6.2 A’ dleasadh leasachaidhean

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Leadership and Direction tile highlightCuspairean:

  • Dearbhadh Càileachd
  • Sgilean fèin-luachaidh
  • Comas airson leasachadh

Sgead-dhealbh ìre 5:

Dearbhadh Càileachd

Tha ceannardan aig a h-uile ìre a’ cur an cèill inbhean is dùilean airson sheirbheisean a tha air an deagh thuigsinn agus a tha a’ brosnachadh piseach. Tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheilear air pròiseasan a stèidheachadh airson dearbhadh càileachd a tha soilleir agus èifeachdach, agus tha iad a’ cuideachadh gus neartan a chomharrachadh a bharrachd air raointean sam bith far a bheil leasachadh a dhìth. Tha na pròiseasan seo ag adhbharachadh bhuilean nas fheàrr airson luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan. Tha ceannardan aig a h-uile ìre a’ toirt taic do luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt gus pàirt a ghabhail gu cunbhalach ann an lèirmheas coileanaidh, fèin-luachadh agus meòrachadh. Tha ceannardan a’ cumail sùil gheur air adhartas, agus tha iad ag aithris air do luchd-ùidhe, mu choinneimh chuimsean, amasan, targaidean agus slatan-tomhais. Tha sinn a’ cleachdadh dàta agus fiosrachadh eile gu h-èifeachdach gus comharrachadh agus measadh a dhèanamh air, agus fhreagairt ri, feumalachdan a tha ag èirigh no a tha ag atharrachadh agus neo-ionannachdan leanaltach is siostamach.

Fèin-luachadh

Tha ceannardan aig a h-uile ìre a’ dèanamh cinnteach gu bheil fèin-luachadh air fhighe a-steach sa bhuidhinn agus tarsainn ghnìomhachdan uile. Tha e dian, ioma-chuimseach, eagarach agus trìd-shoilleir. Tha builean bho fhèin-luachadh a’ fiosrachadh, a’ cuideachadh agus a’ brosnachadh phrìomhachasan leasachaidh. Tha sinn ag obair gu math le luchd-ùidhe, a’ gabhail a-steach buidhnean coimhearsnachd, gus co-sgeamaichean fèin-luachaidh a ghabhail os làimh. Tha seo gar cuideachadh gus builean co-phàirtichte a thuigsinn agus a leasachadh. Tha sinn a’ brosnachadh cleachdadh mhodhannan CLD agus frèamaichean-obrach airson leasachadh càileachd gus taic a thoirt don phròiseas seo. Tha tuigse làidir againn air a’ bhuaidh a tha aig a’ chleachdadh againn a thaobh prìomhachasan ionadail, roinneil agus nàiseanta a choileanadh. Tha sinn a’ cleachdadh raon farsaing de dh’eisimpleirean de dheagh chleachdadh agus rannsachadh, a dh’fhaodadh tighinn bho cho-luchd-obrach no a bhith ionadail, roinneil no nàiseanta, gus meòrachadh a dhèanamh air a’ chleachdadh againn fhìn, agus a luachadh, fhiosrachadh agus a leasachadh.

Comas airson leasachadh

Tha am planadh airson leasachadh againn stèidhte air fianais, agus tha e àrd-amasach sna h-àrd-mhiannan aige. Tha na ceannardan againn a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn air poileasaidhean, pròiseasan agus siostaman a stèidheachadh a tha làidir agus so-sheasmhach, agus a tha air an ath-bhreithneachadh gu cunbhalach agus air an cur an gnìomh ann an dòigh a tha co-chrochach, gus piseach a chuideachadh agus a bhrosnachadh. Tha na ceannardan againn a’ dèanamh cinnteach gu bheil tuigse cho-phàirtichte aig luchd-obrach agus luchd-ùidhe eile air na h-àrd-amasan agus àrd-mhiannan seo agus mar a bhios iad a’ fiosrachadh an cuid cleachdaidh. Thathar a’ toirt taic do luchd-obrach aig a h-uile ìre agus gan comasachadh gus uallach a ghabhail airson atharrachadh a threòrachadh agus a chur an gnìomh. Mar thoradh air sin, tha sinn air comas meudaichte a leasachadh a thaobh freagairt ri agus freagarrachadh ri atharrachadh. Tha sinn air ro-innleachdan is pròiseasan èifeachdach a stèidheachadh a bhios a’ cumail sùil air, agus a’ luachadh na buaidh a thig bho, atharrachaidhean airson builean luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan.

Ceistean dùbhlain:

  1. Dè cho math ’s a tha ceannardan a’ cur an cèill agus a’ toirt seachad dùilean agus inbhean sheirbheisean a bhios a’ cuideachadh na buidhne gus piseach fhaighinn?
  2. Dè cho èifeachdach ’s a tha na siostaman is dòighean-obrach againn a thaobh planadh airson sìor-leasachadh?
  3. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-pàirt agus luchd-cleachdaidh bho raointean eile gus modhannan CLD agus frèamaichean-obrach leasachadh càileachd a chleachdadh taobh a-staigh an cuid obrach?
  4. Ciamar a tha fios againn gu bheil builean airson luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan a’ leasachadh mar thoradh air na pròiseasan dearbhadh càileachd againn?
  5. Dè cho math ’s a tha sinn a’ cleachdadh dàta agus fiosrachadh eile gus comharrachadh agus measadh a dhèanamh air, agus fhreagairt ri, feumalachdan a tha ag èirigh no a tha ag atharrachadh agus neo-ionannachdan leanaltach is siostamach.
  6. A bheil fèin-luachadh airson leasachadh air fhighe a-steach ann an cultar na buidhne againn?
  7. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-obrach agus saor-thoilich gus an dreuchd aca ann an dearbhadh càileachd a thuigsinn agus pàirt a ghabhail gu cunbhalach ann an cleachdadh làidir de fhèin-luachaidh?
  8. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn ag obair le luchd-pàirt gus fèin-luachadh co-phàirtichte a ghabhail os làimh a bhios a’ toirt taic do phlanadh agus ùr-ghnàthachadh agus air chor ’s gum bi sinn a’ comharrachadh agus ag aontachadh phrìomhachasan leasachaidh?
  9. Dè cho math ’s a tha sinn a’ cleachdadh rannsachadh agus co-phàirteachadh cleachdadh èifeachdach air chor ‘s gum faod sinn meòrachadh air a’ chleachadh agus coileanadh againn fhìn agus a bhith ga leasachadh?
  10. Ciamar a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil fòcas leanaltach ann air builean nas fheàrr airson luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan?
  11. Dè cho uidheamaichte ’s a tha na ceannardan againn gus beachdachadh agus aontachadh air a’ chomas leasachaidh aca?