2.2 Ionnsachadh fad-bheatha
Cuspairean:
- Ag ionnsachadh aig gach ìre de bheatha
- Ag ionnsachadh tarsainn nan ginealaichean
- Ath-leumachd agus atharrachadh
Sgead-dhealbh ìre 5:
Ag ionnsachadh aig gach ìre de bheatha
Tha an t-ionnsachadh a tha sinn a’ tairgsinn airson gach ìre de bheatha de dh’àrd-chàileachd agus stèidhte air feuman is àrd-mhiannan an luchd-ionnsachaidh. Tro chom-pàirteachas sna prògraman obair-òigridh againn, tha cha mhòr a h-uile pàiste is duine òg nas misneachail, tha barrachd ath-leumachd aca agus tha iad a’ faighinn eòlas agus sgilean a dh’fhaodas iad cur an gnìomh ann an co-theacsaichean nas fharsainge. Tha iad nas comsaiche air beachdachadh air agus a’ dèiligeadh ri cunnart, dèanamh cho-dhùnaidhean reusanta agus faighinn smachd air am beathannan. Tha luchd-ionnsachaidh inbhich a’ faighinn eòlas is sgilean a tha a’ freagairt ri an ùidhean, amasan is àrd-mhiannan. Tha cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh inbhich a’ coileanadh an amasan ionnsachaidh. Tha a’ mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh inbhich a’ dèanamh adhartais gu ionnsachadh a bharrachd, trèanadh, saor-thoileachas no sna h-amasan cosnaidh aca. Tha luchd-ionnsachaidh inbhich a tha cheana air an dreuchd a leigeil dhiubh, no nach eil comasach air obair idir, a’ gabhail pàirt agus an sàs sa ghnothach, agus tha iad a’ faighinn taic mhath gus dùbhlain a choileanadh nam beathannan agus a bhith a' dèiligeadh riutha.
Ag ionnsachadh tarsainn nan ginealaichean
Tha na progràman ionnsachaidh eadar-ghinealach againn a’ cuideachadh ann a bhith a’ cur an aghaidh ghnàth-sheòrsan agus a’ toirt chnapan-starra gu in-ghabhaltachd air falbh tro bhith a’ luachadh cur a-steach bhon a h-uile duine. Mar thoradh air sin, tha na coimhearsnachdan againn nas treasa agus soirbheasach. Tha luchd-pàirteachaidh den h-uile aois ag ionnsachadh bho chàch a chèile agus misneachail ann a bhith a’ sireadh cobhair bho chàch a chèile. Tha luchd-pàirteachaidh a’ toirt spèis do, agus a’ cur meas air, èolas, cànanan, sgilean agus fèin-fhiosrachaidhean nan diofar ghinealaichean agus tha iad a’ faicinn luach ann a bhith a’ co-phàirteachadh an fhèin-fhiosrachaidh aca fhèin. Tha an obair againn le teaghlaichean a’ togail misneachd phàrantan is luchd-cùraim gus taic a thoirt do ionnsachadh is leasachadh an cuid chloinne. Tha cha mhòr a h-uile neach-pàirteachaidh a’ gabhail com-pàirt ghnìomhach agus a’ coileanadh phrògraman far a bheil sin iomchaidh. Tha na prògraman ionnsachaidh teaghlaich againn a’ comasachadh phàrantan, luchd-cùraim, clann agus daoine òga ann an leithid a dhòigh ’s gu bheil e a’ còrdadh riutha a bhith ag ionnsachadh còmhla agus a bhith a’ coileanadh an amasan.
Ath-leumachd agus atharrachadh
Tha an tairgse CLD againn a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh den h-uile aois agus aig gach ìre de bheatha a bhith gam freagarrachadh ri atharrachaidhean ann am beathannan, an coimhearsnachdan agus sa chomann shòisealta. Tha barrachd ath-leumachd aig cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh agus tha iad nas comasaiche air dèiligeadh ri atharrachadh mar thoradh air pàirt a ghabhail ann an cothroman CLD a bha air an deagh dhealbhachadh agus air an deagh lìbhrigeadh. Tha luchd-ionnsachaidh ag aithris gu bheil iad a’ faighinn dùbhlan is taic, a tha iomchaidh is tìmeil, gus an comasachadh a bhith a’ dèanamh atharrachaidhean nam beathannan fhèin agus gam freagarrachadh fhèin gu bhith a’ freagairt ri atharrachadh bhon taobh a-muigh. Tha fianais shoilleir againn gu bheil iadsan a tha fo ana-cothrom no air an dèanamh so-leònta le atharrachaidhean brìgheil aig ìre ionadail, nàiseanta no eadar-nàiseanta a’ sìor-fhàs comasach air pàirt a ghabhail agus adhartas a dhèanamh mar thoradh air eadar-theachdan CLD. Tha com-pàirteachadh ann an gnìomhachdan agus prògraman a’ toirt taic do dhaoine de gach aois a tha a’ fidreadh eadar-ghluasad no atharrachadh air chor ’s gum bi iad a’ faireachdainn gu bheil barrachd ath-leumachd aca agus gu bheil iad nas misneachail.
Ceistean dùbhlain
- Dè cho math ’s a tha an tairgse ionnsachaidh againn airson clann, daoine òga, inbhich agus teaghlaichean stèidhte air am feumalachdan is ùidhean?
- A bheil clann, daoine òga agus inbhich comasach air an cuid ionnsachaidh a chur an gnìomh ann an co-theacsaichean eile?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil prògraman ionnsachaidh sàbhailte agus gu bheil luchd-pàirteachaidh a’ faireachainn gu bheil iad air an gabhail a-steach agus gu bheil meas ga thoirt dhaibh?
- Cia mheud am measg an luchd-ionnsachaidh againn a tha a’ coileanadh an amasan comharraichte?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh solar airson dhaoine de gach aois is ìre bheatha a bhith ag ionnsachadh, a’ coileanadh agus a’ leasachadh an sgilean?
- A bheil na prògraman teaghlaich againn ag amas air teaghlaichean bho raon de chùl-raointean sòisealta, cànanach agus cultarach?
- Dè cho math ’s a tha na prògraman ionnsachaidh eadar-ghinealach againn a’ toirt taic do luchd-pàirteachaidh de gach aois gu bhith ag ionnsachadh bho chàch a chèile?
- Dè cho math ’s a tha na prògraman ionnsachaidh againn a’ toirt taic do luchd-pàirteachaidh gus cultar na sgìre a chumail, leithid cumail suas na Gàidhlig?
- Dè cho math ‘s a tha na prògraman ionnsachaidh againn a’ comasachadh luchd-pàirteachaidh gu bhith a’ tuigsinn agus a’ dol an sàs ann am prògraman ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta, leithid nam prògraman a tha co-cheangailte ri Ionnsachadh airson So-sheasmhachd?
- Dè cho math ’s a tha sinn ag aithneachadh, a’ luachadh agus a’ comharrachadh coileanaidhean na cloinne, dhaoine òga, inbheach agus theaghlaichean?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh de gach aois air chor ’s gum bi barrachd ath-leumachd aca agus gum bi iad a’ dèiligeadh ri atharrachadh?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil cnapan-starra gu com-pàirteachadh gan comharrachadh agus gan lùghdachadh?
- Dè cho misneachail ’s a tha sinn gu bheil luchd-pàirteachaidh a tha a’ fidreadh eadar-ghluasadan nas misneachail agus nas comasaiche?