1.1 Coileanadh mu choinneimh chuimsean is targaidean

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Performance and Outcomes tile highlightCuspairean:

  • Anailis agus cleachdadh dàta agus fiosrachaidh eile
  • A’ cumail sùil air adhartas
  • Buaidh air luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan

Sgead-dhealbh ìre 5:

Anailis agus cleachdadh dàta agus fiosrachaidh eile

Ann an dòigh eagarach, tha sinn a’ tional, ag anailiseachadh agus a’ cleachdadh dàta freagarrach agus fiosrachadh buntainneach eile glè mhath gus piseach a thoirt air seirbheisean agus buaidhean deimhinneach a dhearbhadh. Tha sinn a’ cleachdadh prìomh fhiosrachadh gu h-èifeachdach gus feuman làithreach agus feuman a tha ag èirigh a chomharrachadh agus gus prìomhachasan is targaidean a stèidheachadh agus ath-bhreithneachadh. Tha sinn ag obair glè mhath le luchd-pàirt gus prìomh dhàta agus fiosrachadh eile a cho-phàirteachadh gus stiùireadh agus taic a thoirt do leasachadh. Tha tuigse làidir, cho-phàirtichte againn air dè an dàta is fiosrachadh eile a dh’fheumas sinn agus ciamar a thionaileas sinn e agus a nì sinn anailis air, gus an tuigse as fheàrr fhaotainn air a’ choileanadh againn agus air mar a nì sinn measadh air feumalachd. Tha seo gar cuideachadh gus na stòrasan co-choitcheann againn a chuimseachadh gu h-èifeachdach gus dèanamh cinnteach gum faighear na builean as fheàrr arison luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan. Thathar a’ cleachdadh fiosrachadh càileachdail, leithid fios air ais bho luchd-pàirt, luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan, còmhla ri dàta uimhireil, gus piseach a thoirt air planadh, cumail sùil air gnothaichean agus aithriseadh air adhartas.

A’ cumail sùil air adhartas

Tha cuimsean is targaidean againn a tha soilleir, àrd-amasach agus a ghabhas coileanadh, agus tha iad fiosraichte le anailis agus cleachdadh fiosrachadh coileanaidh. Tha cha mhòr a h-uile neach-pàirt, neach-obrach agus saor-thoileach a’ tuigsinn nan cuimsean is targaidean againn agus tha iad dealasach gan coileanadh. Tha sinn ag obair glè mhath le luchd-pàirt gus aithriseadh agus lèirmheas a dhèanamh gu cunbhalach air fiosrachadh coileanaidh, a tha a’ taisbeanadh gu bheil sinn a’ coileanadh cha mhòr a h-uile fear de na targaidean àrd-amasach a chuir sinn romhainn. Tha sinn a’ comharrachadh solar a tha coimeasach don t-solar againn fhìn, agus ga chleachdadh gu cunbhalach mar shlat-tomhais, gus an coileanadh againn a thuigsinn nas fheàrr agus a leasachadh. Tha tuigse làidir, cho-phàirtichte againn air dè cho math ’s a tha sinn a’ coileanadh nan cuimsean is targaidean againn, agus a’ leasachadh treandaichean thairis air ùine. Tha sinn a’ cleachdadh faisneis cho-phàirtichte glè mhath gus a’ bhuaidh a thig bho CLD aithreiseadh ri luchd-ùidhe, a’ gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan. Tha sinn a’ cumail sùil gu h-èifeachdach air dè cho math ’s a tha sinn a’ dèiligeadh ri atharrachadh, a’ gabhail a-steach tachartasan ris nach robh fiughair. Tha na pròiseasan seo a’ cuideachadh gus neart a thoirt don chomas againn a bhith a’ freagarrachadh agus a’ freagairt ri feumalachdan atharrachail ann an deagh àm.

Buaidh air luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan

Tha am fiosrachadh coileanaidh againn a’ sealltainn gu bheil builean a’ fàs nas fheàrr airson cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh, buidheann is coimhearsnachd leis am bi sinn ag obair. Tha sinn a’ dèanamh lèirmheas, ann an dòigh eagarach, air faisneis mu dheidhinn na tha luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachd air choileanadh. Tha sinn a’ cleachdadh na faisneise seo gus stiùireadh a thoirt do phrìomhachasan agus airson ro-phlanadh gus taic a thoirt dhaibh. Tha sinn a’ cumail sùil air adhartas a h-uile neach-ionnsachaidh, agus ga chlàradh, agus tha sinn a’ cleachdadh an dàta seo gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh air chor ’s gum faod iad a bhith ag obair a dh’ionnsaigh nan ath cheumannan aca agus a bhith a’ comharrachadh na tha iad air choileanadh. Is urrainn dhuinn dearbhadh dè cho math ’s a tha an obair againn a’ togail ath-leumachd is comas coimhearsnachd agus a’ meudachadh calpa sòisealta. Tha faisneis làidir againn a tha a’ sealltainn gu bheil sinn èifeachdach ann a bhith a’ toirt taic do chumachdachadh choimhearsnachdan agus na guthan aca, agus a’ dèanamh agus a’ cumail suas atharrachaidhean deimhinneach thairis air ùine. Tha am fiosrachadh coileanaidh againn a’ dearbhadh gu bheil an obair againn a’ cur ri lùghdachadh a thoirt gu buil ann an neo-ionannachdan leantalach is siostamach a bhios a’ toirt buaidh air luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan.

Ceistean dùbhlain:

  1. Dè cho eagarach agus dè cho math ’s a tha sinn a’ cleachdadh dàta is fiosrachadh eile, a’ gabhail a-steach fios air ais bho luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan, rannsachadh agus aithisgean eile, gus feuman làithreach agus feuman a tha ag èirigh a chomharrachadh agus gus stiùireadh a thoirt don phlanadh airson leasachadh againn?
  2. Dè cho math ’s a tha sinn a’ comharrachadh agus a’ cleachdadh fiosrachadh freagarrach is buntainneach gus ar comasachadh a bhith a’ dèanamh anailis air a’ choileanadh againn agus sùil a chumail air an adhartas againn thairis air ùine?
  3. Dè cho math ’s a tha sinn ag obair le luchd-pàirt gus fiosrachadh coileanaidh co-phàirtichte a chomharrachadh agus a chur gu feum san dòigh as fheàrr a ghabhas dèanamh gus stiùireadh a thoirt do phlanadh airson leasachadh agus riarachadh stòrasan?
  4. Dè an ìre ’s gu bheil targaidean is cuimsean againn a tha fiosraichte, soilleir, àrd-amasach agus a ghabhas coileanadh?
  5. Dè cho math ’s a tha luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt a’ tuigsinn agus ag obair a dh’ionnsaigh coileanadh nan targaidean is cuimsean againn?
  6. Dè cho math ’s a tha sinn a’ cleachdadh shlatan-tomhais agus treandaichean thairis air ùine gus sùil a chumail air a’ bhuaidh a thig bho na cleachdaidhean agus planadh airson leasachadh againn?
  7. Dè cho math ’s a tha sinn ag aithris, a’ tional fios air ais agus a’ co-phàirteachadh anailis air a’ choileanadh againn le luchd-ùidhe?
  8. Dè cho math ’s a tha sinn a’ cleachdadh dàta gus stiùireadh a thoirt do, agus planadh a dhèanamh air, na h-ath-cheumannan airson luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan?
  9. Dè cho math ’s a tha sinn a’ coileanadh priomh phrìomhachasan airson ionnsachadh, leithid lùghdachadh na beàirn buileachaidh a tha ceangailte ri bochdainn?
  10. Dè cho math ’s a tha am fiosrachadh coileanaidh againn a’ dearbhadh gu bheil na coimhearsnachdan ris a bheil sinn a’ toirt taic a’ leasachadh, a’ dèanamh adhartas agus a’ comharrachadh fheumalachdan agus a’ cumail suas atharrachaidhean deimhinneach thairis air ùine?
  11. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn ann a bhith a’ cleachdadh fiosrachadh coileanaidh gus tuigsinn agus dearbhadh gu bheil an obair againn a’ cur ri lùghdachadh a thoirt gu buil ann an neo-ionannachdan leantalach is siostamach a bhios a’ toirt buaidh air luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan?
  12. San fharsaingeachd, dè cho math ’s is urrainn dhuinn dearbhadh dè a’ bhuaidh cho-choitcheann a thig bhon obair againn air luchd-ionnsachaidh, buidhnean, coimhearsnachdan agus an sgìre nas fharsainge?