2.1 Coimhearsnachdan air an cumhachdachadh
Cuspairean:
- Gnìomhach agus a’ lìbhrigeadh
- Ion-ghabhalta agus làidir
- Buadhmhor agus co-ionann
Sgead-dhealbh ìre 5:
Gnìomhach agus a’ lìbhrigeadh
Air feadh ar coimhearsnachdan, tha saor-thoilich agus buidhnean coimhearsnachd a’ lìbhrigeadh sheirbheisean a tha a’ toirt piseach air beathannan agus a’ coileanadh fheumalachdan sòisealta, cultarach, àrainneachdail agus foghlamach. Tha ceannardan coimhearsnachd, luchd-iomairt agus buidhnean àrd-amasach airson nan coimhearsnachdan aca. Tha iad for-ghnìomhach ann a bhith ag obair le prìomh luchd-pàirt gus cùisean sna coimhearsnachdan aca a chomharrachadh agus ann a bhith a’ dèiligeadh riutha. Mar thoradh air an obair aca, tha iadsan a tha fo ana-cothrom bho atharrachaidhean cudromach sa chomann shòisealta nas comasaich air pàirt a ghabhail sna coimhearsnachdan aca agus adhartas a dhèanamh nam beathannan. Tha saor-thoilich a’ manaidseadh so-mhaoinean gu math, a’ cumail suas solarachd agus a’ ruith ghoireasan coimhearsnachd gu h-èifeachdach. Tha ìre àrd de shaor-thoileachas am measg dhaoine den h-uile aois, a’ gabhail a-steach òigridh agus an fheadhainn ann an cunnart a bhith air an cumail a-mach. Tha saor-thoilich misneachail, sgileil agus dealasach. Tha an cur a-steach air aithneachadh, air a luachadh agus air a chomharrachadh gu cunbhalach.
Ion-ghabhalta agus làidir
Tha a’ choimhearsnachd againn ion-ghabhalta, co-sheasmhach, ath-leumach agus làidir. Tha faireachdainn shoilleir aig buill coimhearsnachd gu bheil iad a’ buntainn ris a’ choimhearsnachd agus tha iad a’ sìor-fhàs moiteil aiste. Tha buidhnean, comainn agus ceannardan sa choimhearsnachd ag aithneachadh gu bheil coimhearsnachdan eugsamhail is iomadach agus gur ann ainneamh a bhios iad a’ bruidhinn gu h-aon-ghuthach. Tha iad ag obair gu math còmhla ri chèile agus ri luchd-pàirt gus dèanamh cinnteach gu bheil cha mhòr a h-uile raon sa choimhearsnachd air a ghabhail a-steach agus air a riochdachadh. Tha na modhan-obrach airson co-chomhairleachadh, conaltradh agus gabhail pàirt uile ion-ghabhalta. Tha luchd-pàirteachaidh ann am prògraman coimhearsnachd ag aithris gun do dh’fhairich iad gu bheil iad air an luachadh agus gu bheilear a’ cur fàilte orra, agus ’s e am fèin-fhiosrachadh gu bheilear a’ toirt meas do an còirichean. Tha lìonraidhean coimhearsnachd ion-ghabhalta agus leasaichte gu math, agus tha iad a’ fiosrachadh agus a’ toirt taic do leasachadh. Barrachd is barrachd, tha com-pàirteachasan co-ionann eadar buidhnean saor-thoileach agus seirbheisean poblach a’ cuideachadh gus builean a leasachadh, a neartachadh, a chumail suas agus a dhèanamh nas fheàrr airson bhall coimhearsnachd.
Buadhmhor agus co-ionann
Tha buaidh aig buill coimhearsnachd, gach cuid coimhearsnachdan de sgìrean cruinn-eòlach agus coimhearsnachdan de dh’ùidh, air co-dhùnaidhean a tha a’ bualadh air na coimhearsnachdan aca. Is urrainn do riochdairean coimhearsnachd is bhuidhnean dearbhadh mar a tha iad air buaidh a thoirt air atharrachadh agus leasachadh mar thoradh air a’ chur a-steach a rinn iad. Tha buill coimhearsnachd misneachail a bhith a’ co-phàirteachadh an cuid eòlais is fèin-fhiosrachaidh gus stiùireadh a thoirt air leasachaidhean ionadail, roinneil is nàiseanta mar a tha iomchaidh. Tha seirbheisean poblach a’ sìor-obair le buidhnean coimhearsnachd gus prìomhachasan co-phàirtichte a chomharrachadh agus aontachadh, co-dhùnaidhean a dhèanamh air mar a chleachdar stòrasan agus seirbheisean a cho-dhealbhachadh agus a lìbhrigeadh. Tha riochdairean coimhearsnachd air an luachadh mar luchd-pàirt co-ionann aig a h-uile ìre de phlanadh coimhearsnachd is planadh ionadail. Mar thoradh air sin, barrachd is barrachd tha planadh coimhearsnachd comasach air prìomh phrìomhachasan a chomharrachadh agus dèiligeadh riutha.
Ceistean dùbhlain:
- Dè an ìre de shaor-thoileachas a tha ann sa choimhearsnachd againn?
- A bheil saor-thoilich riochdalach air iomadachd na coimhearsnachd?
- Dè cho math ’s a thathar ag aithneachadh agus a’ comharrachadh na tha saor-thoilich is buidhnean coimhearsnachd a’ cur a-steach?
- Dè cho math ’s a tha buidhnean coimhearsnachd a’ freagairt ri agus a’ dèiligeadh ri cùisean ionadail?
- Ciamar a tha fios againn gu bheil sinn a’ comharrachadh agus a’ toirt taic dhaibhsan a tha air an iomallachadh no ann an cunnart a bhith air leth sa choimhearsnachd againn?
- Dè cho làidir ’s a tha an fhaireachdainn am measg bhall coimhearsnachd gu bheil iad a’ buntainn ris a’ choimhearsnachd aca agus gu bheil moit aca aiste.
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do bhuill coimhearsnachd a bhith a’ faireachdainn an sàs ann an gnothaichean agus a’ gabhail pàirt annta?
- Dè cho èifeachdach is cho ion-ghabhalta ’s a tha na lìonraidhean taobh a-staigh na coimhearsnachd againn, agus dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic dhaibh?
- Dè cho buadhmhor ’s a tha buidhnean coimhearsnachd agus luchd-iomairt a tha an sàs ann an structaran is pròiseasan co-dhùnaidh?
- Ciamar a tha fios againn gu bheil com-pàirteachadh coimhearsnachd a’ toirt stùireadh do agus buaidh air atharrachadh deimhinneach?
- Dè cho leasaichte is co-ionann ’s a tha na com-pàirteachasan eadar buidhnean coimhearsnachd, seirbheisean poblach agus buidhnean an treas raoin?
- Dè cho èifeachdach ’s a tha luchd-pàirt a’ gabhail a-steach riochdairean bho choimhearsnachdan de dh’ùidh ann an co-dhùnaidhean a bhios a’ toirt buaidh air am beathannan?