1.2 Leasachaidhean ann an co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltachd

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Performance and Outcomes tile highlightCuspairean:

  • Cothrom agus in-ghabhaltachd
  • A’ lùghdachadh chnapan-starra agus neo-ionannachdan
  • Cothromachd, co-ionannachd agus iomadachd

Sgead-dhealbh ìre 5:

Cothrom agus in-ghabhaltachd

Tha ethos làidir de chothrom agus in-ghabhaltachd air fhighe a-steach ann an cultar na buidhne againn aig a h-uile ìre, agus tha seo air a chomharrachadh sa chleachdadh againn. Thathar a’ toirt spèis do luchd-pàirteachaidh is a’ dèiligeadh riutha gu cothromach, agus tha iadsan eòlach air na còirichean aca agus thathar a’ toirt meas dhaibh. Tha modhan-obrach againn a thaobh in-ghabhaltachd agus lùghdachadh neo-ionannachdan a tha làidir, soilleir is èifeachdach. Tha buidhnean coimhearsnachd dom bi sinn a’ toirt taic comasach air dearbhadh dè cho math ’s a tha iad a’ freagairt ri neo-ionannachdan agus gan lùghdachadh. Mar thoradh air sin, tha sinn a’ meudachadh nan cothroman-beatha airson cha mhòr a h-uile neach-phàirteachaidh, gu h-àraid an fheadhainn a tha fon ana-cothrom as motha. Tha sinn air siostaman èifeachdach a stèidheachadh gus sùil a chumail, agus measadh a dhèanamh, air na modhan-obrach againn a thaobh cothrom agus in-ghabhaltachd. Tha iad a’ dearbhadh gu bheil na cleachdaidhean againn cothromach agus ion-ghabhalta. Tha sinn gu cunbhalach a’ sireadh, agus a’ cur an gnìomh, fios air ais bho luchd-ùidhe, a’ gabhail a-steach bho bhuidhnean iomallaichte. Tha sinn ag ionnsachadh bho fhèin-fhiosrachaidhean luchd-pàirteachaidh gus piseach a thoirt air na modhan-obrach againn agus air a‘ bhuaidh againn.

A’ lùghdachadh chnapan-starra agus neo-ionannachdan

Tha sinn for-ghnìomhach ann a bhith a’ comharrachadh, agus a’ feuchainn ri a’ chùis a dhèanamh air, cnapan-starra gu com-pàirteachadh, ionnsachadh, coileanadh agus adhartas airson luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan. Is urrainn dhuinn dearbhadh dè cho math ’s a tha sinn a’ cur ri lùghdachadh neo-ionannachdan leanaltach is siostamach, a’ gabhail a-steach na droch bhuaidhean a thig bho bhochdainn. Thathar air cnapan-starra gu com-pàirteachadh a lùghdachadh gu ìre bhrìgheil a thaobh dhiofaran sòisealta, cultarach is eaconamach agus dhaibhsan aig a bheil feartan dìonta. Is urrainn dhuinn dearbhadh gu bheil an àireamh de luchd-pàirteachaidh bho bhuidhnean no coimhearsnachdan fo-riochdaichte a’ dol am meud. Tha sinn ag obair gu math le luchd-pàirt gus cnapan-starra a chomharrachadh, a’ gabhail a-steach cleachdadh Measaidhean Buaidh air Co-Ionannachd, agus tha sinn a’ toirt modh-obrach co-obrachail air in-ghabhaltachd. Tha sinn a’ solarachadh taic a bharrachd, a tha cuimsichte gu math, gus feumalachdan sònraichte agus feumalachdan dhaoine fa leth a choileanadh, le bhith a’ cleachdadh stòrasan co-phàirtichte gu math air chor ’s gum bi sinn a’ lùghdachadh chnapan-starra agus a’ dèiligeadh ri neo-ionannachdan.

Cothromachd, co-ionannachd agus iomadachd

Tha sinn gu cunbhalach a’ cur air adhart cultar cothromachd agus tha sinn a’ gèilleadh ri reachdas iomchaidh air co-ionannachdan. Tha sinn a’ tuigsinn, a’ luachadh agus a’ comharrachadh iomadachd shòisealta is chultarach. Tha sinn a’ feuchainn gu for-ghnìomhach ri dùbhlan a thoirt do chlaon-bhreith is cleachdaidhean leth-bhreitheach, gan lùghdachadh, agus a’ cur air adhart co-ionannachd chothroman. Tha an curraicealam againn a’ cuideachadh gus taic a thoirt do cho-ionannachd, agus tha e a’ brosnachadh dhàimhean matha. Tha a h-uile neach-obrach is saor-thoileach soilleir mu dheidhinn an cuid dhleastanasan a thaobh cothromachd, co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltachd, agus tha seo follaiseach ann an cleachdadh. Tha sinn for-ghnìomhach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil buidhnean is structaran co-dhùnaidh a’ gabhail a-steach riochdairean bho gach raon de na coimhearsnachdan ris am bi iad a’ frithealadh. Tha sinn a’ luachadh agus ag ionnsachadh bho na fèin-fhiosrachaidhean aca agus a’ cleachdadh seo gus dèanamh cinnteach gu bheil an obair againn a’ dèiligeadh ri cnapan-starra agus mì-chothrom. Mar thoradh air sin, is urrainn dhuinn dearbhadh gu bheil an solar againn a’ coileanadh feumalachdan an luchd-ionnsachaidh is nan coimhearsnachdan a tha sinn a’ cuideachadh.

Ceistean dùbhlain:

  1. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil an ethos làidir againn air cothrom agus in-ghabhaltachd air fhighe a-steach ann an cultar na buidhne aig a h-uile ìre?
  2. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ toirt spèis don h-uile neach-phàirteachaidh againn, gu bheilear a’ dèiligeadh riutha gu cothromach, gu bheil iadsan eòlach air na còirichean aca agus gu bheil sinne a’ cur luach orra?
  3. Dè cho soirbheachail ’s a tha sinn a’ toirt air falbh cnapan-starra gu cothrom is com-pàirteachadh agus a’ cumail sùil air na modhan-obrach againn gus dèanamh cinnteach gu bheil iad èifeachdach ann a bhith a’ lùghdachadh chnapan-starra gu com-pàirteachadh?
  4. Dè cho math ’s a bhios sinn ag èisteachd ri, ag ionnsachadh bho agus a’ leantainn air na fèin-fhiosrachaidhean de fhèin-aithne, agus a’ bhuaidh a tha aig sin, airson luchd-ionnsachaidh, coimhearsnachdan agus luchd-ùidhe eile gus stiùireadh a thoirt do na dòighean-obrach againn?
  5. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn ann a bhith a’ gabhail cheuman deimhinneach gus a’ chùis a dhèanamh air na cnapan-starra structarach is siostamach gu ionnsachadh, coileanadh agus adhartas airson a h-uile neach-ionnsachaidh is coimhearsnachd?
  6. Dè an ìre as urrainn dhuinn fianais a chur air adhart gu bheil cothroman-beatha airson luchd-ionnsachaidh air a dhol am meud?
  7. Dè cho soirbheachail ’s a tha sinn a’ cleachdadh Measaidhean Buaidh air Co-Ionannachd, agus far a bheil e iomchaidh Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach, còmhla ri prìomh luchd-pàirt gus taic a thoirt do dh’obair gus neo-ionannachdan leanaltach a lùghdachadh?
  8. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh planadh air, ag obair air agus a’ dèanamh measadh air na stòrasan is faisneis againn, agus gan co-phàirteachadh ri luchd-pàirt, air chor ’s gun ruig sinn an fheadhainn a tha a’ fulang nam buaidhean as miosa bho neo-ionannachdan leanaltach?
  9. Ciamar a tha fios againn, agus ciamar a tha sinn an uair sin a’ dèanamh cinnteach, gu bheil sinn ann an dòigh eagarach a’ cur air adhart agus a’ luachadh cothromachd, co-ionannachd agus iomadachd agus a’ cur an aghaidh claon-bhreith agus leth-bhreith?
  10. Dè cho math ’s a tha na planaichean ro-innleachdail, gnothachais agus obrachaidh againn a’ fighe a-steach cothromachd, co-ionannachd agus iomadachd anns a h-uile taobh den obair againn?
  11. Dè cho math ‘s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil na buidhnean is structaran a tha a’ dèanamh cho-dhùnaidhean gu buileach a’ riochdachadh dhaoine air a bheil buaidh aig neo-ionannachdan leanaltach is siostamach, a’ gabhail a-steach iadsan aig a bheil feartan dìonta?
  12. Dè cho math ’s a tha sinn a’ coileanadh nan riatanasan againn a bhith for-ghnìomhach ann a bhith ag obair a dh’ionnsaigh cur às dha leth-bhreith is claon-bhreith, gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd-pàirteachaidh soilleir mu dheidhinn nan còirichean agus làn-chòraichean aca, agus gus co-ionannachd chothroman adhartachadh?