5.3 Riaghlachas airson bhòrd, chomataidhean stiùiridh, urrasairean

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Leadership and Direction tile highlightCuspairean:

  • Co-dhèanamh agus dreuchd
  • Ceannardas
  • A’ cumail sùil air gnothaichean agus leasachadh

Sgead-dhealbh ìre 5:

Co-dhèanamh agus dreuchd

Tha na ceannardan saor-thoileach againn a’ gabhail a-steach riochdairean bhon choimhearsnachd dom bi sinn a’ toirt taic. Tha iad a’ toirt leotha raon de fhèin-fhiosrachaidhean, agus tha iad a’ riochdachadh feadhainn a tha bho dhiofar chùl-raointean agus buidhnean-aoise. Tha sinn a’ sireadh cheannardan saor-thoileach aig a bheil seata de sgilean sònraichte agus eòlas a bhios comasach air dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann air a stiùireadh gu math agus air a treòrachadh gu h-èifeachdach. Tha ceannardan saor-thoileach soilleir mu dheidhinn nan dreuchdan is dleastanasan aca. Tha iad ag obair gu h-èifeachdach le luchd-pàirt, luchd-obrach agus saor-thoilich fhad ’s a tha iad ag aithneachadh agus a’ measadh nan dreuchdan diofaraichte a tha aig gach aon. Tha iad a’ faighinn taic, stiùireadh agus trèanadh iomchaidh gus an comasachadh a bhith a’ coileanadh nan dreuchdan aca gu math. Thathar air siostaman leasaichte a stèidheachadh gus planadh co-arbas ceannardais a shocrachadh.

Ceannardas

Tha ceannardas na buidhne againn làidir agus èifeachdach, agus tha lèirsinn agus seòladh aca a tha soilleir agus co-phàirtichte. Tha ar lèirsinn, luachan is cuimsean air an deagh thuigsinn agus a’ faighinn taic bho cheannardan saor-thoileach. Tha ceannardan saor-thoileach a’ dearbhadh sgilean riaghlachais làidir agus tha iad a’ brosnachadh dhaoine eile taobh a-staigh na buidhne. Tha conaltradh eadar ceannardan saor-thoileach agus luchd-ùidhe fosgailte, trìd-shoilleir agus èifeachdach. Tha ceannardan saor-thoileach an geall air taic a thoirt do chomas na buidhne a bhith a’ faighinn bhuilean nas fheàrr. Tha iad a’ dèanamh cinnteach gu bheilear air ullachaidhean airson aithriseadh is riaghlachas, a tha iomchaidh do dh’obair na buidhne, a stèidheachadh agus gu bheil sùil ga cumail orra.

A’ cumail sùil air gnothaichean agus leasachadh

Tha ceannardan saor-thoileach a’ faighinn aithrisean cunbhalach, buntainneach agus de dh’àrd-chàileachd gus an cuideachadh a bhith a’ riaghladh adhartas is coileanadh na buidhne. Tha seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh ionmhasail is laghail a tha buntainneach. Tha ceannardan saor-thoileach mothachail air, agus a’ gèilleadh ri, na h-uallaichean orra a thaobh reachdas, riaghailtean agus còdan obrachaidh. Tha ceannardan saor-thoileach a’ coimhead air adhart agus tha iad a’ beachdachadh gu cunbhalach air na dùbhlain, cothroman agus cunnartan ceangailte a dh’fhaodadh tighinn. Tha iad ag obair gu h-èifeachdach le luchd-obrach agus saor-thoilich àrd-rangach gus cunnartan a chomharrachadh agus rianachd fhaighinn orra. Tha luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-ùidhe eile soilleir mu dheidhinn na dreuchd cudromaich a tha aig buill a’ bhùird, buill na comataidh stiùiridh no urrasairean a thaobh dearbhadh càileachd. Tha tuigse shoilleir aig ceannardan saor-thoileach air neartan is dùbhlain na buidhne.

Ceistean dùbhlain:

  1. 1. Mar cheannardan saor-thoileach (buill bùird no buill comataidh stiùiridh no urrasairean), dè cho math ’s a tha sinn a’ riochdachadh na coimhearsnachd is luchd-ùidhe ris am bi a’ bhuidheann a’ frithealadh?
  2. Dè an ìre de dh’iomadachd a tha againn? A bheil sinn a’ riochdachadh roinn-tarsainn iomchaidh den choimhearsnachd?
  3. A bheil am measgachadh ceart againn de sgilean, eòlas agus ealantas gus deagh riaghlachas a shocrachadh?
  4. A bheil sinn ag ionnsachadh bhon chleachdadh a tha aig bùird ann an àitichean eile, agus a bheil sinn a’ co-phàirteachadh ar cleachdaidh ri càch?
  5. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil guthan luchd-ùidhe air an cluinntinn?
  6. Dè cho math ’s a tha sinn ag obair le luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt gus planadh co-arbais a shocrachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil am bòrd/a’ chomataidh agus a’ bhuidheann so-sheasmhach?
  7. A bheil dreuchdan soilleir aig ceannardan saor-thoileach a tha air leth bho dhreuchd luchd-obrach agus shaor-thoileach? Ciamar a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil na dreuchdan seo air an co-thuigsinn agus air an co-mheasadh?
  8. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt riaghlachas iomchaidh, no ceannardas far a bheil sin buntainneach, gus taic a thoirt do lèirsinn, luachan agus cuimsean na buidhne?
  9. Dè cho soirbheachail ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann againn a’ coileanadh a dleastanasan a thaobh reachdas, riaghailtean, poileasaidhean, stiùireadh agus còdan obrachaidh?
  10. Dè cho math ’s a tha ceannardan a’ toirt seachad an fhiosrachaidh ionmhasail, laghail agus eile a tha a dhìth bho luchd-obrach agus/no saor-thoilich?
  11. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do chomas na buidhne gus atharrachadh a ro-aithneachadh agus plana a dhèanamh air a shon agus gus cunnartan a mhaothachadh?
  12. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-pàirt, luchd-obrach agus saor-thoilich a bhith cruthachail, ùr-ghnàthach agus a’ toirt riosgan fiosraichte is stiùirichte?
  13. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do chomas na buidhne gus a’ bhuaidh aice a leasachadh?