mhòr a h-uile neach-obrach agus saor-thoileach a’ dearbhadh inbhe àrd de chleachdadh. Tha sinn ag obair gu co-obrachail ann an dòigh mhath gus an t-ionnsachadh againn fhìn agus an t-ionnsachadh aig càch àrdachadh. Tha luchd-cleachdaidh CLD a’ toirt taic do chom-pàirteachasan, luchd-obrach agus saor-thoilich bho raointean eile gus modhannan CLD a thuigsinn agus a chleachdadh. Tha seo a’ neartachadh a’ chomais againn gus feachd-obrach làidir a chumail.
Co-chinneasachadh agus com-pàirteachasan
Tha ceannardan for-ghnìomhach ann a bhith a’ leasachadh, a’ cur air adhart agus a’ cumail suas obair ann an com-pàirteachas agus obair cho-obrachail. Tha seo a’ gabhail a-steach co-chinneasachadh gus builean co-phàirtichte a leasachadh. Tha na structaran planaidh agus lìbhrigidh againn a’ toirt taic do luchd-obrach is saor-thoilich gu bhith ag obair gu h-èifeachdach tarsainn chom-pàirteachasan gus atharrachadh deimhinneach a lìbhrigeadh. Tha e follaiseach gu bheil meas agus earbsa aig luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt aig a h-uile ìre air càch a chèile. Tha sinn a’ tuigsinn agus a’ luachadh nan dreuchd is cur a-steach a tha aig càch a chèile. Barrachd is barrachd, tha buill na coimhearsnachd, a’ gabhail a-steach clann agus daoine òga, a’ gabhail pàirt mar luchd-pàirt co-ionann agus tha iad a’ faireachdainn gu bheil iad air an gabhail a-steach ann an co-dhùnaidhean. Tha seo a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil na prìomhachasan airson planadh coimhearsnachd agus cumhachdachadh choimhearsnachdan a’ coileanadh feumalachdan luchd-ionnsachaidh agus choimhearsnachdan.
Ceistean dùbhlain:
- Gu dè ìre a tha luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt air an cumhachdachadh gus dreuchdan ceannardais iomchaidh a ghabhail os làimh?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ leasachadh comasan ceannardais luchd-obrach agus shaor-thoileach aig a h-uile ìre?
- Dè cho soirbheachail ’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-obrach agus saor-thoilich a bhith ùr-ghnàthach, cruthachail agus a’ toirt riosgan, a tha fiosraichte is stiùirichte, air chor ’s gum bithear a’ dèiligeadh ri feumalachdan atharrachail no ris nach robh dùil?
- Ciamar a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach, saor-thoilich agus prìomh luchd-pàirt fòcasaichte air buaidhean is builean nas fheàrr a dhleasadh? Dè thathar air stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach agus saor-thoilich soilleir mu dheidhinn loidhnichean cunntachalachd?
- Dè cho èifeachdail ’s a tha sinn a’ cur air adhart cultar ionnsachaidh? Dè cho math ’s a tha sinn a’ comasachadh luchd-pàirt, luchd-obrach agus saor-thoilich gus cothrom a ghabhail gu cunbhalach air cothroman leasachaidh iomchaidh a bhios a’ toirt taic do chleachdadh?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ cleachdadh “Growing the Learning Culture in CLD”, còd nam beus airson CLD, na comasachdan CLD agus ballrachd de Chomhairle Inbhean CLD gus taic a thoirt do dh’inbhean àrda am measg an luchd-chleachdaidh CLD againn?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-pàirt agus luchd-cleachdaidh bho raointean eile gus modhannan CLD a chleachdadh taobh a-staigh an cuid obrach?
- Dè cho for-ghnìomhach ’s a tha ceannardan, luchd-obach agus saor-thoilich aig a h-uile ìre ann a bhith a’ leasachadh, a’ cur air adhart agus a’ cumail suas obair ann an com-pàirteachas, agus co-chinneasachadh, gach cuid air an taobh a-staigh agus le luchd-pàirt?
- Ciamar a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil dàimhean le luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt stèidhte air earbsa agus meas air càch a chèile.
- Dè cho math ’s a thathar a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan a bhith an sàs ann an toirt cumadh do leasachadh cleachdaidh agus toirt buaidh air co-dhùnaidhean air solar CLD? Dè an diofar a tha seo a’ dèanamh?