6.1 Ag àrdachadh inbhean
Cuspairean:
- Riaghlachas
- Reachdas agus poileasaidhean
- A’ coileanadh inbhean agus rianachd chunnairt
Sgead-dhealbh ìre 5:
Riaghlachas
Tha ceannardas CLD aig a h-uile ìre làidir agus èifeachdach, le dìcheall soilleir agus lèirsinn airson leasachadh. Tha ceannardan a’ nochdadh riaghlachas làidir agus èifeachdach, a tha fiosraichte le aithriseadh cunbhalach de dh’àrd-chàileachd. Tha seo a’ comasachadh cheannardan air a bheil uallach airson CLD a bhith a’ dearbhadh buaidh agus adhartas a dh’ionnsaigh coileanadh nan dleastanasan ann an riaghailtean CLD. Tha tuigse làidir aig luchd-ùidhe, a’ gabhail a-steach luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt, air prìomhachasan agus planaichean CLD. Tha cur a-steach luachmhor aca a tha a’ toirt buaidh air prìomhachasan, agus bidh iad ri co-chinneasachadh ann a bhith gan toirt-san air adhart. Tha buill coimhearsnachd a’ gabhail com-pàirt ghnìomhach ann am planadh CLD agus ann am pròiseasan co-dhùnaidh. Mar cheannardan, tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ seachnadh dùblachadh oidhirpean agus gu bheil stòrasan co-phàirtichte gan targaideachadh gu math gus feumalachdan prìomhachais a choileanadh.
Reachdas agus poileasaidhean
Tha ceannardan aig a h-uile ìre a’ planadh gu math airson atharrachaidhean do reachdas, poileasaidhean agus stiùireadh. Tha na poileasaidhean agus modhan-obrach againn soilleir, freagarrach agus ath-ùraichte. Tha ceannardan a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile neach-obrach, saor-thoileach agus neach-pàirt a’ gèilleadh ri an dleastanasan agus uallaichean a thaobh reachdas, riaghailtean, ro-innleachdan, poileasaidhean, stiùireadh, inbhean agus còdan obrachaidh. Tha sinn a’ freagairt gu luath ri, agus a’ freagarrachadh a’ chleachdaidh againn a rèir, leasachaidhean ùra ann an reachdas, poileasaidhean, ro-innleachdan agus atharrachaidhean a bhios a’ toirt buaidh air cleachdadh proifeiseanta. Tha a h-uile neach-pàirt, neach-obrach agus saor-thoileach a’ gabhail pàirt gu gnìomhach agus gu cunbhalach ann an cothroman trèanaidh agus leasachaidh gus taic a thoirt do seo. Tha sinn tèarainte agus misneachail ann a bhith a’ freagairt ri cùisean dìon agus iomgainean dìon cloinne. Tha an clàradh againn daonnan iomchaidh, làithreach, làidir agus tèarainte.
A’ coileanadh inbhean sheirbheisean agus rianachd chunnairt
Tha ceannardan aig a h-uile ìre ag obair gu h-èifeachdach le luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt gus inbhean sheirbheisean a chur an cèill agus àrdachadh agus gus rianachd agus maothachadh cunnairt a choileanadh. Tha na ro-innleachdan conaltraidh againn fosgailte, trìd-shoilleir agus èifeachdach. Tha sinn a’ dèanamh anailis làidir, gu cunbhalach agus ann an dòigh eagarach, air faisneis, a’ gabhail a-steach fiosrachadh sluagh-thomhais agus dàta coileanaidh. Tha seo gar cuideachadh a bhith a’ tuigsinn dè cho math ’s a tha sinn a’ coileanadh inbhean agus tha e a’ toirt buaidh air mar a bhios sinn a’ comharrachadh cunnairt agus a’ freagairt ris. Tha sinn air modhan-obrach làidir a stèidheachadh gus cunnartan ionmhasail agus cunnartan ceangailte ri stòrasan eile a stiùireadh agus a thoirt gu fìor-lùghad, a’ gabhail a-steach atharrachaidhean luchd-obrach. Tha na pròiseasan seo a’ dèanamh cinnteach gur urrainn dhuinn inbhean a chumail suas agus freagairt san dòigh as fheàrr ri feumalachdan atharrachail. Tha an cleachdadh againn fiosraichte agus air a riaghladh le comasachdan, beusan agus inbhean CLD a tha air an deagh thuigsinn.
Ceistean dùbhlain:
- Ciamar a tha fios againn gu bheil an ceannardas againn aig a h-uile ìre làidir agus èifeachdach?
- Ciamar a tha fios againn gu bheil an riaghlachas CLD againn èifeachdach, èifeachdail agus làidir?
- Dè cho math ’s a tha na pròiseasan dearbhadh càileachd againn gus ar comasachadh a bhith a’ cumail sùil air agus ag aithris air adhartas?
- Dè cho math ’s a tha na pròiseasan dearbhadh càileachd againn a’ cuideachadh gus sìor-leasachadh a chomharrachadh agus plana a dhèanamh air a shon?
- Dè cho soilleir ’s a tha sinne agus luchd-ùidhe nas fharsainge, a’ gabhail a-steach luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt, mu dheidhinn an uallaich a tha oirnn a bhith a’ coileanadh nan dleastanasan ann an reachdas, riaghailtean, ro-innleachdan, planaichean agus còdan obrachaidh?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ coileanadh riaghailtean, ro-innleachdan, poileasaidhean agus stiùireadh CLD?
- Dè cho uidheamaichte ’s a tha sinn a bhith a’ freagairt ri poileasaidh no stiùireadh atharrachail? Dè cho math ’s a tha sinn a’ freagairt ri, agus a’ coileanadh, atharrachaidhean a tha ùr agus luath ann an comann sòisealta no ann an reachdas?
- Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ tuigsinn nan uallaichean a tha oirnn a thaobh clann, daoine òga agus inbhich so-leònta a dhìon?
- Ciamar a tha fios againn gu bheil sinn a’ coileanadh agus ag àrdachadh inbhean lìbhrigidh gus dèanamh cinnteach gum bi sinn a’ cumail oirnn a’ faighinn leasachadh?
- Dè cho soirbheachail ’s a thathar a’ comharrachadh agus a’ measadh chunnartan agus a’ cumail rianachd orra?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt fa-near cunnartan ann an atharrachaidhean a thathar a’ moladh mar fhreagairt ri ùr-ghnàthachaidhean sam bith a tha a’ toirt taic do leasachadh?
- Dè cho math ’s a tha luchd-ùidhe, a’ gabhail a-steach luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt, a’ cur ri comharrachadh agus suidheachadh phrìomhachasan agus a’ gabhail pàirt ann an co-chinneasachadh gus an toirt air adhart?